Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iob 41 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 An tarraing thu a‑mach Lebhiatan le dubhan, no a theanga le còrd a leigeas tu sìos?

2 An cuir thu cromag na shròin, agus le deilg an toll thu a ghial?

3 An dèan e mòran aslachaidh ort? An labhair e briathran mìne riut?

4 An dèan e coicheangal riut? An gabh thu e mar sheirbhiseach gu bràth?

5 An dèan thu cluich ris mar ri eun? No an ceangail thu e dod ghruagaichean?

6 An dèan na companaich cuirm dheth? An roinn iad e am measg nan ceannaichean?

7 An lìon thu le gathan a chroiceann, no le morghathan èisg a cheann?

8 Cuir do làmh air, cuimhnich an cath, na dèan tuilleadh.

9 Feuch, is dìomhain a dhòchas-san: eadhon aig a shealladh nach tilgear duine sìos?

10 Nach borb e nuair a dhùisgeas neach e? Agus cò esan a sheasas na làthair?

11 Cò a ghabh romham, agus gun dìolainn? Gach nì a tha fo na nèamhan uile is leamsa e.

12 Cha cheil mi a bhuill, no a neart, no a dhealbh sgiamhach.

13 Cò a dh’fhoillsicheas aghaidh a aodaich? Cò a thig da ionnsaigh le a shrian dùbailte?

14 Cò a dh’fhosglas dorsan a aghaidh? Tha a fhiaclan uamhasach mun cuairt.

15 Is iad a lannan a uaill, dùinte suas le chèile mar le seula daingeann;

16 Aon air a cur ri aon eile, air chor is nach tig deò eatorra.

17 Tha iad air an tàthadh ri chèile, tha iad a’ dlùth-leantainn ri chèile, agus cha ghabh iad dealachadh.

18 Le a shitrich soillsichidh solas; agus tha a shùilean cosmhail ri rosgan na maidne.

19 As a bheul thèid leusan; leumaidh sradan teine a‑mach.

20 A cuinneinean a shròine thig deatach a‑mach, mar à poit air ghoil, no coire.

21 Lasaidh a anail gual, agus thèid lasair a‑mach as a bheul.

22 Na mhuineal còmhnaichidh neart, agus roimhe ruithidh bròn.

23 Tha fillidhean a fheòla a’ leantainn ri chèile: tha iad daingeann annta fhèin, cha ghabh iad gluasad.

24 Tha a chridhe cruaidh mar chloich, cruaidh eadhon mar chloich-mhuilinn ìochdaraich.

25 Nuair a thogas e e fhèin suas, bidh na cumhachdaich fo gheilt: air eagal brisidh glanaidh iad iad fhèin.

26 Cha seas claidheamh an tì a bheanas ris; an t‑sleagh, an gath, no lùireach.

27 Measaidh e mar chonnlaich an t‑iarann, mar fhiodh grod an t‑umha.

28 Cha toir an t‑saighead air teicheadh; nan connlaich tionndaidhear leis clachan a’ chroinn-tabhaill.

29 Mar chonnlaich measar gathan; agus nì e gàire ri crathadh sleagha.

30 Foidhe tha clachan geura: sgaoilidh e nithean geura air an làthaich.

31 Bheir e air an doimhne a bhith air ghoil mar choire: an fhairge nì e mar phoit ola-ungaidh.

32 Na dhèidh bheir e air a shlighe soillseachadh: saoilidh neach an t‑aigean a bhith liath.

33 Air thalamh chan eil a shamhail, a rinneadh as eugmhais eagail.

34 Chì e gach nì àrd: tha e na rìgh os cionn uile chlann an uabhair.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan