Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iob 15 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 An sin fhreagair Eliphas an Temanach, agus thubhairt e,

2 An luaidh duine glic air eòlas gaoithe, agus an lìon e a chliabh leis a’ ghaoith an ear?

3 An tagair e le briathran gun tairbhe, agus le cainnt leis nach dèan e math?

4 Seadh, tha thu a’ tilgeadh dhìot eagail, agus a’ leigeadh ùrnaigh dhìot an làthair Dhè.

5 Oir teagaisgidh aingidheachd do bheul, agus roghnaichidh tu teanga nan cuilbheartach.

6 Dìtidh do bheul fhèin thu, agus cha mhise; agus bheir do bhilean fhèin fianais ad aghaidh.

7 An tusa an ciad duine a rugadh? No ro na cnocan an do rinneadh thu?

8 An cuala tu a’ bheag ann an comhairle dhiamhair Dhè? Agus ad ionnsaigh fhèin a‑mhàin an do tharraing thu gliocas?

9 Ciod as aithne dhutsa, nach aithne dhuinne? A thuigeas tusa, nach tuig sinne?

10 Tha araon an ceann-liath agus an t‑aosmhor nar measg-ne nas sine gu mòr na d’athair.

11 Am beag leat sòlasan Dhè? Agus a bheil nì diamhair agad?

12 Carson a tha do chridhe gad thoirt air falbh, agus carson a tha do shùilean a’ caogadh,

13 Gu bheil thu a’ tionndadh do spioraid an aghaidh Dhè, agus a’ leigeadh an leithidean sin de bhriathran a‑mach as do bheul?

14 Cò e an duine, gum biodh e glan? Agus gun saoradh esan e fhèin, a rugadh o mhnaoi?

15 Feuch, as a naoimh chan earb e; agus chan eil na nèamhan glan na shùilean.

16 Nach gràineile agus nach salaiche gu mòr an duine, a dh’òlas euceart mar uisge?

17 Innsidh mi dhut, èisd rium; agus na chunnaic mi, cuiridh mi an cèill;

18 A dh’aithris daoine glice, agus nach do cheil an athraichean orra:

19 Don tugadh nan aonar an talamh, agus cha d’imich coigreach nam measg.

20 Rè a làithean uile cràidhear an t‑aingidh; agus falaichear àireamh a bhliadhnachan air an fhear-shàrachaidh.

21 Tha fuaim eagalach na chluasan: na shoirbheachadh thig am fear-millidh air.

22 Cha chreid e gun till e as an dorchadas; agus feithear air leis a’ chlaidheamh.

23 Tha e ag imeachd mun cuairt airson arain, ag ràdh, Càit a bheil e? Tha fhios aige gu bheil là an dorchadais deas aig a làimh.

24 Cuiridh teanntachd agus àmhghar uamhas air: buadhaichidh iad air, mar rìgh deas a‑chum catha.

25 Oir sìnidh e a‑mach a làmh an aghaidh Dhè, agus an aghaidh an Uile-chumhachdaich neartaichidh e e fhèin.

26 Ruithidh e air, air a mhuineal, air cupan tiugh a sgiath;

27 A chionn gun do chòmhdaich e a ghnùis le a shult, agus gun do rinn e fillidhean saille air a leasraidh.

28 Agus còmhnaichidh e ann am bailtean fàsaichte, ann an taighean nach eil air an àiteachadh, a tha ullamh gu bhith nan càrnan.

29 Cha bhi e beartach, agus cha mhair a mhaoin; agus cha sìn e a‑mach a fhreumh anns an talamh.

30 Cha triall e à dorchadas; tiormaichidh lasair a mheanglan; agus siùbhlaidh e le anail a bheòil.

31 Na earbadh esan a mheallar à dìomhanas; oir dìomhanas bidh aige mar luigheachd.

32 Ro a là coileanar e; agus cha bhi a gheug uaine.

33 Crathaidh e dheth mar an fhìonain a fhìondhearcan anabaich, agus tilgidh e dheth mar an crann-ola a bhlàth.

34 Oir bidh coitheanal nan cealgair aonaranach, agus caithidh teine pàilleanan na duais-bhratha.

35 Ginidh iad donas, agus beiridh iad droch-bheart, agus ullaichidh an com cealg.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan