Ieremiah 52 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Bha Sedeciah bliadhna ar fhichead a dh’aois nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e aon-bhliadhna-deug ann an Ierusalem; agus b’e ainm a mhàthar Hamutal, nighean Ieremiah o Libnah. 2 Agus rinn e an nì sin a bha olc ann an sùilean an Tighearna, a rèir gach nì a rinn Iehoiacim. 3 Oir tro fheirg an Tighearna thàrladh ann an Ierusalem agus ann an Iùdah, gus an do thilg e iad a‑mach as a fhianais, gun do rinn Sedeciah ar‑a‑mach an aghaidh rìgh Bhàbiloin. 4 Agus thàrladh anns an naoidheamh bliadhna de a linn, anns an deicheamh mìos, air an deicheamh là den mhìos, gun tàinig Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, e fhèin agus uile fheachd, an aghaidh Ierusaleim, agus shuidhich iad camp na h‑aghaidh, agus thog iad daingnichean na h‑aghaidh, air gach taobh. 5 Mar sin bha a’ chathair air a teannachadh gus an aon-bhliadhna-deug de linn rìgh Shedeciah. 6 Agus anns a’ cheathramh mìos, air an naoidheamh là den mhìos, bha a’ ghorta trom anns a’ chathair, agus cha robh aran air bith aig muinntir na tìre. 7 An sin bha a’ chathair air a briseadh sìos, agus theich na fir-chogaidh uile, agus chaidh iad a‑mach as a’ chathair feadh na h‑oidhche, air slighe a’ gheata, eadar an dà bhalla a bha aig lios an rìgh (nuair a bha na Caldèanaich aig a’ chathair timcheall mun cuairt), agus dh’imich iad air slighe a’ chòmhnaird. 8 Ach lean feachd nan Caldèanach air tòir an rìgh, agus rug iad air Sedeciah ann an còmhnardan Iericho; agus bha a fheachd uile air an sgapadh uaithe. 9 Agus ghlac iad an rìgh, agus thug iad suas e gu rìgh Bhàbiloin, aig Riblah, ann am fearann Hamait, far an tug e breitheanas air. 10 Agus mharbh rìgh Bhàbiloin mic Shedeciah fa chomhair a shùl: mharbh e mar an ceudna uile cheannardan Iùdah ann an Riblah. 11 Agus chuir e a‑mach sùilean Shedeciah, agus cheangail e le slabhraidhean e; agus thug rìgh Bhàbiloin leis e gu Bàbilon, agus chuir e ann am prìosan e gu là a bhàis. 12 Agus anns a’ chòigeamh mìos, air an deicheamh là den mhìos (b’i sin an naoidheamh-bliadhna-deug de linn Nebuchadnesair rìgh Bhàbiloin), thàinig Nebusaradan, ceannard an fhreiceadain, a fhritheil do rìgh Bhàbiloin, gu Ierusalem. 13 Agus loisg e taigh an Tighearna, agus taigh an rìgh; agus uile thaighean Ierusaleim, eadhon a h‑uile taigh mòr loisg e le teine. 14 Agus bhris uile fheachd nan Caldèanach, a bha le ceannard an fhreiceadain, ballachan Ierusaleim sìos air gach taobh. 15 Agus cuid de bhochdan an t‑sluaigh, agus fuidheall an t‑sluaigh a dh’fhan anns a’ chathair, agus iadsan a chaidh thairis gu rìgh Bhàbiloin, agus a’ chuid eile den t‑sluagh, thug Nebusaradan ceannard an fhreiceadain air falbh nam braighdean. 16 Ach cuid de bhochdan an fhearainn dh’fhàg Nebusaradan, ceannard an fhreiceadain, gu bhith nan luchd-deasachaidh fhìonainean, agus nan treabhaichean. 17 Agus na puist umha a bha ann an taigh an Tighearna, agus na buinn, agus an fhairge umha a bha ann an taigh an Tighearna, bhris na Caldèanaich, agus thug iad an umha uile gu Bàbilon. 