Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iosua 16 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus chaidh crannchur chloinn Iòseiph a‑mach o Iòrdan làimh ri Iericho gu uisgeachan Iericho air an làimh an ear, a dh’ionnsaigh an fhàsaich a’ dol suas o Iericho gu sliabh Bheteil,

2 Agus tha e a’ dol a‑mach o Bhetel gu Luds, agus a’ gabhail seachad gu crìochan Archi gu Atarot,

3 Agus a’ gabhail sìos a làimh na h‑àird an iar gu crìch Iaphleti, gu crìch Bhet-horoin ìochdaraich, agus gu Gèser: agus tha a dhol a‑mach aig an fhairge.

4 Mar sin ghabh clann Iòseiph, Manaseh, agus Ephraim, an oighreachd.

5 Agus bha crìoch chloinn Ephraim, a rèir an teaghlaichean, mar seo: b’i eadhon crìoch an oighreachd air an làimh an ear Atarot-adar, gu Bet-horon uachdarach:

6 Agus chaidh a’ chrìoch a‑mach a dh’ionnsaigh na fairge, gu Michmetah air an taobh mu thuath; agus chaidh a’ chrìoch mun cuairt a làimh na h‑àird an ear gu Taanot-siloh, agus ghabh i seachad air an taobh an ear gu Ianohah:

7 Agus chaidh i sìos o Ianohah gu Atarot, agus gu Naarat, agus thàinig i gu Iericho, agus chaidh i a‑mach aig Iòrdan.

8 Chaidh a’ chrìoch a‑mach o Thapuah a làimh na h‑àird an iar gu sruth Chanah; agus bha a dol a‑mach aig an fhairge. B’i sin oighreachd treubh chloinn Ephraim, a rèir an teaghlaichean.

9 Agus bha na bailtean mòra a chuireadh air leth do chloinn Ephraim, am measg oighreachd chloinn Mhanaseh, na bailtean mòra uile lem bailtean beaga.

10 Agus cha d’fhògair iad a‑mach na Canàanaich a bha a chòmhnaidh ann an Gèser: ach tha na Canàanaich nan còmhnaidh am measg nan Ephraimeach gus an là‑an‑diugh; agus tha iad a’ dèanamh seirbhis dhaibh fo chìs.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan