Iob 38 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 An sin fhreagair an Tighearna Iob as a’ chuairt-ghaoith, agus thubhairt e, 2 Cò e seo a tha a’ dorchachadh comhairle le briathran gun eòlas? 3 Crioslaich a‑nis mar fhear do leasraidh, agus feòraichidh mi dhìot, agus freagair thusa mi. 4 Càit an robh thu nuair a leag mise bunaitean na talmhainn? Innis, ma tha tuigse agad. 5 Cò a shuidhich a thomhaisean, mas aithne dhut, no cò a shìn an t‑sreang-thomhais air? 6 Ciod air a bheil a bhunaitean air an daingneachadh, no cò a leag a chlach-oisinn, 7 Nuair a sheinn reultan na maidne cuideachd, agus a rinn uile mhic Dhè gàirdeachas? 8 No cò a dhruid a‑staigh an fhairge le dorsan nuair a bhris i a‑mach mar gun tigeadh i as a’ bhroinn; 9 Nuair a rinn mi neul na thrusgan dhi, agus tiugh dhorchadas na chrios-pasgaidh dhi; 10 Agus a bhris mi suas dhi m’àite suidhichte, agus a rinn mi dhi crannan agus dorsan; 11 Agus a thubhairt mi, Gu ruig seo thig thu, ach cha tig nas fhaide, agus an seo caisgear do thonnan uaibhreach? 12 O thoiseach do làithean an tug thu àithne don mhadainn? An tug thu fios a h‑àite don sgarthanaich? 13 A‑chum greim a ghabhail de chrìochan na talmhainn, agus gun crathte na h‑aingidh as. 14 Tionndaidhear e mar chriadh ris an t‑seula; agus seasaidh iadsan mar aodach. 15 Agus cumar an solas o na h‑aingidh, agus brisear an gàirdean àrd. 16 An deachaidh tu a‑steach gu tobraichean na fairge? No ann an rannsachadh an dubh-aigein an d’imich thu? 17 An d’fhosgladh geatachan a’ bhàis dhut? No am faca tu dorsan sgàil a’ bhàis? 18 An tug thu fa‑near leud na talmhainn? Innis, mas aithne dhut e uile. 19 Càit a bheil an t‑slighe anns an còmhnaich an solas? Agus an dorchadas, càit a bheil a ionad-san? 20 Gun gabhadh tu e ga chrìch, agus gum b’aithne dhut na ceuman a dh’ionnsaigh a thaighe? 21 An aithne dhut e, a chionn gun do rugadh tu an sin, no gu bheil àireamh do bhliadhnachan mòr? 22 An deachaidh tu a‑steach gu ionmhasan an t‑sneachda? No am faca tu ionmhasan na cloiche-meallain, 23 A thaisg mise fa chomhair aimsir na teanntachd, fa chomhair là a’ chatha agus a’ chogaidh? 24 Cia an rathad a dhealaichear an solas, a sgaoileas a’ ghaoth an ear air an talamh? 25 Cò a roinn sruth-chlais airson na tuile, agus slighe airson dealanach na tàirneanaich; 26 A thoirt air frasadh air an talamh far nach eil duine; air an fhàsach gun duine ann; 27 A shàsachadh an fhàsaich agus an dìthreibh, agus a thoirt air cinneas an luis mhaoith fàs suas? 28 A bheil athair aig an uisge? No cò a ghin braoin an drùchda? 29 A broinn cò an tàinig an eigh? Agus liath-reodhadh nan speur, cò a ghin e? 30 Mar chloich tha na h‑uisgeachan air an cruadhachadh, agus aghaidh na doimhne air reodhadh. 31 Am faod thusa cumhachdan milis Phleiades a cheangal, no ceanglaichean Orioin fhuasgladh? 32 An toir thu a‑mach Madsarot na àm? No an stiùir thu Arcturus maille ra mhic? 33 An aithne dhut reachdan nan nèamh? An suidhich thu an uachdaranachd air an talamh? 34 An tog thu suas a dh’ionnsaigh nan neul do ghuth, air chor is gun còmhdaich pailteas uisgeachan thu? 35 An cuir thu uat dealanaich, agus an tèid iad, agus an abair iad riut, Tha sinn an seo? 36 Cò a chuir gliocas anns an taobh a‑staigh? No cò a thug tuigse don chridhe? 37 Cò a dh’àireamhas na neòil an gliocas? No cò a chaisgeas searragan nan nèamh; 38 Nuair a dh’fhàsas an duslach na mheall cruaidh, agus a dhlùth-leanas na fòidean ri chèile? 39 An sealg thusa cobhartach don leòmhann bhoireann, agus an sàsaich thu cìocras nan leòmhann òga; 40 Nuair a chrùbas iad nan garaidhean, a dh’fhanas iad ann an sgàil a‑chum feall-fheitheimh? 41 Cò a sholaras don fhitheach a lòn? An uair a dh’èigheas an t‑àl òg aige ri Dia, thèid iad air iomrall a chion bìdh. |