Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iob 40 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 A thuilleadh air seo fhreagair an Tighearna Iob, agus thubhairt e,

2 An teagaisg esan a nì strì ris an Uile-chumhachdach? Esan a thagras ri Dia, freagradh e air a shon.

3 Agus fhreagair Iob an Tighearna agus thubhairt e,

4 Feuch, tha mi gràineil; ciod a fhreagras mi dhut? Cuiridh mi mo làmh air mo bheul.

5 Aon uair labhair mi, ach cha fhreagair mi; seadh, dà uair, ach chan abair mi tuilleadh.

6 An sin fhreagair an Tighearna Iob as a’ chuairt-ghaoith, agus thubhairt e,

7 Crioslaich a‑nis mar dhuine do leasraidh: feòraichidh mi dhìot, agus freagair thusa mi.

8 An toir thusa mo bhreitheanas-sa gu neoni? An dìt thu mise, a‑chum gun saorar thu fhèin?

9 A bheil gàirdean agad cosmhail ri Dia? No an dèan thu tàirneanach le guth cosmhail ris-san?

10 Sgeadaich thu fhèin a‑nis le mòrachd agus le òirdheirceas, agus èidich thu fhèin le glòir agus maise.

11 Taom a‑mach fraoch d’fheirge, agus faic gach neach a tha uaibhreach, agus irioslaich e.

12 Faic gach neach a tha uaibhreach, ìslich e, agus saltair sìos na droch dhaoine nan àite.

13 Falaich iad anns an duslach le chèile, ceangail an aghaidhean ann an diamhaireachd.

14 An sin mar an ceudna aidichidh mise dhut gun saor do dheaslàmh fhèin thu.

15 Feuch a‑nis Behemot, a rinn mise maille riut; ithidh e feur mar dhamh.

16 Feuch a‑nis, tha a neart na leasraidh, agus a spionnadh ann an imleig a bhronn.

17 Gluaisidh e a earball mar sheudar: tha fèithean-luthaidh a shlèisdean ceangailte ri chèile.

18 Tha a chnàmhan làidir mar umha; tha a chnàmhan mar chroinn iarainn.

19 Is e tùs slighean Dhè e: an tì a chruthaich e, faodaidh esan a chlaidheamh a thoirt am fagas dha.

20 Gu cinnteach bheir na slèibhtean dha feur, far am bi uile bheathaichean na machrach ri sùgradh.

21 Fo na croinn dhubharach laighidh e, ann am falach na cuilce agus na làthaich.

22 Còmhdaichidh na croinn dhubharach e len sgàil: cuartaichidh seileach an t‑sruthain e.

23 Feuch, thig abhainn gu cruaidh air, agus cha dèan e deifir: bidh dòchas aige nuair a thig Iòrdan a‑mach ga bheul.

24 Na shùilean an glac duine e? Le dubhain an toll e a shròn?

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan