Iob 33 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Uime sin, a Iob, cluinn, guidheam ort, mo bhriathran, agus èisd rim bhriathran uile. 2 Feuch, a‑nis dh’fhosgail mi mo bheul; labhair mo theanga ann am bheul. 3 O ionracas mo chridhe thig mo bhriathran; agus labhraidh mo bhilean eòlas gu soilleir. 4 Rinn spiorad Dhè mi, agus thug anail an Uile-chumhachdaich beatha dhomh. 5 Mas urrainn thu, freagair mi, cuir do bhriathran an òrdagh am làthair, seas suas. 6 Feuch, tha mise, mar a tha thu fhèin, o Dhia; as a’ chrèidh dhealbhadh mise mar an ceudna. 7 Feuch, cha chuir m’uamhas-sa eagal ort, agus cha bhi mo làmh trom ort. 8 Gu cinnteach labhair thu am èisdeachd, agus chuala mi guth do bhriathrar, ag ràdh, 9 Glan tha mi, gun easaontas; neo-chiontach tha mi, agus chan eil euceart annam. 10 Feuch, tha e a’ faghail chùisean am aghaidh; tha e gam mheas mar a nàmhaid; 11 The e a’ cur mo chas anns a’ cheap; tha e a’ geur-amharc air mo cheuman gu lèir. 12 Feuch, an seo chan eil thu ceart; freagraidh mi thu gur mò Dia na duine. 13 Carson a chuireas tu na aghaidh? Oir ann an aon air bith de a nithean cha toir e cunntas. 14 Oir aon uair labhraidh Dia, agus an dara uair chan amhairc e thairis air. 15 Ann an aisling, ann an sealladh na h‑oidhche, nuair a thuiteas cadal trom air daoine, nuair a bhios iad nan suain air an leabaidh; 16 An sin fosglaidh e cluasan dhaoine, agus seulaichidh e an teagasg, 17 A‑chum gun tarraing e duine o a dhèanadas, agus gum falaich e uabhar o dhuine; 18 Gun cùm e a anam on t‑sloc, agus a bheatha o sgrios leis a’ chlaidheamh. 19 Oir smachdaichear e le pèin air a leabaidh, agus lìonmhorachd a chnàmh le pèin làidir: 20 Air chor is gun gabh a bheatha gràin de aran, agus a anam de bhiadh deagh-bhlasda. 21 Caithear a fheòil air chor is nach faicear i; agus a chnàmhan nach facas, seasaidh a‑mach. 22 Agus tàirngidh a anam am fagas don uaigh, agus a bheatha do na milltearan. 23 Ma bhios teachdaire aige, eadar-theangair, aon am measg mhìle, a nochdadh a ionracais do dhuine; 24 An sin gabhaidh e truas dheth, agus their e, Saor e o dhol sìos don t‑sloc; fhuair mi èirig. 25 Bidh a fheòil nas ùire na feòil leinibh; thig e air ais gu làithean a òige: 26 Nì e ùrnaigh ri Dia, agus gabhaidh e gu coibhneil ris; agus chì e a ghnùis le gàirdeachas; oir ìocaidh e do dhuine a ionracas. 27 Amhaircidh e air daoine, agus ma their aon duine, Pheacaich mi, agus chlaon mi an nì a bha ceart, agus cha robh e a‑chum tairbhe dhomh; 28 Saoraidh e a anam o dhol sìos don t‑sloc, agus chì a bheatha solas. 29 Feuch, na nithean sin uile obraichidh Dia gu minig a‑thaobh duine. 30 A thoirt a anama air ais on t‑sloc gu bhith air a shoillseachadh le solas nam beò. 31 Thoir fa‑near, a Iob, èisd rium; bi ad thosd, agus labhraidh mi. 32 Ma tha a’ bheag agad ri ràdh, freagair mi: labhair, oir bu mhiann leam do shaoradh. 33 Mura eil, èisd thusa riumsa: bi ad thosd, agus teagaisgidh mise dhut gliocas. |