Ieremiah 50 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Am facal a labhair an Tighearna mu thimcheall Bhàbiloin, agus mu thimcheall fearann nan Caldèanach, le Ieremiah am fàidh. 2 Cuiribh an cèill am measg nan cinneach, agus foillsichibh, agus cuiribh suas a’ bhratach; foillsichibh, na ceilibh: abraibh, Ghlacadh Bàbilon, mhaslaicheadh Bel, bhriseadh Merodach na bloighdean, chlaoidheadh a h‑iodhalan, bhriseadh nam bloighdean a dealbhan. 3 Oir tha cinneach a’ teachd a‑nìos na h‑aghaidh on àird a tuath a nì a fearann na fhàsach, air chor is nach gabh aon neach còmhnaidh ann; eadar dhuine agus ainmhidh gluaisidh iad, siùbhlaidh iad air falbh. 4 Ach anns na làithean sin, agus air an àm sin, deir an Tighearna, thig clann Israeil, iad fhèin agus clann Iùdah le chèile, ag imeachd, agus a’ gul nan imeachd, agus iarraidh iad an Tighearna an Dia. 5 Iarraidh iad an t‑slighe gu Sion len aghaidh da h‑ionnsaigh, ag ràdh, Thigibh agus naisgeamaid sinn fhèin ris an Tighearna ann an coicheangal sìorraidh nach leigear air dìochuimhn. 6 Bu chaoraich chaillte mo shluagh-sa: thug an aodhairean orra dol air seachran, tharraing iad a thaobh iad air na slèibhtean; shiubhail iad o shliabh gu cnoc, leig iad an àite-fois air dìochuimhn. 7 Iadsan uile a fhuair iad, shluig iad suas iad; oir thubhairt an naimhdean, Chan eil sinn ri cron air bith, a chionn gun do pheacaich iad an aghaidh an Tighearna, àite-tàimh a’ cheartais; eadhon an Tighearna, dòchas an athraichean. 8 Gluaisibh a‑mach à meadhon Bhàbiloin, agus imichibh à tìr nan Caldèanach, agus bithibh mar na gobhraichean fireann air toiseach nan treudan. 9 Oir feuch, dùisgidh mise, agus bheir mi a‑nìos an aghaidh Bhàbiloin coitheanal chinneach mòra on tìr mu thuath; agus cuiridh iad iad fhèin an òrdagh na h‑aghaidh, air sheòl is gun glacar i: bidh an saighdean mar gum b’ann o ghaisgeach seòlta; cha till aon dhiubh gu dìomhain. 10 Agus bidh Caldèa na creich, iadsan uile a chreachas i gheibh iad an sàth, deir an Tighearna. 11 A chionn gu bheil sibh ri gàirdeachas, a chionn gu bheil sibh ri aighear, O sibhse a chreach m’oighreachd; a chionn gu bheil sibh air fàs reamhar mar agh biadhte, agus ri sitrich mar eich mheanmnach. 12 Maslaichear ur màthair gu mòr, nàraichear ise a rug sibh; feuch ise, deireadh nan cinneach na fàsach, na fearann tioram agus falamh. 13 Airson corraich an Tighearna cha bhi i nas mò air a h‑àiteachadh, ach bidh i na fàsach gu h‑iomlan: bidh uamhann air gach aon a thèid seachad air Bàbilon, agus nì e sgeig ma h‑uile phlàighean. 14 Cuiribh sibh fhèin ann an òrdagh an aghaidh Bhàbiloin air gach taobh: sibhse uile a lùbas am bogha, caithibh oirre, na caomhnaibh saighdean; oir chiontaich i an aghaidh an Tighearna. 15 Eighibh os a cionn air gach taobh: strìochd i i fhèin; thuit a daingnichean, thilgeadh sìos a ballachan: oir is e seo dìoghaltas an Tighearna, dèanaibh-se dìoghaltas oirre: mar a rinn i fhèin, dèanaibh-se rithe. 16 Gearraibh o Bhàbilon am fear-cuir, agus esan a ghlacas an corran ann an àm an fhogharaidh: air eagal claidheamh a’ mhillteir, tillidh iad, gach aon ga shluagh, teichidh iad gach aon ga dhùthaich. 17 Is treud sgapte Israel; rinn leòmhainn a ruagadh; an toiseach, chaith rìgh Asiria suas e; agus mu dheireadh, dh’ith Nebuchadnesar seo, rìgh Bhàbiloin, gu ruig an cnàmh e. 18 Air an adhbhar sin mar seo tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Feuch, smachdaichidh mise rìgh Bhàbiloin agus a fhearann, mar a smachdaich mi rìgh Asiria. 19 Ach bheir mi Israel air ais gu a àite-còmhnaidh fhèin, agus ionaltraidh e air Carmel agus Basan, agus air sliabh Ephraim agus air Gilead sàsaichear a anam anns na làithean sin. 20 Agus anns an àm sin, deir an Tighearna, iarrar aingidheachd Israeil, agus cha bhi i ann; agus lochdan Iùdah, ach cha bhi iad rim faotainn: oir bheir mise maitheanas dhaibh sin a chaomhaineas mi. 21 An aghaidh fearann nan ceannairceach imich suas; air fhèin, agus air a luchd-àiteachaidh dèan peanas, O chlaidheimh, agus cuir as gu buileach dan gineil, deir an Tighearna, agus coilean gach nì mar a dh’àithn mise dhut. 22 Tha fuaim a’ chatha anns an fhearann, eadhon milleadh ro‑mhòr. 23 Cionnas a bhriseadh agus a spealgadh òrd an domhain uile! Cionnas a dh’fhàs Bàbilon na fàsach sgaoilte am measg nan cinneach! 