Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iob 20 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 An sin fhreagair Sophar an Naamatach, agus thubhairt e,

2 Uime sin tha mo smuaintean a’ toirt orm freagairt, agus air a shon seo nì mi deifir.

3 Achmhasan mo mhaslaidh cluinneam, agus tha spiorad mo thuigse a’ toirt orm freagairt.

4 Nach aithne dhut seo o chian, o shuidhicheadh an duine air thalamh,

5 Gur geàrr caithreim nan aingidh, agus nach eil gàirdeachas a’ chealgair ach car tiota?

6 Ged èirich a àirde suas gus na nèamhan, agus ged ruig a cheann na neòil;

7 Mar a aolach fhèin gu bràth thèid as dha: their iadsan a chunnaic e, Càit a bheil e?

8 Mar aisling grad-shiùbhlaidh e, agus chan fhaighear e; agus teichidh e mar shealladh na h‑oidhche:

9 An t‑sùil a chunnaic e, chan fhaic i e tuilleadh; agus nas mò chan amhairc a àite fhèin air.

10 Iarraidh a mhic na bochdan a thoileachadh, agus aisigidh a làmhan am maoin.

11 Tha a chnàmhan làn de pheacadh a òige, agus maille ris anns an duslach laighidh e.

12 Ged robh an t‑olc milis na bheul, ged fhalaich e e fo a theangaidh;

13 Ged chaomhain e e, agus nach trèig e e, ach gun glèidh e e an taobh a‑staigh a bheòil;

14 Tionndaidhear a bhiadh na mhionach, gu domblas nan nathraichean an taobh a‑staigh dheth.

15 Shluig e sìos beartas, agus sgeithidh e a‑nìos e: tilgidh Dia a‑mach as a bhroinn e.

16 Sùgaidh e nimh nan nathraichean: marbhaidh teanga na nathrach milltich e.

17 Chan fhaic e na h‑aibhnichean nan roinnean, na sruthain meala agus ime.

18 Aisigidh e an nì airson an do shaothraich e, agus cha sluig e sìos e: a rèir a shaoibhreis bidh a aiseag, agus cha dèan e gàirdeachas ann:

19 A chionn gun do rinn e fòirneart, gun do thrèig e na bochdan, le ainneart gun tug e air falbh taigh nach do thog e.

20 Oir cha mhothaich e suaimhneas na chom, cha tèarainn e a’ bheag de na mhiannaich e.

21 Chan fhàgar a’ bheag de a bhiadh; uime sin cha bhi sùil aig duine air bith ra mhaoin.

22 Ann an iomlaine a’ phailteis bidh e ann an teanntachd: thig gach adhbhar dragha air.

23 Nuair a bhios e gus a bhrù a lìonadh, tilgidh Dia fraoch a fheirge air, agus frasaidh e air e nuair a bhios e ag ithe.

24 Teichidh e ro na h‑arman iarainn; buailidh am bogha umha troimhe e.

25 Tàirngear, agus thig a‑mach as a’ chorp, thig an claidheamh loinnreach a‑mach as a dhomblas: thig uamhasan air.

26 Bidh gach uile dhorchadas falaichte na ionadan diamhair: loisgidh teine gun sèideadh e: èiridh gu h‑olc dhàsan a dh’fhàgar na phàillean.

27 Foillsichidh na nèamhan a aingidheachd; agus èiridh an talamh na aghaidh.

28 Triallaidh fàs a thaighe: sruthaidh a nithean as ann an là a fheirge.

29 Is e seo cuibhreann an duine aingidh o Dhia, agus an oighreachd a dh’òrdaicheadh dha le Dia.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan