Iob 3 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Na dhèidh seo dh’fhosgail Iob a bheul, agus mhallaich e a là. 2 Agus labhair Iob, agus thubhairt e, 3 Rachadh as don là air an do rugadh mi, agus don oidhche anns an dubhairteadh, Ghineadh leanabh mic. 4 Biodh an là sin na dhorchadas: na iarradh Dia e on àirde, agus na dealraicheadh solas air. 5 Dubhadh an dorchadas agus sgàil a’ bhàis e; gabhadh neul còmhnaidh air; dèanadh iad uamhasach e mar na làithean as seirbhe. 6 An oidhche sin, glacadh dorchadas i; na cuirear i ri làithean na bliadhna; ann an àireamh nam mìos na tigeadh i. 7 Feuch, biodh an oidhche sin aonaranach; na tigeadh fonn aoibhinn oirre. 8 Mallaicheadh iadsan i a mhallaicheas an là, a tha deas a thogail Lebhiatain. 9 Dorchaichear reultan a dùbhra; amhairceadh i airson solais, ach na tigeadh e; agus na faiceadh i rosgan na maidne: 10 A chionn nach do dhruid i dorsan mo bhronn, agus nach d’fhalaich i bròn om shùilean. 11 Carson nach d’eug mi on bhroinn? Carson, nuair a thàinig mi as a’ bholg, nach tug mi suas an deò? 12 Carson a ghabh na glùinean romham? Agus carson na cìochan, gun deoghailinn? 13 Oir a‑nis laighinn sìos, agus gheibhinn fois; chaidlinn, an sin bhiodh tàmh agam; 14 Maille ri rìghrean agus comhairlichean na talmhainn, a thog àitean aonaranach dhaibh fhèin; 15 No maille ri uachdarain aig an robh òr, a lìon an taighean le airgead: 16 No mar thorrachas anabaich falaichte, cha bhithinn ann; mar naoidheanan nach faca solas. 17 An sin sguiridh na h‑aingidh de bhuaireas, agus an sin gheibh iadsan a tha sgìth le saothair fois: 18 Cuideachd bidh tàmh aig na prìosanaich; cha chluinn iad guth an fhir-shàrachaidh. 19 Tha am beag agus am mòr an sin; agus an seirbhiseach saor o a mhaighistir. 20 Carson a thug e don truagh solas, agus beatha dhaibhsan a tha ann an searbhas anama: 21 A tha a’ gabhail fadail airson a’ bhàis, ach chan eil e a’ teachd: agus a chladhaicheas air a shon nas mò na airson ionmhais fhalaichte: 22 A nì aoibhneas ro‑mhòr, a nì luath-ghaire nuair a gheibh iad an uaigh: 23 Don duine aig a bheil a shlighe falaichte, agus a dhruid Dia suas air gach taobh? 24 Oir ro mo bhiadh thig m’osnaich, agus taomar a‑mach mar uisge mo bhùireadh. 25 Oir an nì ron robh eagal mòr orm, thachair e dhomh; agus an nì ron robh mi fo uamhann, thàinig e orm. 26 Cha robh mi ann an sìth, agus cha d’fhuair mi fois, agus cha robh tàmh agam; oir thàinig buaireas. |