Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iob 2 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 A‑rìs bha là air an tàinig mic Dhè gu seasamh an làthair an Tighearna, agus thàinig mar an ceudna Sàtan nam measg gu seasamh an làthair an Tighearna.

2 Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, Cia as a thàinig thu? Agus fhreagair Sàtan an Tighearna, agus thubhairt e, O imeachd mun cuairt air an talamh, agus o shiubhal sìos agus suas air.

3 Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, An tug thu fa‑near m’òglach Iob, nach eil neach ann cosmhail ris air an talamh, duine coileanta agus dìreach, air a bheil eagal Dhè, agus a’ seachnadh uilc? Agus fhathast tha e a’ gleidheadh a ionracais, ged ghluais thusa mi na aghaidh a‑chum a sgrios gun adhbhar.

4 Agus fhreagair Sàtan an Tighearna, agus thubhairt e, Craiceann airson craicinn, eadhon gach nì a tha aig duine bheir e airson a anama.

5 Ach cuir a‑nis a‑mach do làmh, agus bean ra chnàimh agus ra fheòil, agus as an aodann mallaichidh e thu.

6 Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, Feuch, tha e ad làimh-sa; ach caomhain a bheatha.

7 Agus chaidh Sàtan a‑mach o làthair an Tighearna, agus bhuail e Iob le neasgaidean cràiteach, o bhonn a choise gu mullach a chinn.

8 Agus ghabh e slige-chreadha ga sgrìobadh fhèin leatha; agus shuidh e am measg na luaithre.

9 An sin thubhairt a bhean ris, A bheil thu fhathast a’ cumail d’ionracais? Mallaich Dia, agus faigh bàs.

10 Ach thubhairt esan rithe, Mar a labhras aon de na mnathan amaideach tha thu a’ labhairt: seadh, an gabh sinn math o làimh Dhè, agus nach gabh sinn olc? An seo uile cha do pheacaich Iob le a bhilean.

11 A‑nis nuair a chuala triùir chàirdean Iob an t‑olc seo uile a thàinig air, thàinig iad gach fear as a àite fhèin; Eliphas an Temanach, agus Bildad an Suhach, agus Sophar an Naamatach; oir shuidhich iad eatorra fhèin teachd a dhèanamh bròin maille ris, agus a thabhairt comhfhurtachd dha.

12 Agus nuair a thog iad an sùilean fad as, agus nach d’aithnich iad e, thog iad an guth agus ghuil iad; agus reub iad gach fear a fhallaing, agus chrath iad duslach air an cinn a làimh nan nèamh.

13 Agus shuidh iad sìos maille ris air an talamh seachd làithean agus seachd oidhcheannan, agus cha do labhair neach facal ris; oir chunnaic iad gu robh a dhoilgheas ro‑mhòr.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan