Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iob 12 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus fhreagair Iob, agus thubhairt e,

2 Chan eil teagamh nach sibhse an sluagh, agus maille ribhse bàsaichidh gliocas!

3 Ach agamsa tha tuigse, mar a tha agaibhse; chan ìsle mise na sibhse: agus cò aig nach eil fhios air an leithidean sin?

4 Mar neach a tha na bhall-magaidh aig a charaid tha mise, a ghairmeas air Dia, agus freagraidh e e: na bhall-fochaid tha an duine ceart ionraic.

5 Mar lòchran fo thàir ann an smuaintean an tì a tha aig fois, bidh esan a bhios ullamh gu sleamhnachadh le a chois.

6 Sìochail bidh pàilleanan chreachadairean; agus tèarainte bidh iadsan a bhrosnaicheas Dia; don tug Dia nì nan làimh.

7 Ach feòraich a‑nis de na h‑ainmhidhean, agus teagaisgidh iad thu; agus de eunlaith nan speur, agus innsidh iad dhut:

8 No labhair ris an talamh, agus teagaisgidh e thu; agus cuiridh iasg na mara an cèill dhut.

9 Cò aig nach eil fhios a‑thaobh nan nithean seo uile, gur i làmh an Tighearna a rinn seo,

10 Aig a bheil na làimh anam gach nì beò, agus anail gach uile fheòil dhaoine?

11 Nach dearbh a’ chluas briathran? Agus nach blais am beul a bhiadh?

12 Anns na h‑aosda tha gliocas; agus ann am fad làithean tuigse.

13 Maille ris-san tha gliocas agus neart; aigesan tha comhairle agus tuigse.

14 Feuch, brisidh e sìos, agus cha togar suas: druididh e suas duine, agus chan fhosglar.

15 Feuch, cumaidh e na h‑uisgeachan air an ais, agus tiormaichidh iad suas; agus cuiridh e a‑mach iad, agus tilgidh iad bun-os‑cionn an talamh.

16 Aigesan tha neart agus gliocas: is leis-san esan a mheallar, agus esan a mheallas.

17 Cuiridh e air falbh comhairlich creachte, agus de bhritheamhan nì e amadain.

18 Cuibhreach rìghrean sgaoilidh e, agus crioslaichidh e crios air an leasraidh.

19 Cuiridh e air falbh uachdarain creachte, agus tilgidh e sìos na cumhachdaich.

20 Atharraichidh e cainnt nam fìrinneach, agus bheir e air falbh tuigse nan aosmhor.

21 Taomaidh e tàir air àrd-uaislean agus lagaichidh e neart nan daoine treuna.

22 Taisbeanaidh e nithean doimhne à dorchadas, agus bheir e sgàil a’ bhàis gu solas.

23 Meudaichidh e na cinnich, agus sgriosaidh e iad: farsaingichidh e na cinnich, agus cumhangaichidh e iad.

24 Bheir e air falbh cridhe ceannardan sluagh na talmhainn, agus cuiridh e air seachran iad ann am fàsach as eugmhais slighe.

25 Smeuraichidh iad anns an dorchadas, agus iad gun solas; agus bheir e orra tuisleachadh mar dhuine air mhisg.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan