Iob 31 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Rinn mi coicheangal rim shùilean: carson, matà, a smaoinichinn air maighdinn? 2 Oir ciod e cuibhreann Dhè on ionad shuas, agus oighreachd an Uile-chumhachdaich on àirde? 3 Nach eil sgrios ann don droch dhuine, agus coimhichead do luchd-dèanamh na h‑euceirt? 4 Nach eil e a’ faicinn mo shlighean, agus ag àireamh mo cheuman gu lèir? 5 Ma ghluais mi le dìomhanas, agus ma ghreas mo chas a‑chum ceilge; 6 Cudthromaichear mi ann am meidhean a’ cheartais, a‑chum gum bi fhios aig Dia air m’ionracas. 7 Ma thionndaidh mo cheum as an t‑slighe, agus an dèidh mo shùl gun do ghluais mo chridhe, agus rim làmhan gun do lean smal air bith; 8 Cuiream, agus itheadh neach eile; seadh, biodh mo shliochd air an spìonadh as am freumh. 9 Ma mhealladh mo chridhe le mnaoi, agus aig doras mo choimhearsnaich ma rinn mi feall-fhalach; 10 Meileadh mo bhean do neach eile, agus cromadh daoine eile oirre: 11 Oir is cionta mòr seo, agus is euceart e airson nam britheamh. 12 Oir is teine e a loisgeas a‑chum sgrios, agus a spìonadh as m’fhàs uile. 13 Ma rinn mi tàir air cùis m’òglaich, no mo bhanoglaich, nuair a thagair iad rium; 14 Ciod, matà, a nì mi nuair a dh’èireas Dia? Agus nuair a dh’fhiosraicheas e, ciod a fhreagras mi dha? 15 Nach e an tì a rinn mise anns a’ bhroinn, a rinn esan? Agus nach aon a dhealbh sinn anns a’ bhroinn? 16 Ma chùm mi na bochdan o am miann, agus ma thug mi air sùilean na bantraich fàilneachadh; 17 No ma dh’ith mi mo ghreim am aonar, agus nach d’ith an dìlleachdan dheth; 18 (Oir om òige dh’fhàs e suas maille rium, mar aig a athair: agus o bhroinn mo mhàthar threòraich mi ise;) 19 Ma chunnaic mi neach a’ bàsachadh a dhìth aodaich, agus nach robh còmhdachadh aig a’ bhochd; 20 Mura do bheannaich a leasraidh mi, agus mura do bhlàthaicheadh e le lomradh mo chaorach; 21 Ma thog mi mo làmh an aghaidh an dìlleachdain, nuair a chunnaic mi mo chòmhnadh anns a’ gheata; 22 Tuiteadh mo ghàirdean on t‑slinnean, agus brisear mo ruighe on chnàimh. 23 Oir bha sgrios o Dhia na uamhas dhòmhsa, agus a‑thaobh a àirde-san cha robh e an comas dhomh fulang. 24 Ma chuir mi anns an òr mo dhòchas, agus ma thubhairt mi ris an òr fhìorghlan, Is tu m’earbsa; 25 Ma rinn mi gàirdeachas a chionn gu robh mo bheartas mòr, agus a chionn gun d’fhuair mo làmh mòran; 26 Ma dh’amhairc mi air a’ ghrèin nuair a dhealraich i, no air a’ ghealaich a’ gluasad ann an soillse, 27 Agus gun do mhealladh mo chridhe os ìosal, agus gun do phòg mo bheul mo làmh: 28 Is cionta seo mar an ceudna airson a’ bhritheimh; oir dh’àichinn an Dia a tha shuas. 29 Ma rinn mi gàirdeachas ri sgrios an tì a dh’fhuathaich mi, agus ma thog mi mi fhèin suas a chionn gun tàinig olc air: 30 Oir cha do leig mi lem bheul peacachadh le mallachadh iarraidh air a anam. 31 Mura dubhairt fir mo phàillein, Och nach robh sinn air ar sàsachadh le a fheòil! 32 A‑muigh cha do laigh an coigreach: mo dhoras dh’fhosgail mi don fhear-turais. 33 Ma cheil mi, mar Adhamh, m’easaontais, lem euceart fhalach am uchd: 34 Nuair a bha eagal orm ro mhòr-shluagh, no a chuir tarcais theaghlach uamhas orm, agus a bha mi am thosd, agus nach deachaidh mi a‑mach air doras. 35 Och nach èisdeadh aon rium! Feuch, is e mo mhiann gum freagradh an t‑Uile-chumhachdach mi, agus gun sgrìobhadh m’fhear-casaid leabhar. 36 Gu deimhinn air mo ghualainn ghabhainn e; cheanglainn e mar choron orm. 37 Àireamh mo cheuman chuirinn an cèill dha; mar cheannard rachainn am fagas dha. 38 Ma dh’èigheas m’fhearann am aghaidh, no ma ghearaineas mar an ceudna a chlaisean: 39 Ma dh’ith mi a thoradh gun airgead, no ma thug mi air a luchd-seilbh an anam a chall: 40 An àite cruithneachd fàsadh droighneach, agus an àite eòrna, feanntagach. Chrìochnaicheadh briathran Iob. |