Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iob 39 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 An aithne dhutsa an t‑àm anns am beir gobhair fhiadhaich na creige? An toir thu fa‑near cuin a bheireas na h‑èildean laoigh?

2 An urrainn thu na mìosan àireamh a choileanas iad, agus an aithne dhut an t‑àm anns am beir iad?

3 Cromaidh iad iad fhèin, beiridh iad an àl, tilgidh iad dhiubh an do‑bhròn.

4 Tha an àl ann an culaidh mhaith, tha iad a’ fàs suas anns na cluainean; thèid iad a‑mach, agus cha till iad dan ionnsaigh.

5 Cò a chuir a‑mach an t‑asal fiadhaich saor, agus cò a dh’fhuasgail ceanglaichean an asail fhiadhaich?

6 Don do rinn mi a thaigh den fhàsach, agus a àite-còmhnaidh den fhearann neo-thorrach.

7 Nì e tarcais air mòr-shluagh a’ bhaile; ri èigheach an fhir-ghreasaidh chan èisd e.

8 Rannsaichidh e na slèibhtean a‑chum ionaltraidh, agus siridh e an dèidh gach nì uaine.

9 Am bi an t‑aon-adharcach toileach air seirbhis a dhèanamh dhut? Am fan e aig do phrasaich?

10 An ceangail thu an t‑aon-adharcach le a chuing anns a’ chlais? No an cliath e na gleanntan ad dhèidh?

11 An earb thu as, a chionn gur mòr a neart? No am fàg thu d’obair dha?

12 An creid thu e gun aisig e do shìol, agus gun cruinnich e e dod ùrlar-bualaidh?

13 An tusa a thug sgiathan brèagha do na peucagan? No sgiathan agus iteach don struth;

14 A dh’fhàgas a h‑uibhean anns an talamh, agus a bhlàthaicheas iad anns an duslach,

15 Agus a dhìochuimhnicheas gum faod cas am bruthadh, no fiadh-bheathach na machrach am briseadh?

16 Cruadhaichear i an aghaidh a h‑àlaich, mar nach bu leatha iad: dìomhain tha a saothair gun eagal;

17 A chionn gun do dhiùlt Dia dhi gliocas, agus nach do roinn e tuigse rithe.

18 Ge bè uair a thogas i i fhèin an àird, nì i tàir air an each, agus air a mharcach.

19 An tug thusa neart don each? An d’èidich thu a mhuineal le tàirneanaich?

20 An dèan thu gealtach e mar an leumnach-uaine? Is uamhasach glòir a chuinneinean.

21 Bùraichidh e le a chois anns a’ ghleann, agus nì e gàirdeachas na neart: thèid e air aghaidh an coinneamh an airm.

22 Nì e magadh air eagal, agus cha bhi uamhann air, agus cha till e air ais o fhaobhar a’ chlaidheimh.

23 Nì am balg-saighid torman na aghaidh, an t‑sleagh loinnreach agus an gath.

24 Le gairge agus feirg cladhaichidh e an talamh; agus cha chreid e gur i fuaim na trompaid a tha ann.

25 Am meadhon fuaim na trompaid their e, Ha, ha! agus fad as gabhaidh e boladh a’ chatha, tàirneanaich nan ceannard, agus na h‑iolaich.

26 An ann led ghliocas-sa a dh’itealaicheas an t‑seabhag, a shìneas i a sgiathan a làimh na h‑àird a deas?

27 An ann air d’àithne-sa a dh’èireas an iolaire suas, agus a nì i a nead gu h‑àrd?

28 Gabhaidh i còmhnaidh anns a’ charraig, agus fanaidh i air sgòrr na carraig, agus anns an daingneach.

29 As a sin iarraidh i cobhartach; chì a sùilean fad as.

30 Agus sùgaidh a h‑àlach suas fuil; agus far am bi na mairbh, an sin bidh ise.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan