Iob 36 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus chaidh Elihu air aghaidh, agus thubhairt e, 2 Leig dhomh beagan, agus nochdaidh mi dhut gu bheil fhathast nì agam ri labhairt airson Dhè. 3 Tàirngidh mi m’eòlas o chèin, agus dom Chruithear bheir mi ceartas. 4 Oir gu cinnteach cha bhi mo bhriathran breugach: tha esan a tha iomlan ann an eòlas maille riut. 5 Feuch, tha Dia cumhachdach, agus cha dèan e tàir; cumhachdach ann an neart le gliocas. 6 Cha ghlèidh e beò an t‑aingidh; ach bheir e ceartas do na bochdan. 7 Cha tarraing e a shùilean on ionracan; ach tha iad le rìghrean air an rìgh-chathair, agus daingnichidh e iad gu bràth, agus àrdaichear iad. 8 Agus ma bhios iad ceangailte an geimhlean ma ghlacar iad ann an cùird àmhghair; 9 An sin nochdaidh e dhaibh an obair agus an easaontais, gu robh iad anabarrach. 10 Agus fosglaidh e an cluas a‑chum fòghlaim, agus àithnidh e dhaibh tilleadh o euceart. 11 Ma dh’èisdeas iad ris agus ma nì iad seirbhis dha, caithidh iad an làithean ann an saoibhreas, agus am bliadhnachan ann an subhachas. 12 Ach mura èisd iad, cuirear as dhaibh leis a’ chlaidheamh, agus gheibh iad bàs gun eòlas. 13 Ach càrnaidh na cealgairean anns a’ chridhe suas fearg; chan èigh iad nuair a cheanglas e iad. 14 Gheibh iad bàs nan òige, agus tha am beatha am measg nan neòghlan. 15 Saoraidh e am bochd na àmhghar; agus fosglaidh e an cluasan nan sàrachadh. 16 Eadhon mar sin dh’atharraicheadh e thusa à meadhon teanntachd gu àite farsaing, far nach eil teanntachd air bith; agus bhiodh na chuirte air do bhòrd làn de shaill. 17 Ach choilean thu breitheanas an aingidh: gabhaidh breitheanas agus ceartas greim dhìot. 18 A chionn gu bheil fearg riut, thoir an aire nach toir e air falbh thu le a bhuille: an sin cha saor èirig mhòr thu. 19 Am meas e do shaoibhreas? Cha mheas, no òr, no uile neart cumhachd. 20 Na miannaich an oidhche nuair a ghearrar as sluagh nan àite. 21 Tabhair an aire nach claon thu gu euceart; oir seo roghnaich thu thar àmhghar. 22 Feuch, àrdaichidh Dia le a chumhachd; cò a theagaisgeas cosmhail ris-san? 23 Cò a dh’fhiosraich a shlighe? Agus cò a dh’fhaodas a ràdh, Rinn thu euceart? 24 Cuimhnich gun àrdaich thu a obair-san, a chì daoine. 25 Chì na h‑uile dhaoine i: chì duine i o chèin. 26 Feuch, tha Dia mòr, agus chan aithne dhuinne e; agus cha rannsaichear a‑mach àireamh a bhliadhnachan. 27 Oir nì e meanbh na braoin uisge: taomaidh iad a‑nuas uisge a rèir a cheò, 28 A shileas na neòil; frasaidh iad air an duine gu pailt. 29 A bhàrr air seo, an urrainn neach air bith sgaoileadh nan neul a thuigsinn, no fuaim a phàillein? 30 Feuch, sgaoilidh e a sholas air, agus còmhdaichidh e ìochdar na fairge. 31 Oir leo sin bheir e breith air an t‑sluagh; bheir e biadh seachad ann am pailteas. 32 Le a làmhan còmhdaichidh e an solas, agus àithnidh e dha teachd a‑rìs. 33 Nochdaidh an fhuaim aige a‑thaobh sin, an sprèidh mar an ceudna a‑thaobh na thèid suas. |