Iob 35 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Fhreagair Elihu a‑rìs, agus thubhairt e, 2 An saoil thusa seo a bhith ceart, gun dubhairt thu, Tha m’fhìreantachd-sa os cionn fìreantachd Dhè; 3 Oir thubhairt thu, Ciod an tairbhe a bhios ann dhutsa? Agus, ciod a’ bhuannachd a bhios ann dhòmhsa, ma shaorar mi om pheacadh? 4 Freagraidh mise thu, agus do chompanaich maille riut. 5 Amhairc air na nèamhan, agus, feuch; agus faic na neòil as àirde na thu. 6 Ma pheacaicheas tu, ciod a nì thu na aghaidh-san? Agus ma dh’fhàsas d’easaontais lìonmhor, ciod a nì thu airsan? 7 Ma bhios tu ionraic, ciod a bheir thu dhàsan? No ciod a gheibh e od làimh? 8 Faodaidh d’aingidheachd cron a dhèanamh do dhuine mar a tha thusa, agus d’fhìreantachd a bhith tairbheach do mhac an duine. 9 Glaodhaidh iadsan a tha air an sàrachadh le mòran, èighidh iad airson gàirdean na mòr-chuideachd. 10 Ach chan abair aon neach, Càit a bheil Dia mo Chruithear, a tha a’ tabhairt dhàn seachad anns an oidhche, 11 A tha gar teagasg nas mò na ainmhidhean na talmhainn, agus gar dèanamh nas glice na eunlaith nan speur? 12 An sin èighidh iad, ach cha fhreagair neach air bith iad, airson uabhar dhroch dhaoine. 13 Gu cinnteach chan èisd Dia ri dìomhanas, agus cha bhi meas aig an Uile-chumhachdach air. 14 Ged their thu nach faic thu e, tha breitheanas na làthair; uime sin earb thusa as. 15 Ach a‑nis a chionn nach eil e mar sin, dh’fhiosraich e na chorraich; gidheadh chan aithne dha sin ann an deuchainn mhòir. 16 Uime sin fosglaidh Iob a bheul gu dìomhain: nì e briathran lìonmhor gun eòlas. |