Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iosua 14 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus is iad seo na dùthchannan a fhuair clann Israeil mar oighreachd ann an tìr Chanàain, a roinn Eleàsar an sagart, agus Iosua mac Nuin, agus cinn-fheadhna athraichean treubhan chloinn Israeil mar oighreachd dhaibh.

2 Le crannchur bha an oighreachd, mar a dh’àithn an Tighearna le làimh Mhaois, do na naoi treubhan agus an leth-threubh.

3 Oir bha Maois air tabhairt oighreachd do dhà threubh, agus do leth-threubh, air an taobh eile de Iòrdan: ach do na Lèbhithich cha tug e oighreachd sam bith nam measg.

4 Oir bha clann Iòseiph nan dà threubh, Manaseh agus Ephraim: uime sin cha tug iad roinn sam bith do na Lèbhithich anns an fhearann, saor o bhailtean gu còmhnaidh a ghabhail annta, maille rim fearann co‑roinn dan sprèidh, agus dam maoin.

5 Mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn clann Israeil, agus roinn iad am fearann.

6 An sin thàinig clann Iùdah gu Iosua ann an Gilgal; agus thubhairt Càleb mac Iephuneh an Ceniseach ris, Tha fhios agad air an nì a thubhairt an Tighearna ri Maois, òglach Dhè, am thaobh-sa, agus ad thaobh fhèin, ann an Cadeis-barnea.

7 Dà‑fhichead bliadhna a dh’aois bha mise nuair a chuir Maois, òglach Dhè, mi o Chadeis-barnea, a rannsachadh a‑mach an fhearainn; agus thug mi air ais fios da ionnsaigh, mar a bha e ann am chridhe.

8 Gidheadh, thug mo bhràithrean, a chaidh suas maille rium, air cridhe an t‑sluaigh leaghadh: ach lean mise gu h‑iomlan an Tighearna mo Dhia.

9 Agus mhionnaich Maois air an là sin, ag ràdh, Gu cinnteach bidh am fearann, air an do shaltair do chas, agad fhèin mar oighreachd, agus aig do chloinn gu bràth; a chionn gun do lean thu gu h‑iomlan an Tighearna mo Dhia.

10 Agus a‑nis, feuch, ghlèidh an Tighearna mi beò, mar a thubhairt e, na còig agus an dà‑fhichead bliadhna seo, eadhon o labhair an Tighearna am facal seo ri Maois, am feadh a dh’imich clann Israeil anns an fhàsach; agus a‑nis, feuch, tha mi an‑diugh ceithir-fichead agus còig bliadhna a dh’aois.

11 Fhathast tha mi cho làidir an‑diugh is a bha mi anns an là anns an do chuir Maois uaithe mi: mar a bha mo neart an sin, mar sin tha mo neart a‑nis, a‑chum cogaidh, agus a dhol a‑mach, agus a theachd a‑steach.

12 A‑nis uime sin thoir dhomh a’ bheinn seo, mun do labhair an Tighearna anns an là ud; (oir chuala tu anns an là ud cionnas a bha na h‑Anacaich an sin, agus gu robh na bailtean mòr agus daingnichte;) ma thàrlas gum bi an Tighearna leam, an sin fògraidh mi a‑mach iad, mar a thubhairt an Tighearna.

13 Agus bheannaich Iosua e, agus thug e do Chàleb mac Iephuneh Hebron mar oighreachd.

14 Rinneadh uime sin Hebron na oighreachd do Chàleb mac Iephuneh, an Ceniseach, gus an là‑an‑diugh, a chionn gun do lean e gu h‑iomlan an Tighearna Dia Israeil.

15 Agus b’e ainm Hebroin roimhe Ciriat-arba; bha an t‑Arba seo na dhuine mòr am measg nan Anacach. Agus bha fois aig an tìr o chogadh.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan