Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iob 26 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Ach fhreagair Iob, agus thubhairt e,

2 Cionnas a chuidich thu leis an tì a tha gun chumhachd? Cionnas a shaor thu an gàirdean a tha gun neart?

3 Cionnas a chomhairlich thu esan aig nach eil gliocas, agus a dh’fhoillsich thu gu pailt an nì mar a tha e?

4 Cò ris a labhair thu briathran? Agus cò leis an spiorad a thàinig uat?

5 Dealbhar nithean marbha fo na h‑uisgeachan, agus an luchd-àiteachaidh.

6 Lomnochd tha ifrinn na làthair, agus chan eil còmhdachadh air lèirsgrios.

7 Tha e a’ sìneadh na h‑àird a tuath os cionn an ionaid fhalaimh, a’ crochadh na talmhainn air neoni;

8 A’ ceangal suas nan uisgeachan na neòil, agus cha reubar an neul fodhpa;

9 A’ cumail a‑staigh aghaidh a rìgh-chathrach, a’ sgaoileadh a neòil oirre.

10 Chuartaich e na h‑uisgeachan le crìochan, gus an teirig an là maille ris an oidhche.

11 Criothnaichidh puist nan nèamh, agus bidh uamhas orra ra achmhasan.

12 Le a chumhachd roinnidh e an fhairge, agus le a thuigse buailidh e an t‑uaibhreach.

13 Le a spiorad sgeadaich e na nèamhan; dhealbh a làmh an nathair lùbach.

14 Feuch, is iad sin cuid de a shlighean; ach cia beag a’ chuibhreann a chuala sinn dheth? Agus cò a dh’fhaodas tàirneanach a chumhachd a thuigsinn?

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan