Iosua 18 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus chruinnich coitheanal chloinn Israeil uile an ceann a chèile aig Siloh, agus chuir iad suas pàillean a’ choitheanail an sin, agus cheannsaicheadh an tìr romhpa. 2 Agus bha fhathast am measg chloinn Israeil seachd treubhan nach d’fhuair an oighreachd. 3 Agus thubhairt Iosua ri cloinn Israeil, Cia fhad a tha sibh mall a dhol a shealbhachadh an fhearainn, a thug an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, dhuibh? 4 Thugaibh a‑mach dhòmhsa as ur measg triùir dhaoine as gach treubh; agus cuiridh mi uam iad, agus èiridh iad, agus thèid iad tron fhearann, agus tàirngidh iad e a rèir an oighreachd-san, agus thig iad am ionnsaigh-sa a‑rìs. 5 Agus roinnidh iad e na sheachd earrannan: fanaidh Iùdah na chrìch fhèin air an taobh mu dheas, agus fanaidh taigh Iòseiph na chrìch fhèin air an taobh mu thuath. 6 Uime sin tàirngidh sibh am fearann na sheachd earrannan, agus bheir sibh an tarraing an seo am ionnsaigh-sa, a‑chum gun tilg mi croinn air ur son an seo an làthair an Tighearna ar Dia. 7 Ach chan eil aig na Lèbhithich roinn sam bith nur measg, oir is i sagartachd an Tighearna an oighreachd-san: agus fhuair Gad, agus Reuben, agus leth-threubh Mhanaseh, an oighreachd-san an taobh thall de Iòrdan air an làimh an ear, a thug Maois, òglach an Tighearna, dhaibh. 8 Agus dh’èirich na daoine, agus dh’fhalbh iad: agus dh’àithn Iosua dhaibhsan a chaidh a tharraing an fhearainn, ag ràdh, Imichibh, agus rachaibh tron fhearann, agus tàirngibh e, agus thigibh a‑rìs am ionnsaigh-sa, a‑chum gun tilg mi an seo croinn air ur son, an làthair an Tighearna ann an Siloh. 9 Agus dh’imich na daoine, agus chaidh iad tron fhearann, agus tharraing iad e a rèir a bhailtean na sheachd earrannan, ann an leabhar, agus thàinig iad gu Iosua don champ aig Siloh. 10 Agus thilg Iosua croinn air an son ann an Siloh, an làthair an Tighearna: agus an sin roinn Iosua am fearann do chloinn Israeil, a rèir an roinnean. 11 Agus thàinig crannchur treubh chloinn Bheniàmin a‑mach a rèir an teaghlaichean: agus chaidh crìoch an crannchuir a‑mach eadar clann Iùdah agus clann Iòseiph. 12 Agus bha an crìoch air an taobh mu thuath o Iòrdan; agus chaidh a’ chrìoch suas gu taobh Iericho air an taobh mu thuath, agus chaidh i suas tron mhonadh a làimh na h‑àird an iar, agus bha a dol a‑mach aig fàsach Bhet-abhen. 13 Agus chaidh a’ chrìoch thairis o sin gu Luds, gu taobh Luds (is e sin Betel) ri deas, agus chaidh a’ chrìoch sìos gu Atarot-adar, am fagas don t‑sliabh a tha air an taobh dheas de Bhet-horon ìochdarach. 14 Agus thàirngeadh a’ chrìoch o sin, agus chuartaich i oisean na mara ri deas, on t‑sliabh a tha fa chomhair Bhet-horoin ri deas: agus bha a dol a‑mach aig Ciriat-bàal (is e sin Ciriat-iearim), baile le cloinn Iùdah. B’i sin a’ cheàrn an iar. 15 Agus bha a’ cheàrn mu dheas o cheann Chiriat-iearim, agus chaidh a’ chrìoch a‑mach air an làimh an iar, agus ghabh i a‑mach gu tobar uisgeachan Nephtoah. 16 Agus chaidh a’ chrìoch sìos gu ceann na beinne, a tha fa chomhair gleann mac Hinoim, a tha ann an gleann nam famhairean air an taobh mu thuath, agus chaidh i sìos gu gleann Hinoim, gu taobh Iebusi air an làimh dheis, agus ghabh i sìos gu En‑rogel. 17 Agus thàirngeadh i on taobh mu thuath, agus ghabh i air a h‑aghaidh gu En‑semes, agus chaidh i a‑mach a dh’ionnsaigh Ghelilot, a tha thall fa chomhair uchdach Adumim, agus ghabh i sìos gu cloich Bhohain mhic Reubein. 18 Agus ghabh i air a h‑aghaidh a‑chum an taoibh thall fa chomhair Arabah mu thuath, agus chaidh i sìos gu Arabah; 19 Agus ghabh a’ chrìoch thairis gu taobh Bhet-hoglah mu thuath; agus bha dol a‑mach na crìche aig an lùib mu thuath den mhuir shalainn, aig ceann Iòrdain mu dheas. B’i sin a’ chrìoch mu dheas. 20 Agus b’i Iòrdan a’ chrìoch air an làimh an ear. B’i sin oighreachd chloinn Bheniàmin, le a crìochan mun cuairt a rèir an teaghlaichean. 21 A‑nis b’iad bailtean mòra treubh chloinn Bheniàmin, a rèir an teaghlaichean, Iericho agus Bet-hoglah, agus gleann Chesis, 22 Agus Bet-arabah, agus Semaraim, agus Betel, 23 Agus Abhim, agus Parah, agus Ophrah, 24 Agus Chephar-haamonai, agus Ophni, agus Gabah: dà mhòr-bhaile dheug lem bailtean beaga. 25 Gibeon, agus Ramah, agus Beerot, 26 Agus Mispeh, agus Chephirah, agus Mosah, 27 Agus Rechem, agus Irpeel, agus Taralah, 28 Agus Selah, Eleph, agus Iebusi (is e sin Ierusalem), Gibeat, agus Ciriat: ceithir mòr-bhailtean deug lem bailtean beaga. B’i sin oighreachd chloinn Bheniàmin, a rèir an teaghlaichean. |