Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iob 29 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus bhuanaich Iob na chosamhlachd a labhairt a‑mach, agus thubhairt e,

2 Och nach robh mi mar anns na mìosan a chaidh tharam, mar anns na làithean air an do choimhead Dia mi!

3 Nuair a thug e air a lòchran dealrachadh air mo cheann, agus le a sholas a ghluais mi anns an dorchadas;

4 Mar a bha mi ann an làithean m’òige, nuair a bha rùn-diamhair Dhè air mo phàillean;

5 Nuair a bha an t‑Uile-chumhachdach fhathast maille rium, agus m’òganaich mum thimcheall;

6 Nuair a nigh mi mo cheuman le ìm, agus a thaom a’ charraig a‑mach dhomh sruthain ola;

7 Nuair a chaidh mi a‑mach gu geata a’ bhaile, a dheasaich mi m’àite-suidhe anns an t‑sràid!

8 Chunnaic na daoine òga mi, agus dh’fhalaich iad iad fhèin; agus dh’èirich na daoine aosda, agus sheas iad.

9 Sguir na h‑uachdarain de labhairt, agus chuir iad an làmh air am beul.

10 Dh’fhan na h‑àrd-uaislean nan tosd, agus lean an teanga rin gial.

11 Nuair a chuala a’ chluas, bheannaich i mi; agus nuair a chunnaic an t‑sùil, thug i fianais leam:

12 A chionn gun do shaor mi am bochd a bha ag èigheach, agus an dìlleachdan aig nach robh fear-cuideachaidh.

13 Thàinig beannachadh an tì a bha ullamh gu bàsachadh orm; agus thug mi air cridhe na bantraich seinn le aoibhneas.

14 Chuir mi ionracas orm, agus dh’èidich e mi: mar fhallaing agus mar choron bha mo bhreitheanas.

15 Bu shùilean mi don dall, agus bu chasan mi don bhacach.

16 Bha mi am athair do na bochdan; agus a’ chùis nach b’aithne dhomh rannsaich mi a‑mach.

17 Agus bhris mi gial an droch dhuine, agus as a fhiaclan spìon mi a’ chreach.

18 Agus thubhairt mi, Ann am nead gheibh mi bàs, agus mar a’ ghaineamh nì mi mo làithean lìonmhor.

19 Bha mo fhreumh air a sgaoileadh a‑mach làimh ris na h‑uisgeachan, agus laigh an drùchd rè na h‑oidhche air mo mheangan.

20 Bha mo ghlòir ùr agam, agus dh’athnuadhaicheadh mo bhogha ann am làimh.

21 Riumsa dh’èisd daoine, agus dh’fheith iad, agus bha iad nan tosd rim chomhairle.

22 An dèidh mo bhriathran cha do labhair iad a‑rìs; agus shil mo chainnt orra.

23 Agus bha sùil aca rium, mar ris an uisge; agus dh’fhosgail iad am beul gu farsaing, mar airson an uisge dheireannaich.

24 Ma ghàir mi riu, cha do chreid iad; agus solas mo ghnùise cha do thilg iad sìos.

25 Thagh mi a‑mach an slighe, agus shuidh mi mar cheannard, agus chòmhnaich mi mar rìgh ann an armailt, mar aon a bheir comhfhurtachd do luchd-bròin.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan