Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ionah 1 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 A‑nis thàinig facal an Tighearna gu Ionah mac Amitai, ag ràdh,

2 Èirich, imich gu Ninebheh, am baile mòr sin, agus tog do ghuth na aghaidh; oir tha an aingidheachd air teachd a‑nìos am làthair-sa.

3 Ach dh’èirich Ionah suas gu teicheadh do Tharsis o fhianais an Tighearna; agus chaidh e sìos gu Iopa; agus fhuair e long a’ dol gu Tarsis, agus phàigh e an luach-aisig, agus chaidh e sìos innte, gu dol leo gu Tarsis, o làthair an Tighearna.

4 Ach chuir an Tighearna a‑mach gaoth mhòr air an fhairge, agus bha onfhadh ro‑mhòr air an fhairge, ionnas gun do shaoil iad gum biodh an long air a briseadh.

5 An sin bha eagal air na maraichean agus ghlaodh iad gach duine ra dhia; agus thilg iad a‑mach am bathair a bha anns an luing don fhairge, a‑chum a h‑aotromachadh: ach chaidh Ionah sìos gu taobhan na luinge; agus laigh e, agus bha e na shuain chadail.

6 An sin thàinig maighistir na luinge da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, Ciod as ciall dhut, O thusa a tha ad chadal? Eirich, gairm air do Dhia; theagamh gun smaoinich Dia oirnn, a‑chum nach bàsaich sinn.

7 Agus thubhairt iad gach aon ra chompanach, Thigibh, agus tilgeamaid croinn, a‑chum gun aithnich sinn cò airson a tha an t‑olc seo air teachd oirnn. Mar sin thilg iad croinn, agus thuit an crannchur air Ionah.

8 An sin thubhairt iad ris, Innis dhuinn, guidheamaid ort, ciod a b’adhbhar don olc seo teachd oirnn; ciod as dreuchd dhut? Agus cia as a thàinig thu? Ciod as dùthaich dhut? Agus cò na daoine dem bheil thu?

9 Agus thubhairt e riu, Is Eabhraidheach mi, agus tha eagal an Tighearna Dia nèimh orm, an Tì a rinn an cuan agus an talamh tioram.

10 An sin bha na daoine fo anbharr eagail, agus thubhairt iad ris, Carson a rinn thu seo? (Oir thuig na daoine gun do theich e o làthair an Tighearna; oir dh’innis e dhaibh.)

11 An sin thubhairt iad ris, Ciod a nì sinn riut, a‑chum gum bi an fhairge ciùin dhuinn? (Oir bha onfhadh na fairge a’ fàs na bu mhò agus na bu mhò.)

12 Agus thubhairt e riu, Togaibh suas mi, agus tilgibh a‑mach mi anns an fhairge; mar sin bidh an fhairge ciùin dhuibhse; oir tha fhios agam gur ann air mo shon-sa a tha an doineann mhòr seo oirbh.

13 Gidheadh dh’iomair na daoine gu cruaidh, a‑chum tilleadh gu tìr, ach cha b’urrainn iad; oir dh’fhàs onfhadh na fairge na bu mhò agus na bu mhò nan aghaidh.

14 Air an adhbhar sin, ghlaodh iad ris an Tighearna, agus thubhairt iad, Guidheamaid ort, O Thighearna, na leig dhuinne bàsachadh airson anam an duine seo, agus na leig oirnn fuil neochiontach: oir rinn thusa, O Thighearna, mar a b’àill leat fhèin.

15 An sin ghlac iad Ionah, agus thilg iad a‑mach e anns an fhairge; agus sguir an fhairge de a boile.

16 An sin bha eagal an Tighearna gu ro‑mhòr air na daoine, agus dh’ìobair iad ìobairt don Tighearna, agus thug iad bòidean.

17 A‑nis dh’ullaich an Tighearna iasg mòr a‑chum Ionah a shlugadh suas; agus bha Ionah ann am broinn an èisg trì làithean agus trì oidhchean.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan