Iosua 1 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 A‑nis, an dèidh bàs Mhaois, òglach an Tighearna, labhair an Tighearna ri Iosua mac Nuin, fear-frithealaidh Mhaois, ag ràdh, 2 Tha m’òglach Maois marbh: a‑nis uime sin èirich, gabh thairis air Iòrdan seo, thu fhèin, agus an sluagh seo uile, a dh’ionnsaigh na tìre a tha mise a’ tabhairt dhaibh, eadhon do chloinn Israeil. 3 Gach ionad air an saltair bonn ur coise, sin thug mi dhuibh, mar a thubhairt mi ri Maois. 4 On fhàsach, agus Lebanon seo, eadhon gus an abhainn mhòir, abhainn Euphràtes, tìr nan Hiteach uile, agus gus an fhairge mhòir, leth ri dol fodha na grèine, bidh na chrìch dhuibh. 5 Chan urrainn duine sam bith seasamh ad aghaidh uile làithean do bheatha. Mar a bha mi le Maois, mar sin bidh mi leatsa: cha dìobair mi thu, agus cha trèig mi thu. 6 Bi làidir, agus ro‑mhisneachail; oir don t‑sluagh seo roinnidh tu mar oighreachd an tìr a mhionnaich mi dan athraichean a thabhairt dhaibh. 7 A‑mhàin bi‑sa làidir agus ro‑mhisneachail, a‑chum gun toir thu an aire gun dèan thu a rèir an lagha uile a dh’àithn m’òglach Maois dhut: na tionndaidh uaithe a dh’ionnsaigh na làimhe deise no a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe, a‑chum gun soirbhich leat anns gach àite don tèid thu. 8 Cha tèid leabhar an lagha seo as do bheul; ach beachd-smaoinichidh tu air a là agus a dh’oidhche, a‑chum gun toir thu an aire gun dèan thu a rèir gach nì a tha sgrìobhte ann: oir an sin bheir thu air do shlighe soirbheachadh leat, agus an sin nì thu gu glic. 9 Nach d’àithn mise dhut? Bi làidir agus ro‑mhisneachail; na bi fo eagal, agus na biodh faitcheas ort: oir tha an Tighearna do Dhia leat anns gach ionad don tèid thu. 10 An sin dh’àithn Iosua do luchd-riaghlaidh an t‑sluaigh, ag ràdh, 11 Rachaibh tron champ, agus àithnibh don t‑sluagh, ag ràdh, Deasaichibh dhuibh fhèin lòn: oir an ceann trì làithean thèid sibh thar Iòrdan seo, a dhol a‑steach a shealbhachadh na tìre a tha an Tighearna ur Dia a’ toirt dhuibh ra sealbhachadh. 12 Agus ris na Reubenich, agus ris na Gadaich, agus ri leth-threubh Mhanaseh, labhair Iosua, ag ràdh, 13 Cuimhnichibh am facal a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna, dhuibh, ag ràdh, Thug an Tighearna ur Dia fois dhuibh, agus thug e dhuibh an tìr seo. 14 Fanaidh ur mnathan, ur clann bheag, agus ur sprèidh, anns an tìr a thug Maois dhuibh air an taobh seo de Iòrdan; ach thèid sibh fhèin thairis fo ur n‑airm ro ur bràithrean, sibhse uile a tha treun ann an neart, agus cuidichidh sibh leo; 15 Gus an toir an Tighearna fois dur bràithrean, mar a thug e dhuibhse, agus gun sealbhaich iadsan mar an ceudna an tìr a tha an Tighearna ur Dia a’ tabhairt dhaibh: an sin tillidh sibh gu tìr ur seilbhe, agus sealbhaichidh sibh i, eadhon an tìr a thug Maois, òglach an Tighearna, dhuibh air an taobh seo de Iòrdan, leth ri èirigh na grèine. 16 Agus fhreagair iad Iosua, ag ràdh, Na h‑uile nithean a dh’àithn thu dhuinne, nì sinn; agus ge bè taobh a chuireas tu sinn, thèid sinn. 17 A rèir mar a dh’èisd sinn ri Maois anns na h‑uile nithean, mar sin èisdidh sinn riutsa: a‑mhàin biodh an Tighearna do Dhia maille riut, mar a bha e maille ri Maois. 18 Gach duine a chuireas an aghaidh d’àithne, agus nach èisd rid bhriathran, anns na h‑uile nithean a dh’àithneas tu dha, cuirear gu bàs e: a‑mhàin bi làidir, agus ro‑mhisneachail. |