Iob 5 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Gairm a‑nis, ma tha e ann a fhreagras thu; agus cia de na naoimh ris an tionndaidh thu? 2 Oir marbhaidh fearg an t‑amaideach, agus bheir tnù bàs an duine shuaraich. 3 Chunnaic mi an t‑amaideach a’ freumhachadh; ach mhallaich mi a àite-còmhnaidh air ball. 4 Is fhad a bhios a mhic o thèarainteachd, agus bruthar iad anns a’ gheata, gun neach ann gu an teasairginn. 5 Agus ithidh an t‑acrach suas a fhogharadh, agus eadhon as na drisean gabhaidh e e: sluigidh an creachadair suas am maoin. 6 Ged nach tig àmhghar a‑mach as an duslach, agus nach fàs carraid as an talamh, 7 Gidheadh, rugadh an duine a‑chum carraid, mar a dh’èireas na sradan suas. 8 Ach dh’iarrainn-sa a dh’ionnsaigh Dhè, agus a‑chum Dhè chuirinn mo ghuth: 9 A tha a’ dèanamh nithean mòra agus do‑rannsachaidh; nithean iongantach gun àireamh: 10 A tha a’ toirt frasan uisge air aghaidh na talmhainn, agus a’ cur uisgeachan air aghaidh nam machraichean; 11 A‑chum iadsan a tha ìosal a chur an àirde, agus iadsan a tha dubhach a thogail suas an tèarainteachd: 12 A tha a’ toirt innleachdan nan cuilbheartach gu neoni, air chor is nach coilean an làmhan an gnìomh: 13 A tha a’ glacadh nan daoine glice nan cuilbheartachd fhèin, air chor is gun tilgear sìos comhairle nan daoine fiara. 14 Anns an là coinnichidh iad dorchadas; agus mar anns an oidhche smeuraichidh iad mu mheadhon-là. 15 Agus saoraidh e am bochd on chlaidheamh, om beul, agus o làimh a’ chumhachdaich. 16 Agus aig a’ bhochd bidh dòchas, agus druididh aingidheachd a beul. 17 Feuch, is nèarrachd an duine a smachdaicheas Dia: air cronachadh an Uile-chumhachdaich, matà, na dèan-sa tàir. 18 Oir cràdhaidh e, agus ceanglaidh e suas; lotaidh e, agus lèighsidh a làmhan. 19 Ann an sia teanntachdan saoraidh e thu, agus anns an t‑seachdamh cha tig olc an gar dhut. 20 Ann an gorta tèarnaidh e thu on bhàs; agus ann an cogadh, o chumhachd a’ chlaidheimh. 21 O sgiùrsadh na teanga falaichear thu; agus cha bhi eagal ort ro sgrios nuair a thig e. 22 Ri sgrios agus ri gorta gàiridh tu: agus ro fhiadh-bheathaichean na talmhainn cha bhi eagal ort. 23 Oir ri clachan na machrach bidh tu ann an coicheangal; agus bidh fiadh-bheathaichean na machrach ann an sìth riut. 24 Agus aithnichidh tu gum bi do phàillean ann an sìth; agus amhaircidh tu air d’àite-còmhnaidh, agus cha dèan thu gu h‑olc. 25 Aithnichidh tu mar an ceudna gum bi do shliochd lìonmhor, agus do ghineal mar fheur na talmhainn. 26 Thig thu ann an làn aois a‑chum na h‑uaighe, mar a chuirear suas cruach arbhair na h‑àm. 27 Feuch, seo an nì a rannsaich sinn; mar sin tha e; èisd ris, agus biodh fhios agad air, air do shon fhèin. |