Iob 8 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 An sin fhreagair Bildad an Suhach, agus thubhairt e, 2 Cia fhad a labhras tu mar sin, agus a bhios briathran do bheòil mar ghaoith làidir? 3 Am fiar Dia breitheanas, agus am fiar an t‑Uile-chumhachdach ceartas? 4 Ma pheacaich do chlann na aghaidh, agus gun tug e thairis iad dan easaontas; 5 Nan iarradh tu gu moch a dh’ionnsaigh Dhè, agus air an Uile-chumhachdach nan aslaicheadh tu; 6 Nam biodh tu glan agus ionraic, gu cinnteach a‑nis mhosgaileadh e air do shon, agus dhèanadh e àite-còmhnaidh d’fhìreantachd sìochail. 7 Ged bhiodh do thùs beag, dh’fhàsadh do chrìoch gu mòr. 8 Oir fiosraich, guidheam ort, den linn roimhe, agus deasaich thu fhèin a‑chum rannsachadh an athraichean: 9 (Oir on dè tha sinne, agus chan aithne dhuinn, a chionn gur sgàil ar làithean air thalamh:) 10 Nach teagaisg iad thu, nach innis iad dhut, agus on cridhe nach labhair iad briathran? 11 Am fàs an luachair gun làthaich? Am fàs am mìn-fheur gun uisge? 12 Nuair a bhios e fhathast na ghlaise, cha ghearrar sìos e; gidheadh, ro gach luibh seargaidh e. 13 Mar sin ceuman nan uile a dhìochuimhnicheas Dia; agus bàsaichidh dòchas a’ chealgair: 14 Aig an gearrar a dhòchas as, oir is e lìon an damhain-allaidh a earbsa. 15 Leigidh e a thaic ra thaigh, ach cha seas e: cumaidh e gu daingeann e, ach cha mhair e. 16 Uaine tha e fa chomhair na grèine; agus na lios fàsaidh a mheanglan suas. 17 Air a’ chàrn bidh a fhreumhan air am fighe air feadh a chèile, agus fiosraichidh e àite nan clach. 18 Ma ghearras e as o a àit e, an sin àichidh e e, ag ràdh, Chan fhaca mi thu. 19 Feuch, is e seo aoibhneas a shlighe-san; ach as an ùir fàsaidh aon eile. 20 Feuch, cha tilg Dia air falbh an duine foirfe, agus cha ghabh e greim de làimh nan daoine aingidh: 21 Gus an lìon e do bheul le gàire, agus do bhilean le gàirdeachas. 22 Iadsan a dh’fhuathaicheas thu, còmhdaichear iad le nàire; agus cha bhi pàillean nan aingidh ann. |