Iob 11 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 An sin fhreagair Sophar an Naamatach, agus thubhairt e, 2 Do lìonmhorachd bhriathar nach toirear freagradh? Agus an saorar fear na mòr-bhruidhne? 3 An toir do bhreugan-sa air daoine a bhith nan tosd? Agus nuair a nì thu fanaid, nach cuir duine air bith nàire ort? 4 Oir thubhairt thu, Glan tha mo theagasg, agus neochiontach tha mi ann ad shùilean. 5 Ach, O nach labhradh Dia, agus nach fosgladh e a bhilean riut; 6 Agus nach nochdadh e dhut nithean diamhair a’ ghliocais, gu bheil iad dùbailte na tha ann! Biodh fhios agad uime sin gu bheil Dia gad agairt airson d’euceirt. 7 An urrainn thusa le rannsachadh Dia fhaghail a‑mach? An urrainn thu an t‑Uile-chumhachdach fhaghail a‑mach gu h‑iomlan? 8 Ard mar na nèamhan; ciod a nì thu? Nas doimhne na ifrinn; ciod as aithne dhut? 9 Nas fhaide na an talamh a thomhas, agus nas leithne na an fhairge. 10 Ma ghearras e as, no ma dhùineas e suas, no ma chruinnicheas e ri chèile, cò a bhacas e? 11 Oir is aithne dha daoine faoine; agus nuair a chì e euceart, nach toir e fa‑near i? 12 Agus b’àill leis an duine fhaoin a bhith glic, ged as ann mar loth asail fhiadhaich a bheirear duine. 13 Ma dheasaicheas tu do chridhe, agus gun sìn thu da ionnsaigh do làmhan; 14 Ma bhios euceart ad làimh, cuir fada uat i, agus na leig le aingidheachd còmhnachadh ad phàilleanan. 15 Oir an sin togaidh tu suas do ghnùis gun smal, agus bidh tu seasmhach, agus cha bhi eagal ort: 16 Oir dìochuimhnichidh tu do dhochair; mar na h‑uisgeachan a chaidh seachad cuimhnichidh tu i: 17 Agus nas soilleire na meadhon-là fàsaidh d’aois; ged robh thu ann an dorchadas, mar a’ mhadainn bidh tu. 18 Agus earbaidh tu, oir bidh dòchas agad; agus cladhaichidh tu, agus gu tèarainte gabhaidh tu tàmh. 19 Agus nuair a laigheas tu sìos, cha chuir neach air bith eagal ort; agus iarraidh mòran do ghnùis. 20 Ach fàilnichidh sùilean nan aingidh, agus dol as cha bhi aca; agus bidh an dòchas mar thoirt suas an deò. |