Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ieremiah 7 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Am facal a thàinig gu Ieremiah on Tighearna, ag ràdh;

2 Seas ann an geata taigh an Tighearna, agus glaodh anns an àite sin am facal seo, agus abair, Cluinnibh facal an Tighearna, uile Iùdah, sibhse a tha ag imeachd a‑steach air na dorsan seo gu adhradh a thoirt do Iehòbhah.

3 Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Leasaichibh ur slighean agus ur gnìomharan, agus bheir mise dhuibh còmhnaidh a ghabhail anns an àite seo.

4 Na earbaibh à briathran breugach, ag ràdh, Is teampall an Tighearna, teampall an Tighearna, teampall an Tighearna iad seo.

5 Oir ma leasaicheas sibh gu h‑iomlan ur slighean agus ur gnìomharan; ma bheir sibh gu ceart breitheanas eadar duine agus a choimhearsnach;

6 Mura sàraich sibh an coigreach, an dìlleachdan agus a’ bhantrach; agus mura dòirt sibh fuil neochiontach anns an àite seo, agus mura tèid sibh air lorg dhiathan eile, a‑chum ur dòrainn fhèin:

7 An sin bheir mise dhuibh còmhnaidh a ghabhail anns an àite seo, anns an fhearann a thug mi dur n‑athraichean, o linn gu linn.

8 Feuch, tha sibhse a’ dèanamh buin à briathran breugach o nach faigh sibh buannachd.

9 Ciod? Am feadh tha sibh a’ goid, a’ mortadh, agus a’ dèanamh adhaltranais, agus a’ mionnachadh gu breugach, agus a’ losgadh tùise do Bhàal, agus a’ gluasad air lorg dhiathan coimheach, air nach robh eòlas agaibh:

10 An tig sibh an sin, agus an seas sibh ann am làthair-sa, anns an taigh seo a tha air a ghairm air m’ainm, agus an abair sibh, Tha sinn air ar toirt thairis a‑chum nan gràineileachdan seo uile a chur an gnìomh?

11 An e gun do rinneadh an taigh seo, a dh’ainmicheadh ormsa, na shloc mhèairleach nur sùilean-se? Feuch, chunnaic mise fhèin e, deir an Tighearna.

12 Ach rachaibh a‑nis dom àite-sa a tha ann an Siloh, far an do chuir mi m’ainm an toiseach, agus faicibh cionnas a bhuin mi ris, airson aingidheachd mo shluaigh Israel.

13 Agus a‑nis, a chionn gun do rinn sibhse na h‑obraichean seo uile, deir an Tighearna, agus gun do labhair mise ribh ag èirigh gu moch, agus a’ labhairt, ach cha d’èisd sibhse; agus gun do ghlaodh mi ribh, ach cha do fhreagair sibh:

14 Uime sin, nì mi ris an taigh seo a dh’ainmicheadh orm, as a bheil sibhse a’ dèanamh buin, agus ris an ionad a thug mi dhuibhse, agus do ur n‑athraichean, amhail a rinn mi ri Siloh.

15 Agus tilgidh mi sibh a‑mach à m’ fhianais, mar a thilg mi a‑mach ur bràithrean uile, an t‑iomlan de shliochd Ephraim.

16 Air an adhbhar sin, na guidh thusa airson an t‑sluaigh seo, cha mhò a chuireas tu suas glaodh no athchuinge as an leth, cha mhò a nì thu eadar-ghuidhe riumsa; oir chan èisd mise riut.

17 Nach faic thu ciod a tha iad seo a’ dèanamh ann am bailtean Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim?

18 Tha a’ chlann a’ tional connaidh, agus na h‑athraichean a’ fadadh an teine, agus na mnathan a’ fuineadh taoise, a dhèanamh bhreacag do bhànrighinn nèimh, agus a dhòrtadh a‑mach thabhartas-dibhe do dhiathan eile, gu campar a chur ormsa.

19 A bheil iad a’ cur campair ormsa? deir an Tighearna; nach ann a tha iad a’ cur dragh orra fhèin, a‑chum masladh an gnùise fhèin?

20 Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Feuch, dòirtear m’fhearg-sa agus mo dhian-chorraich a‑mach air an àite seo, air duine agus air ainmhidh, agus air craobhan na machrach, agus air toradh an fhearainn; agus loisgidh i, agus cha ghabh i mùchadh.

21 Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Cuiribh ur tabhartasan-loisgte ri ur n‑ìobairtean agus ithibh feòil.

22 Oir cha do labhair mise ri ur n‑athraichean, cha mhò a dh’àithn mi dhaibh, anns an là anns an tug mi iad a‑mach à tìr na h‑Eiphit, mu thimcheall thabhartas-loisgte do ìobairtean:

23 Ach an nì seo dh’àithn mi dhaibh, ag ràdh, Thugaibh gèill dom ghuth, agus bidh mise am Dhia dhuibh-se, agus bidh sibhse nur sluagh dhòmhsa; agus gluaisibh anns na h‑uile shlighean a dh’àithn mi dhuibh, a‑chum gun èirich gu math dhuibh.

24 Ach cha d’èisd iad, cha mhò a dh’aom iad an cluas, ach ghluais iad ann an comhairlean ais-innleachdach an droch chridhe fhèin, agus chaidh iad air an ais, agus chan ann air an aghaidh.

25 On là air an tàinig ur n‑athraichean a‑mach à tìr na h‑Eiphit gus an là‑an‑diugh, chuir mi dur n‑ionnsaigh m’uile sheirbhisich, na fàidhean, ag èirigh gach là gu moch agus gan cur a‑mach:

26 Gidheadh cha d’èisd iad rium, cha mhò a dh’aom iad an cluas, ach chruadhaich iad am muineal; rinn iad na bu mhiosa na an athraichean.

27 Uime sin, labhraidh tu na briathran seo uile riu, ach chan èisd iad riut: glaodhaidh tu riu mar an ceudna, ach cha fhreagair iad thu.

28 Uime sin their thu riu, Seo an cinneach nach eil a’ toirt gèill do ghuth an Tighearna, an Dia: cha mhò a ghabh iad ri cronachadh: dh’eug an fhìrinn, agus ghearradh a‑mach om beul i.

29 Geàrr dhìot do ghruag, O Ierusaleim, agus tilg uat i, agus tog suas tuireadh air na h‑ionadan àrda: oir chuir Iehòbhah uaithe, thrèig e ginealach a chorraich.

30 Oir rinn clann Iùdah olc ann am shealladh-sa, deir an Tighearna; chuir iad an gràinealachdan anns an taigh a dh’ainmicheadh ormsa, a‑chum a thruailleadh.

31 Agus thog iad ionadan àrda Thopheit, a tha ann an gleann mac Hinoim, a losgadh am mac agus an nighean anns an teine; nì nach d’àithn mise, is nach tàinig idir ann am chridhe.

32 Air an adhbhar sin, feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns nach goirear nas mò ris Tophet, no gleann mac Hinoim; ach gleann a’ mharbhaidh: oir adhlaicidh iad ann an Tophet, gus nach bi àite falamh ann.

33 Agus bidh cairbhean an t‑sluaigh seo nam biadh do eunlaith an adhair agus do bheathaichean na talmhainn; agus chan fhuadaich aon neach air falbh iad.

34 An sin cuiridh mise cosgadh ann am bailtean Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim, air guth an t‑subhachais, guth an aoibhneis, guth an fhir nuadh-phòsda, agus guth na mnà nuadh-phòsda; bidh an dùthaich na fàsach.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan