Iob 37 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Mar an ceudna uime seo chriothnaich mo chridhe, agus charaicheadh as a àit e. 2 Eisdibh gu furachair ri fuaim a ghutha, agus an torman a thèid a‑mach as a bheul. 3 Fo na nèamhan uile stiùraidh e e, agus a dhealanach gu crìochan na talmhainn. 4 Na dhèidh sin beucaidh guth: nì e tàirneanach le guth a mhòralachd; agus cha chùm e air an ais iad nuair a chluinnear a ghuth. 5 Nì Dia tàirneanach le a ghuth gu h‑iongantach; nì e nithean mòra do‑thuigsinn. 6 Oir ris an t‑sneachd their e, Bi‑sa air an talamh; mar an ceudna ris an uisge mheanbh, agus ri uisge mòr a neirt. 7 Air làimh gach duine cuiridh e seula, a‑chum gun aithnich na h‑uile dhaoine a obair-san. 8 Agus thèid na fiadh-bheathaichean a‑steach dan garaidhean, agus nan àitean-tàimh laighidh iad. 9 As an àird a deas thig an ioma-ghaoth, agus fuachd as an àird a tuath. 10 Le anail Dhè bheirear reodhadh; cumhangaichear leud nan uisgeachan. 11 Mar an ceudna le uisgeachadh sgìthichidh e an neul tiugh: sgaoilidh e a neul soillseach. 12 Agus tionndaidhear mun cuairt e le a chomhairle; a‑chum gun dèan iad ge bè nì a dh’àithneas e dhaibh air aghaidh a’ chruinne-chè. 13 Bheir e air teachd, mas ann a‑chum smachdachaidh, no airson a fhearainn, no airson tròcair. 14 Eisd ri seo, a Iob; seas, agus tabhair fa‑near obraichean iongantach Dhè. 15 A bheil fhios agad cuin a dh’òrdaich Dia iad, agus a thug e air solas a neòil dealrachadh? 16 A bheil fhios agad air cothromachadh nan neul, air obraichean iongantach an tì a tha iomlan ann an eòlas? 17 Cionnas a tha d’aodach blàth, nuair a chiùinichear an talamh leis a’ ghaoith a deas? 18 An do sgaoil thu a‑mach maille ris-san na speuran, a tha làidir, mar sgàthan leaghte? 19 Nochd dhuinn ciod a their sinn ris: chan urrainn sinn ar cainnt a chur an òrdagh a‑thaobh dorchadais. 20 An innsear dha nuair a labhras mi? Ma labhras duine, gu cinnteach sluigear suas e. 21 Agus a‑nis chan fhaic daoine an solas dealrach a tha anns na neòil: ach siùbhlaidh a’ ghaoth, agus glanaidh i iad. 22 As an àird a tuath thig soineann: aig Dia tha mòrachd uamhasach. 23 An t‑Uile-chumhachdach, chan urrainn sinn fhaghail a‑mach: tha e òirdheirc ann an cumhachd, agus ann am breitheanas, agus ann an làn cheartas: cha sàraich e. 24 Uime sin bidh eagal air daoine roimhe: cha bhi meas aige air duine sam bith a bhios glic an cridhe. |