18 Na coireachan fòs, agus na sluasaidean, agus na smàladairean, agus na cuachan, agus na liadhan, agus na h‑uile shoithichean umha, leis an do fhritheil iad, thug iad air falbh. 19 Agus na soithichean-ionnlaid, agus na h‑aighnean-teine, agus na cuachan, agus na coireachan, agus na coinnleirean, agus na liadhan, agus na cupain, a’ chuid a bha de òr na òr; agus a’ chuid a bha de airgead na airgead, thug ceannard an fhreiceadain air falbh. 20 An dà phost, an aon fhairge, agus an dà‑tharbh-dheug umha, a bha fo na buinn a rinn rìgh Solamh airson taigh an Tighearna, cha robh tomhas air umha nan soithichean seo uile. 21 A‑thaobh nam post, b’e àirde gach aon phuist ochd-deug làmh-choille; agus dhèanadh sreang dà làmh-choille dheug a thomhas mun cuairt; agus b’e a thighead ceithir òirlich, fàs a‑staigh. 22 Agus bha coron umha air; agus b’e còig làmhan-coille àirde gach aon choroin, le lìon-obair agus pomgranatan air na coroin mun cuairt, an t‑iomlan de umha; air a’ phost eile mar an ceudna bha pomgranatan cosmhail riu seo. 23 Agus bha sia-deug agus ceithir-fichead pomgranat air aon taobh, ceud pomgranat air an lìon-obair uile mun cuairt. 24 Agus thug ceannard an fhreiceadain leis Seraiah an t‑àrd-shagart, agus Sephaniah an dara sagart, agus na trì dorsairean; 25 Thug e fòs as a’ chathair caillteanach air an robh cùram nam fear-cogaidh, agus seachd fir dhiubhsan a bha dlùth do phearsa an rìgh, a fhuaireadh anns a’ chathair, agus àrd-sgrìobhaiche an t‑sluaigh, a ghabh àireamh muinntir an fhearainn, agus trì-fichead fear de mhuinntir an fhearainn, a fhuaireadh ann am meadhon a’ bhaile; 26 Ghabh eadhon Nebusaradan ceannard an fhreiceadain iad, agus thug e iad a‑chum rìgh Bhàbiloin gu Riblah. 27 Agus bhuail rìgh Bhàbiloin iad, agus chuir e gu bàs iad ann an Riblah, ann am fearann Hamait: mar sin thugadh Iùdah air falbh ann am bruid as a fhearann fhèin. 28 Seo an sluagh a thug Nebuchadnesar air falbh ann am bruid: anns an t‑seachdamh bliadhna, trì mìle Iùdhach agus trì-ar‑fhichead. 29 Ann an ochdamh-bliadhna-deug Nebuchadnesair, thug e air falbh ann am bruid o Ierusalem ochd ceud anam agus a dhà-dheug ar fhichead. 30 Ann an treas-bliadhna-fichead Nebuchadnesair, thug Nebusaradan, ceannard an fhreiceadain, air falbh ann am bruid de na h‑Iùdhaich, seachd ceud, dà‑fhichead agus còig anam: b’iad na h‑anaman uile ceithir mìle agus sia ceud. 31 Agus thàrladh anns an t‑seachdamh-bliadhna-deug ar fhichead de bhraighdeanas Iehoiacim rìgh Iùdah, anns an dara-mìos-deug, air a’ chòigeamh-là‑fichead den mhìos, gun do thog Ebhil-merodach rìgh Bhàbiloin, anns a’ chiad bhliadhna de a linn, suas ceann Iehoiacim rìgh Iùdah, agus thug e a‑mach à prìosan e. 32 Agus labhair e gu caomhail ris, agus chuir e a chathair os cionn cathraichean nan rìghrean a bha leis ann am Bàbilon. 33 Agus dh’atharraich e a chulaidh-phrìosain: agus dh’ith e aran na fhianais a ghnàth, fad uile làithean a bheatha. 34 Agus airson a lòin làitheil, thugadh dha o rìgh Bhàbiloin gach aon là cuibhreann gu là a bhàis, fad uile làithean a bheatha. |