Iob 27 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus bhuanaich Iob na chosamhlachd a labhairt a‑mach, agus thubhairt e, 2 Mar as beò Dia a thug air falbh mo bhreitheanas, agus an t‑Uile-chumhachdach a chràidh m’anam, 3 Cho fad is a bhios m’anail annam, agus spiorad Dhè ann am chuinneinean, 4 Cha labhair mo bhilean aingidheachd, agus cha chan mo theanga cealg. 5 Nar leigeadh Dia gun saorainn sibh: gus am bàsaich mi, chan atharraich mi m’ionracas uam. 6 Ann am fhìreantachd fanaidh mi, agus cha leig mi uam i; cha mhaslaich mo chridhe mi rè mo làithean. 7 Mar an t‑aingidh biodh mo nàmhaid; agus esan a dh’èireas suas am aghaidh mar an t‑eucorach. 8 Oir ciod e dòchas a’ chealgair, ged a bhuanaich e, nuair a bheir Dia air falbh a anam? 9 An èisd Dia ri a ghlaodh, nuair a thig àmhghar air? 10 Anns an Uile-chumhachdach an gabh e tlachd? An gairm e air Dia gach àm? 11 Teagaisgidh mi sibh le làimh Dhè; an nì a tha aig an Uile-chumhachdach, cha cheil mi. 12 Feuch, chunnaic sibh fhèin uile e; carson, matà, a tha sibh cho ro‑fhaoin? 13 Is i seo cuibhreann an duine aingidh aig Dia, agus oighreachd luchd-fòirneirt a gheibh iad on Uile-chumhachdach. 14 Ma dh’fhàsas a mhic lìonmhor, is ann airson a’ chlaidheimh; agus cha sàsaichear a shliochd le aran. 15 Adhlaicear iadsan a mhaireas na dhèidh anns a’ bhàs; agus cha ghuil a bhantraichean. 16 Ged chàrn e suas airgead mar an duslach, agus ged dheasaich e aodach mar an làthach; 17 Deasaichidh e e, ach cuiridh an t‑ionracan air e; agus roinnidh an neochiontach an t‑airgead. 18 Togaidh e mar an leòmann a thaigh, agus mar bhothan a nì am fear-coimhead. 19 Laighidh an saoibhir sìos, ach cha chruinnichear e: fosglaidh e a shùilean, agus chan eil e ann. 20 Glacaidh uamhasan e mar uisgeachan: anns an oidhche goididh doineann air falbh e. 21 Bheir a’ ghaoth an ear leatha e, agus siùbhlaidh e; agus le iomaghaoith grad-ghluaisidh i as a àit e. 22 Oir caithidh Dia air, agus cha chaomhain e: bu mhiann leis teicheadh as a làimh. 23 Buailidh daoine am basan ris, agus le sgeig fuadaichidh iad as a àit e. |