Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iob 6 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Ach fhreagair Iob, agus thubhairt e,

2 O nach robh mo dhoilgheas air a làn-chothromachadh, agus mo dhòrainn togte anns na meidhean le chèile!

3 Oir a‑nis bhiodh e na bu truime na gaineamh na fairge: uime sin tha mo bhriathran air an slugadh suas.

4 Oir tha saighdean an Uile-chumhachdaich annam, agus tha an nimh ag òl suas mo spioraid: tha uamhasan Dhè gan cur fhèin an òrdagh catha am aghaidh.

5 An dèan am fiadh-asal sitrich os cionn feòir? An dèan an damh geum os cionn a innlinn?

6 An gabh an nì a tha neo-bhlasda ithe gun salann? A bheil blas air gealagan an uibhe?

7 Tha m’anam a’ diùltadh beantainn riu: tha iad sin mar mo bhiadh bròin.

8 O nach tugte dhomh m’athchuinge; agus gun deònaicheadh Dia dhomh mo mhiann!

9 Agus gum bu toil le Dia mo sgrios; gun cuireadh e a‑mach a làmh, agus gun gearradh e as mi!

10 An sin bhiodh furtachd agam fhathast, ged bhithinn air mo chruadhachadh ann an do‑bhròn, agus nach caomhnadh e; oir cha do cheil mi briathran an Aoin naoimh.

11 Ciod e mo neart, gum biodh dòchas agam? Agus ciod i mo chrìoch, gun sìninn mo bheatha?

12 An e neart nan clach mo neart? A bheil m’fheòil de umha?

13 Nach eil mo chobhair annam fhèin? Agus an d’fhuadaicheadh gliocas uam?

14 Dhàsan a thrèigeas a charaid is mòr am masladh e; trèigidh e mar an ceudna eagal an Uile-chumhachdaich.

15 Mheall mo bhràithrean mi mar shruth: mar neart nan sruth ghabh iad seachad;

16 A bhios dubh le eigh; anns am falaichear an sneachd:

17 Nuair a leaghas iad, thèid as dhaibh; nuair a dh’fhàsas e teth, caithear as an àit iad.

18 Tha ceuman an slighe air claonadh: thig iad gu neoni, agus sgriosar iad.

19 Dh’amhairc buidhnean Thema, dh’fheith cuideachdan Shèba orra.

20 Bha iad fo amhluadh, a chionn ro sin gu robh dòchas aca: thàinig iad an sin, agus bha nàire orra.

21 Ach a‑nis tha sibhse nur neoni; chì sibh mo bhriseadh-cridhe, agus tha eagal oirbh.

22 An dubhairt mi, Thugaibh am ionnsaigh? No dur maoin thugaibh tìodhlac air mo shon?

23 No tèarnaibh mi o làimh an nàmhaid? No o làimh nan cumhachdach saoraibh mi?

24 Teagaisgibh mi, agus bidh mi am thosd; agus ma chaidh mi a’ bheag am mearachd, thugaibh orm a thuigsinn.

25 Nach neartmhor briathran ceart? Ach ciod a chronaicheas esan a chronaicheas nur measg?

26 An smaoinich sibh air briathran a chronachadh, agus cainnt an eu‑dòchasaich, a tha mar ghaoith?

27 Seadh, tha sibh a’ leum air an dìlleachdan, agus a’ cladhach sluic dur caraid.

28 A‑nis, uime sin, mas toil leibh, amhaircibh orm; agus bidh e soilleir dhuibh ma nì mi breug.

29 Tillibh, guidheam oirbh, na biodh euceart ann; seadh, tillibh fhathast, tha m’fhìreantachd-sa ann.

30 A bheil ann am theangaidh euceart? Nach aithnich mo bhlas nithean fiara?

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan