Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iob 13 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Feuch, chunnaic mo shùil seo uile; chuala mo chluas, agus mhothaich i e.

2 Mar as aithne dhuibhse, is aithne dhòmhsa mar an ceudna: chan ìsle mise na sibhse.

3 Ach labhrainn-sa ris an Uile-chumhachdach, agus b’àill leam tagradh ri Dia.

4 Oir is luchd-cumaidh bhreug sibhse, lèighean nach fiù sibh uile.

5 O nach robh sibh gu tur nur tosd! agus b’e sin ur gliocas.

6 Cluinnibh a‑nis mo thagradh, agus èisdibh ri deasbaireachd mo bhilean.

7 An labhair sibh gu h‑aingidh airson Dhè? Agus air a shon-san an labhair sibh gu cealgach?

8 An gabh sibh ra ghnùis? Airson Dhè an dèan sibh còmhstri?

9 A bheil e math gun rannsaicheadh e a‑mach sibh? Mar a nìthear fanaid air duine, an dèan sibh fanaid airsan?

10 Gu cinnteach cronaichidh e sibh, ma ghabhas sibh ann an uaigneas ri pearsachan.

11 Nach cuir a òirdhearcas-san eagal oirbh? Agus nach tuit a uamhann-san oirbh?

12 Tha ur cuimhne cosmhail ri luaithre, mar chuirp creadha ur cuirp.

13 Bithibh nur tosd am thaobh-sa, agus labhraidh mi, agus thigeadh orm na dh’fhaodas.

14 Carson a tha mi a’ gabhail m’fheòla am fhiaclan, agus a’ cur mo bheatha ann am làimh?

15 Ged mharbh e mi, gidheadh earbaidh mi as: ach tagraidh mi mo shlighean na fhianais.

16 Mar an ceudna bidh e dhòmhsa a‑chum slàinte; oir cha tig cealgair na làthair.

17 Eisdibh gu furachair rim chainnt, agus rim sgeul le ur cluasan.

18 Feuch a‑nis, chuir mi mo chùis ann an òrdagh: tha fhios agam gun saorar mi.

19 Cò esan a thagras rium? Oir a‑nis, ma bhios mi am thosd, bheir mi suas an deò.

20 A‑mhàin dà nì na dèan rium; an sin od ghnùis chan fhalaich mi mi fhèin.

21 Tarraing do làmh fada uam agus na cuireadh d’uamhann eagal orm.

22 An sin gairm thusa, agus freagraidh mise: no labhraidh mise, agus freagair thusa mi.

23 Cia lìonmhor m’euceartan agus mo pheacaidhean? Air m’easaontas agus mo pheacadh thoir fios dhomh.

24 Carson a tha thu a’ falach do ghnùise, agus gam mheas mar nàmhaid dhut?

25 Am bris thu an duilleag a thilgear a‑null agus a‑nall? Agus an ruaig thu an asbhuain thioram?

26 Oir tha thu a’ sgrìobhadh nithean searbha am aghaidh, agus a’ toirt orm euceartan m’òige a shealbhachadh.

27 Agus tha thu a’ cur mo chas anns a’ cheap, agus a’ geur-amharc air mo shlighean gu lèir, agus a’ cur chomharraidhean air bonnan mo chas.

28 Agus mar nì breun cuirear as dha, mar thrusgan a dh’itheas an leòmann.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan