Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iosua 2 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus chuir Iosua mac Nuin a‑mach à Sitim dithis dhaoine a rannsachadh a‑mach gu h‑uaigneach, ag ràdh, Imichibh, rannsaichibh a‑mach an tìr, agus Iericho: agus dh’imich iad, agus chaidh iad a‑steach do thaigh strìopaich, dom b’ainm Rahab, agus laigh iad an sin.

2 Agus dh’innseadh do rìgh Iericho, ag ràdh, Feuch, thàinig daoine an seo a‑nochd, de chloinn Israeil, a rannsachadh a‑mach na tìre.

3 Agus chuir rìgh Iericho teachdaire gu Rahab, ag ràdh, Thoir a‑mach na daoine a thàinig ad ionnsaigh, a chaidh a‑steach dod thaigh: oir is ann a rannsachadh a‑mach na tìre uile a thàinig iad.

4 Agus ghabh a’ bhean an dithis dhaoine, agus dh’fhalaich i iad, agus thubhairt i mar seo, Thàinig gun amharas daoine am ionnsaigh, ach cha robh fhios agam cia as a thàinig iad:

5 Agus thachair mu àm druideadh a’ gheata, nuair a bha e dorcha, gun deachaidh na daoine a‑mach: càit an deachaidh na daoine, chan fhios dhomh: leanaibh gu luath air an tòir, oir beiridh sibh orra.

6 Ach bha i air an toirt suas gu mullach an taighe, agus air am falach le cuiseagan an lìn, a leag i an òrdagh air mullach an taighe.

7 Agus lean na daoine air an tòir anns an t‑slighe gu Iòrdan, gu ruig na h‑àthan; agus cho luath is a chaidh a’ mhuinntir a bha air an tòir a‑mach, dhruid iad an geata.

8 Agus mun robh iad air laighe sìos, chaidh i suas dan ionnsaigh air mullach an taighe;

9 Agus thubhairt i ris na daoine, Tha fhios agam gu bheil an Tighearna air toirt dhuibh na tìre, agus gu bheil ur n‑uamhas air tuiteam oirnne, agus gu bheil luchd-àiteachaidh na tìre uile air leaghadh as le eagal romhaibh:

10 Oir chuala sinne cionnas a thiormaich an Tighearna suas uisge na mara ruaidhe romhaibh, nuair a thàinig sibh a‑mach as an Eiphit; agus ciod a rinn sibh air dà rìgh nan Amorach, a bha air an taobh eile de Iòrdan, Sihon agus Og, a sgrios sibh gu tur.

11 Agus cho luath is a chuala sinne na nithean sin, leagh ar cridheachan, agus cha d’fhan tuilleadh a’ bheag de mhisnich ann an duine sam bith air ur son-se: oir an Tighearna ur Dia, is esan Dia anns na nèamhan shuas, agus air an talamh a‑bhos.

12 A‑nis uime sin guidheam oirbh, mionnaichibh dhomh air an Tighearna, a chionn gun do nochd mi coibhneas dhuibh, gun nochd sibhse mar an ceudna coibhneas do thaigh m’athar-sa, agus gun toir sibh dhomh comharradh cinnteach;

13 Agus gun glèidh sibh beò m’athair, agus mo mhàthair, agus mo bhràithrean, agus mo pheathraichean, agus na h‑uile a tha aca, agus gun saor sibh ar n‑anaman on bhàs.

14 Agus fhreagair na daoine i, Ar n‑anam-ne air ur son-se gu bàs, mura foillsich sibh an gnothach seo againn. Agus tàrlaidh, nuair a bheir an Tighearna dhuinn an tìr, gum buin sinn gu coibhneil agus gu fìrinneach riutsa.

15 An sin leig i sìos iad air còrd tron uinneig: oir bha a taigh air balla a’ bhaile, agus bha i a chòmhnaidh air a’ bhalla.

16 Agus thubhairt i riu, Thugaibh am monadh oirbh, air eagal gun coinnich an luchd-tòrachd sibh; agus falaichibh sibh fhèin an sin trì làithean, gus am bi an luchd-tòrachd air tilleadh, agus an dèidh sin faodaidh sibh imeachd air ur slighe.

17 Agus thubhairt na daoine rithe, Bidh sinne neochiontach a‑thaobh iad seo do mhionnan a thug thu oirnn a mhionnachadh.

18 Feuch, nuair a thig sinn don tìr, ceanglaidh tu an stìom seo de shnàth sgàrlaid anns an uinneig tron do leig thu sìos sinn: agus bheir thu d’athair, agus do mhàthair, agus do bhràithrean, agus teaghlach d’athar uile, dhachaigh ad ionnsaigh.

19 Agus tàrlaidh, ge bè neach a thèid a‑mach air dorsan do thaighe don t‑sràid, gum bi a fhuil air a cheann fhèin, agus bidh sinne neochiontach: agus ge bè neach a bhios maille riut anns an taigh, bidh a fhuil air ar ceann-ne ma bheanas làmh ris.

20 Agus ma dh’fhoillsicheas tu an gnothach seo againn, an sin bidh sinne saor od mhionnan a thug thu oirnn a mhionnachadh.

21 Agus thubhairt ise, A rèir ur briathran mar sin biodh e. Agus chuir i air falbh iad, agus dh’imich iad: agus cheangail i an stìom sgàrlaid anns an uinneig.

22 Agus dh’fhalbh iad, agus thàinig iad don mhonadh, agus dh’fhan iad an sin trì làithean, gus an do thill an luchd-tòrachd. Agus dh’iarr an luchd-tòrachd iad air feadh na slighe uile, ach cha d’fhuair iad iad.

23 Mar sin thill an dithis dhaoine, agus chaidh iad sìos on mhonadh, agus chaidh iad thairis, agus thàinig iad gu Iosua mac Nuin, agus dh’innis iad dha gach nì a thachair dhaibh.

24 Agus thubhairt iad ri Iosua, Gu fìrinneach thug an Tighearna thairis dar làimh am fearann uile: oir tha eadhon luchd-àiteachaidh na tìre uile air leaghadh far comhair.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan