Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ieremiah 49 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Mu thimcheall nan Amonach. Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Nach eil mic idir aig Israel? Nach eil oighre sam bith aige? Cuime a bheil sealbh aig Milcom air Gad, agus a shluagh a chòmhnaidh na bhailtean?

2 Uime sin, feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an toir mise fa‑near gun cluinnear ann an Rabah nan Amonach caismeachd cogaidh: agus bidh e na thòrr lèirsgrios, agus loisgear a nigheanan le teine: an sin bidh Israel na oighre air an dream a bha nan oighreachan airsan, deir an Tighearna.

3 Dèan ulartaich, O Hesboin, oir chreachadh Ai: èighibh, a nigheanan Rabah, cuiribh umaibh aodach-saic: dèanaibh tuireadh agus ruithibh air ur n‑ais agus air ur n‑aghaidh ri taobh nan callaidean; oir falbhaidh Milcom ann am braighdeanas, a shagartan agus a uachdarain maille ris.

4 Cuime a bheil thu ri uaill ann an gleanntan? Ged tha do ghleann torrach, O nighean cheannairceach; ag earbsa as a h‑ionmhasan, ag ràdh, Cò thig am ionnsaigh-sa?

5 Feuch, bheir mise uamhas ort, tha an Tighearna, Dia nan sluagh, ag ràdh, o gach uile thaobh mun cuairt dhut; agus iomainear a‑mach sibh, gach aon roimhe, agus cha bhi neach ann a chruinnicheas air an ais a’ mhuinntir a ghabhas an ruaig.

6 Ach na dhèidh sin bheir mise air a h‑ais bruid cloinn Amoin, deir an Tighearna.

7 Mu thimcheall Edoim. Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Nach eil gliocas nas mò ann an Teman? An do bhàsaich comhairle nan daoine glice? An deachaidh an gliocas am mugha?

8 Teichibh, tillibh air ur n‑ais, rachaibh domhain a ghabhail còmhnaidh, O luchd-àiteachaidh Dhedain; oir bheir mise dòrainn Esau air, nuair a smachdaicheas mi e.

9 Ma thig luchd-tionail fhìondhearc ad ionnsaigh, chan fhàg iad uiread is dìoghlam: ma thig gadaichean anns an oidhche, creachaidh iad gus am bi aca nas leòr.

10 Oir rùisg mise Esau, leig mi ris a ionadan diamhair, air chor is nach faod e e fhèin fhalach; chreachadh a shliochd, agus a bhràithrean, agus a choimhearsnaich, agus chan eil e fhèin ann.

11 Fàg do dhìlleachdain, gleidhidh mise beò iad; agus cuireadh do bhantraichean an dòchas annamsa.

12 Seadh, mar seo deir an Tighearna, Feuch, iadsan nach robh cho toillteanach air òl den chuaich, dh’òl iad dhith gu deimhinn, agus am faod thusa dol saor as? Cha tèid thu as, ach gu deimhinn òlaidh tu.

13 Oir orm fhèin mhionnaich mise, deir an Tighearna, gum bi Bosrah na lèirsgrios, na mhasladh, na fhàsach, agus na mhallachadh; agus gum bi a uile bhailtean nam fàsaichean sìorraidh.

14 Chuala mi aithris on Tighearna, agus chuireadh teachdaire a‑chum nan cinneach, ag ràdh, Cruinnichibh ri chèile, agus thigibh na h‑aghaidh, agus èiribh suas a‑chum a’ chatha.

15 Oir feuch, nì mise beag thu am measg nan cinneach, agus suarach am measg dhaoine.

16 Rinn do mhòr-chumhachd do mhealladh, uabhar do chridhe, O thusa tha ag àiteachadh uamhan na carraig, a tha a’ gleidheadh àird a’ chnuic: ged dhèan thu gu h‑àrd, mar an iolair, do nead, as a sin bheir mise a‑nuas thu, deir an Tighearna.

17 Agus bidh Edom na fhàsach: bidh uamhann air gach neach a thèid seachad air, agus nì iad sgeig ma uile lèirsgrios.

18 Ceart mar ann an sgrios Shòdoim agus Ghomorrah, agus nan ionadan a bha dlùth dhaibh, deir an Tighearna, cha ghabh duine còmhnaidh an sin, cha mhò a thèid mac duine gu fuireach air chuairt ann.

19 Feuch, mar leòmhann thig e a‑nìos o ataireachd Iòrdain gu ionad-còmhnaidh nan cumhachdach. Gu deimhinn bheir mise fa‑near gu luath gu ruith e a‑nìos as a sin; agus cò e an gaisgeach taghte a chuireas mi os a chionn? Oir cò as cosmhail riumsa, no cò a chumas coinneamh rium, no càit a bheil am buachaille sin as urrainn seasamh ann am làthair?

20 Air an adhbhar sin èisdibh rùn an Tighearna, a rùnaich e an aghaidh Edoim, agus a smuaintean a smaoinich e an aghaidh luchd-àiteachaidh Themain: gu deimhinn spìonar air falbh àlach an treud, gu deimhinn nìthear lèirsgrios os an cionn den àite-còmhnaidh.

21 Le fuaim an leagaidh tha crith air an talamh; tha a ghaoir a’ dol a‑mach; aig a’ Mhuir-ruaidh chualas an èigheach.

22 Feuch, thig e a‑nìos mar iolair ag itealaich, agus sgaoilidh e a sgiathan thar Bhosrah; agus bidh cridheachan laochraidh Edoim anns an là sin mar chridhe mnà ri saothair.

23 Mu thimcheall Dhamascais, Chuireadh gu amhluadh Hamat agus Arphad, oir chuala iad droch sgeul; tha iad fo iomagain mar mhuir bhuairte nach faod a bhith sàmhach.

24 Tha Damascas air fàs lag, tha e ga thionndadh fhèin gu teicheadh, agus fhuair eagal greim air; ghlac teanntachd e, agus ioghannan, mar mhnaoi ri saothair.

25 Cionnas nach maireann cathair a’ mholaidh, baile mo shòlais!

26 Uime sin tuitidh a h‑òganaich na sràidean, agus gearrar as na fir-chogaidh uile anns an là sin, deir Tighearna nan sluagh.

27 Agus fadaidh mise teine ann am balla Dhamascais, agus loisgidh lùchairtean Bhenhadaid.

28 A‑thaobh Chedair, agus a‑thaobh rìoghachdan Hasoir, a bhuail Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin. Mar seo thubhairt an Tighearna, Eiribh, rachaibh suas gu Cedar, agus creachaibh daoine na h‑àird an ear.

29 Am bùthan agus an treudan glacadh iad, an cùirteinean agus an àirneis uile; agus an càmhalan gabhadh iad dhaibh fhèin; agus abradh iad riu, Uamhas air gach taobh.

30 Teichibh, imichibh gu luath, rachaibh domhain a ghabhail còmhnaidh, O luchd-àiteachaidh Hasoir, deir an Tighearna; oir ghabh Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin comhairle nur n‑aghaidh, agus dhealbh e innleachd nur n‑aghaidh.

31 Eiribh, rachaibh suas an aghaidh cinnich shuaimhnich, a tha a’ gabhail còmhnaidh gun chùram, deir an Tighearna; aig nach eil aon chuid dorsan no croinn; a tha a chòmhnaidh air leth leo fhèin.

32 Agus bidh an càmhalan nan cobhartaich, agus pailteas an sprèidhe na chreich, agus sgapaidh mise gus na h‑uile ghaothan iadsan a tha anns na ceàrnan iomallach, agus o gach uile thaobh dheth bheir mise an dòrainn, deir an Tighearna.

33 Agus bidh Hasor na ionad-còmhnaidh dhràgon, na fhàsach bith-bhuan; cha ghabh duine còmhnaidh an sin, cha mhò a thèid mac duine gu fuireach air chuairt ann.

34 Facal an Tighearna a thàinig gu Ieremiah am fàidh mu thimcheall Elaim, ann an toiseach linn Shedeciah rìgh Iùdah, ag ràdh,

35 Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Feuch, brisidh mise bogha Elaim, a’ chuid as trèine den cumhachd.

36 Agus bheir mise air Elam ceithir gaothan o cheithir ceàrnan nèimh, agus sgapaidh mi iad ro na gaothan seo uile; agus cha bhi cinneach sam bith gus nach tig iadsan a dh’fhògradh o Elam.

37 Oir bheir mise air Elam a bhith fo gheilt ron naimhdean, agus ron mhuinntir a tha ag iarraidh an anama; agus bheir mi aimhleas orra, teas mo chorraich, deir an Tighearna; agus cuiridh mi nan dèidh an claidheamh gus an cuir mi as dhaibh.

38 Agus cuiridh mi mo rìgh-chathair ann an Elam, agus sgriosaidh mi as a sin an rìgh agus na ceannardan, deir an Tighearna.

39 Ach tàrlaidh anns na làithean deireannach, gun toir mise air a h‑ais bruid Elaim, deir an Tighearna.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan