Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iosua 17 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Bha mar an ceudna crannchur aig treubh Mhanaseh (oir b’esan ciad-ghin Iòseiph), eadhon aig Machir, ciad-ghin Mhanaseh, athair Ghilead; a chionn gum b’fhear-cogaidh e: uime sin bha Gilead agus Basan aige.

2 Bha mar an ceudna crannchur aig a’ chuid eile de chloinn Mhanaseh a rèir an teaghlaichean; aig cloinn Abieseir, agus aig cloinn Heleic, agus aig cloinn Asrieil, agus aig cloinn Shecheim, agus aig cloinn Hepheir, agus aig cloinn Shemida: b’iad sin clann-mhac Mhanaseh mhic Iòseiph, a rèir an teaghlaichean.

3 Ach aig Selophehad mac Hepheir, mhic Ghilead, mhic Mhachir, mhic Mhanaseh, cha robh mic, ach nigheanan: agus is iad seo ainmean a nigheanan, Mahlah, agus Nòah, Hoglah, Milcah, agus Tirsah.

4 Agus thàinig iad am fagas an làthair Eleàsair, an sagart, agus an làthair Iosua mhic Nuin, agus an làthair nan uachdaran, ag ràdh, Dh’àithn an Tighearna do Mhaois oighreachd a thoirt dhuinne am measg ar bràithrean: uime sin a rèir àithne an Tighearna, thug e dhaibh oighreachd am measg bràithrean an athar.

5 Agus thuit air Manaseh deich cuibhreannan, a thuilleadh air fearann Ghilead agus Bhasain, a bha air an taobh eile de Iòrdan,

6 A chionn gu robh aig nigheanan Mhanaseh oighreachd am measg a chuid mhac; agus bha fearann Ghilead aig a’ chuid eile de mhic Mhanaseh.

7 Agus bha crìoch Mhanaseh o Aser gu Michmetah, a tha fa chomhair Shecheim, agus chaidh a’ chrìoch air a h‑aghaidh air an làimh dheis gu luchd-àiteachaidh En‑tapuah.

8 A‑nis bha aig Manaseh fearann Thapuah: ach Tapuah air crìch Mhanaseh bu le cloinn Ephraim.

9 Agus chaidh a’ chrìoch sìos gu sruth Chanah mu dheas den t‑sruth: bha bailtean sin Ephraim am measg bailtean Mhanaseh; bha mar an ceudna crìoch Mhanaseh air an taobh mu thuath den t‑sruth, agus bha a dol a‑mach aig an fhairge.

10 An taobh mu dheas bu le Ephraim, agus an taobh mu thuath bu le Manaseh, agus b’i an fhairge a chrìoch, agus choinnich iad a chèile ann an Aser air an taobh mu thuath, agus ann an Isachar air an taobh an ear.

11 Agus bha aig Manaseh ann an Isachar agus ann an Aser, Bet-sean agus a bhailtean, agus Ibleam agus a bhailtean, agus luchd-àiteachaidh Dhoir agus a bhailtean, agus luchd-àiteachaidh En‑doir agus a bhailtean, agus luchd-àiteachaidh Thaanaich agus a bhailtean, agus luchd-àiteachaidh Mhegido agus a bhailtean; eadhon trì dùthchannan.

12 Gidheadh cha b’urrainn clann Mhanaseh luchd-àiteachaidh nam bailtean sin fhògradh a‑mach; ach b’àill leis na Canàanaich còmhnaidh a ghabhail anns an tìr sin.

13 Gidheadh thàrladh, nuair a dh’fhàs clann Israeil làidir, gun do chuir iad na Canàanaich fo chìs; ach cha d’fhògair iad gu tur a‑mach iad.

14 Agus labhair clann Iòseiph ri Iosua, ag ràdh, Carson nach tug thu dhòmhsa ach aon chrannchur agus aon chuibhreann rin sealbhachadh, agus gur sluagh mòr mi, agus gun do bheannaich an Tighearna mi gus a seo?

15 Agus fhreagair Iosua iad, Mas sluagh mòr thu, imich suas don choilltich, agus geàrr sìos dhut fhèin àit an sin ann am fearann nam Peridseach agus nam famhairean, ma tha sliabh Ephraim ro chumhang dhut.

16 Agus thubhairt clann Iòseiph, Cha leòr an sliabh dhuinne; agus tha aig na Canàanaich uile a tha a chòmhnaidh ann am fearann a’ ghlinne carbadan iarainn, an dà chuid acasan a tha am Bet-sean agus na bhailtean, agus acasan a tha an gleann Iesreeil.

17 Agus labhair Iosua ri taigh Iòseiph, ri Ephraim, agus ri Manaseh, ag ràdh, Is sluagh mòr thu, agus tha cumhachd mòr agad; cha bhi agad aon chrannchur a‑mhàin.

18 Ach bidh an sliabh agadsa, oir is coille e; agus gearraidh tu sìos i: agus bidh a dhol a‑mach agad: oir fògraidh tu a‑mach na Canàanaich, ged tha carbadan iarainn aca, agus ged tha iad làidir.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan