Iob 30 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Ach a‑nis tha iadsan as òige na mise a’ dèanamh fanaid orm, muinntir nach b’fhiù leam an athraichean a chur maille ri coin mo threuda. 2 Seadh, ciod an tairbhe a bhiodh dhòmhsa ann an neart an làmh, aig an deachaidh as dan seann aois? 3 Le dìth agus le gorta bha iad uaigneach, a’ teicheadh don fhàsach, a bha anns an àm a chaidh seachad na fhàsalachd agus na lèirsgrios: 4 A’ gearradh sìos maloimh làimh ris na preasan, agus freumhan-aiteil mar bhiadh. 5 O mheasg dhaoine dh’fhògradh a‑mach iad: dh’èigh iad nan aghaidh, mar an aghaidh gadaiche. 6 Bha iad a chòmhnaidh ann an sgaradh nan gleann, ann an uamhan na talmhainn agus nan creag. 7 Am measg nam preas rinn iad gearan: fon fheanntagaich chruinnicheadh iad ri chèile: 8 Clann nan amadan, seadh, clann dhaoine gun chliù: bha iad na bu tàireile na an talamh. 9 Agus a‑nis is mise as òran dhaibh, agus tha mi am leth-fhacal aca. 10 Tha iad a’ gabhail gràin dhìom, tha iad a’ teicheadh fad as uam, agus cha chaomhain iad smugaid a thilgeadh am aodann. 11 A chionn gun d’fhuasgail e mo chòrd, agus gun do shàraich e mi, leig iadsan mar an ceudna an t‑srian sgaoilte romham. 12 Air mo dheaslàimh dh’èirich an òigridh; thug iad air mo chasan sleamhnachadh uam, agus thog iad suas am aghaidh slighean an sgrios. 13 Mhill iad mo cheuman, chuir iad m’aimhleas air aghaidh, gun fhear-cuideachaidh aca. 14 Mar bhriseadh a‑steach leathann thàinig iad, mar ann an lèirsgrios thaom iad a‑steach. 15 Thionndaidh uamhasan am aghaidh: ruaig iad m’anam mar a’ ghaoth; agus mar neul chaidh mo thèarainteachd seachad. 16 Agus a‑nis tha m’anam air a dhòrtadh a‑mach orm; ghlac làithean àmhghair mi. 17 Anns an oidhche tha mo chnàmhan air an tolladh annam: agus cha bhi m’fhèithean aig fois. 18 Le meud a neirt mhùth e m’aodach: mar bhile mo chòta chuartaich e mi. 19 Thilg e mi anns an làthaich, agus tha mi air fàs cosmhail ri duslach agus ri luaithe. 20 Dh’èigh mi riut, agus cha d’èisd thu rium; sheas mi suas, agus cha tug thu fa‑near mi. 21 Tha thu air fàs an‑iochdmhor rium; le neart do làimhe tha thu gad chur fhèin am aghaidh. 22 Tha thu gam thogail ris a’ ghaoith: tha thu a’ toirt orm marcachd oirre, agus a’ leaghadh as mo bhrìgh: 23 Oir tha fhios agam gun toir thu mi gu bàs, agus a‑chum an taighe a dh’òrdaicheadh do gach uile bheò. 24 Gidheadh cha sìn e a‑mach a làmh a‑chum na h‑uaighe, ged ghlaodh iad na sgrios. 25 Nach do ghuil mise air a shon-san a bha ann an àmhghar? Nach robh m’anam duilich airson an duine bhochd? 26 Nuair a bha sùil agam ri math, an sin thàinig olc; agus nuair a bha dùil agam ri solas, thàinig dorchadas. 27 Bha m’innidh air ghoil, agus cha robh fois aca: chuir làithean àmhghair romham. 28 Ri bròn dh’imich mi as eugmhais na grèine: dh’èirich mi, anns a’ cho-chruinneachadh dh’èigh mi. 29 Is bràthair mi do na dràgonan, agus is companach mi do na comhachagan. 30 Dhubhadh mo chraiceann orm, agus loisgeadh mo chnàmhan le teas. 31 Agus tha mo chlàrsach air tionndadh gu bròn, agus m’organ gu guth na muinntir a ghuileas. |