24 Leag mise ribe air do shon, agus bha thu fòs air do ghlacadh, O Bhàbilon, nuair nach do shaoil thu: fhuaireadh, agus fòs ghlacadh thu, a chionn gun do rinn thu strì an aghaidh an Tighearna. 25 Dh’fhosgail an Tighearna a thaigh-arm, agus thug e a‑mach airm a chorraich: oir is i seo obair Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, ann an tìr nan Caldèanach. 26 Thigibh na h‑aghaidh on cheàrn as iomallaiche, fosglaibh a taighean-tasgaidh, cuiribh fo ur casan i mar thòrr, agus sgriosaibh i gu buileach; na biodh fuidheall dhith air fhàgail. 27 Marbhaibh a daimh air fad: rachadh iad sìos a‑chum an àir. Is truagh dhaibhsan, oir tha an là air teachd, àm an smachdachaidh! 28 Guth na muinntir a theich, agus a chaidh as o thìr Bhàbiloin, a dh’fhoillseachadh ann an Sion dìoghaltas an Tighearna ar Dia-ne, dìoghaltas a theampaill. 29 Gairmibh sluagh lìonmhor an aghaidh Bhàbiloin; sibhse uile a tha a’ lùbadh a’ bhogha, cuartaichibh le feachd i air gach làimh; na rachadh cuid air bith dhith as; dìolaibh rithe a rèir a h‑obrach, a rèir gach nì a rinn i, dèanaibh rithe; a chionn gun do rinn i gu h‑uaibhreach an aghaidh an Tighearna, an aghaidh Tì naomh Israeil. 30 Air an adhbhar sin tuitidh a h‑òganaich na sràidean, agus bidh a fir-chogaidh uile air an gearradh as anns an là sin, deir an Tighearna. 31 Feuch tha mise ad aghaidh, O uaibhrich, deir Iehòbhah, Tighearna nan sluagh: gu cinnteach tha do là air teachd, an t‑àm anns an dèan mise do smachdachadh. 32 Agus gheibh an t‑uaibhreach tuisleadh agus leagadh, agus cha bhi neach ann a thogas suas e: agus fadaidh mise teine na bhailtean, agus loisgidh e gach nì mun cuairt dha. 33 Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Shàraicheadh clann Israeil agus clann Iùdah le chèile; agus rinn iadsan uile a thug ann am braighdeanas iad greim daingeann orra; dhiùlt iad an leigeadh air falbh. 34 Is cumhachdach am fear-saoraidh: Iehòbhah, Dia nan sluagh, is e a ainm: tagraidh e gu daingeann an cùis, a‑chum gun toir e suaimhneas don talamh agus mì‑shuaimhneas do luchd-àiteachaidh Bhàbiloin. 35 Bidh claidheamh air na Caldèanaich, tha an Tighearna ag ràdh, agus air luchd-àiteachaidh Bhàbiloin, agus air a h‑uachdarain, agus air a daoine glice; 36 Claidheamh air na breugairean, agus bidh iad air mhì-chèill; claidheamh air a daoine cumhachdach agus bidh iad fo uamhann. 37 Claidheamh air a h‑eich, agus air a carbadan, agus air a h‑uile sluagh co‑mheasgte a tha na meadhon, agus bidh iad mar mhnathan: claidheamh aig a h‑ionmhasan, agus bidh iad air an spùinneadh; 38 Tiormachd air a h‑uisgeachan, agus tiormaichear suas iad: a chionn gur i tìr nan dealbh snaidhte, agus as a h‑iodhalan gu bheil i a’ dèanamh uaille. 39 Air an adhbhar sin gabhaidh fiadh-bheathaichean nam fàsach, agus madaidhean-allaidh nan coilltean, tàmh an sin; an sin fòs nì nigheanan na caillich-oidhche còmhnaidh: agus chan àitichear i tuilleadh gu sìorraidh; cha mhò a ghabhar còmhnaidh innte o linn gu linn. 40 Amhail nuair a sgrios Dia Sòdom agus Gomorrah, agus na bailtean a bha dlùth dhaibh, deir an Tighearna, cha ghabh duine còmhnaidh an sin, cha mhò a thèid mac duine gu fuireach air chuairt ann. 41 Feuch, sluagh a’ teachd on àird a tuath, eadhon cinneach mòr, agus dùisgear mòran rìghrean o chrìochan an domhain. 42 Am bogha agus an t‑sleagh glacaidh iad: tha iad fuileachdach, agus cha nochd iad tròcair: beucaidh an guth mar an fhairge, agus marcaichidh iad air eich ann an òrdagh mar dhaoine a‑chum a’ chatha, ann ad aghaidh-sa, O nighean Bhàbiloin. 43 Chuala rìgh Bhàbiloin iomradh orra, agus dh’fhàs a làmhan lag: ghlac àmhghar e, goimh, amhail mnà ri saothair. 44 Feuch, mar leòmhann thig e a‑nìos o ataireachd Iòrdain gu còmhnaidh nan cumhachdach. Gu deimhinn bheir mise fa‑near gu luath gu ruith e a‑nìos as a sin; agus cò e an gaisgeach taghte a chuireas mise os a chionn? Oir cò as cosmhail riumsa, no cò a chumas coinneamh rium, no càit a bheil am buachaille sin as urrainn seasamh ann am làthair? 45 Air an adhbhar sin èisdibh rùn an Tighearna a rùnaich e an aghaidh Bhàbiloin, agus a smuaintean a smaoinich e an aghaidh tìr Chaldèa. Gu deimhinn spìonar air falbh àlach an treud, gu deimhinn nìthear lèirsgrios os an cionn, den àite-còmhnaidh. 46 Leis an fhuaim, Ghlacadh Bàbilon, tha an talamh air a luasgadh, agus chualas a’ ghaoir am measg nan cinneach. |