Ieremiah 48 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Mu thimcheall Mhòaib, Mar seo tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh: Is an‑aoibhinn do Nebo, oir tha e air a chreachadh! Tha Ciriataim air a chur gu amhluadh, air a ghlacadh; tha an daingneach àrd air a mhaslachadh; agus air a bhriseadh sìos. 2 Nas mò cha bhi uaill aig Mòab: ann an Hesbon dhealbh iad olc na aghaidh, ag ràdh, Thigibh, agus gearramaid as e o bhith na chinneach: millear thusa mar an ceudna, O Mhadmein, bidh an claidheamh air do thòir. 3 Tha fuaim èighich o Horonaim, milleadh agus àr mòr. 4 Tha Mòab air a mhilleadh, thug a chlann bheag air an gaoir a bhith air a cluinntinn. 5 Gu dearbh aig uchdaich Luhit, thèid gul suas gun fhois: gu dearbh aig leathad Horonaim chuala mo naimhdean èigh a’ mhillidh. 6 Teichibh, tèarnaibh ur n‑anam, agus bithibh mar phreas seargte anns an ionad sgaoilte. 7 Oir a chionn gun d’earb thu à do mhaoin, agus à d’ionmhasan, air an adhbhar sin bidh tu fhèin fòs air do ghlacadh: agus thèid Chemos air falbh ann am braighdeanas, a shagartan agus a uachdarain maille ris. 8 Thig creachadair fòs air gach uile chathair; agus cha tèid cathair air bith as: agus millear an gleann, agus thèid an còmhnard a sgrios amhail a labhair an Tighearna. 9 Thugaibh sgiathan do Mhòab, a‑chum gun teich e gu luath air falbh; agus biodh a bhailtean nam fàsach, gun aon gan àiteachadh. 10 Is mallaichte esan a nì obair an Tighearna gu cealgach; agus is mallaichte esan a chumas a chlaidheamh air ais o fhuil. 11 Bha suaimhneas aig Mòab o a òige, agus shocraich e air a dheasgainean, agus cha do thàirngeadh a‑mach o shoitheach gu soitheach e, cha mhò a dh’imich e ann am braighdeanas: air an adhbhar sin mhair a bhlas ann, agus cha d’atharraicheadh a fhàile. 12 Uime sin, feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an cuir mise da ionnsaigh luchd-gluasaid, a bheir air dol air ghluasad, agus a dh’fhalmhaicheas a shoithichean, agus a bhriseas a shoireachan. 13 Agus bidh nàire air Mòab de Chemos, mar a bha nàire air taigh Israeil de Bhetel am muinghinn. 14 Cionnas a their sibh, Tha sinn nar daoine cumhachdach agus treuna airson a’ chatha? 15 Tha Mòab air a chreachadh, agus air dol suas as a bhailtean, agus thàinig an òigridh thaghte-san a‑nuas a‑chum an àir, deir an Rìgh, don ainm Iehòbhah, Dia nan sluagh. 16 Tha lèirsgrios Mhòaib dlùth do làimh, agus àmhghar gu luath a’ greasad. 17 Guilibh air a shon, sibhse uile mun cuairt dha; agus sibhse uile don aithne a ainm, abraibh, Cionnas a bhriseadh slat-rìoghail na treasa, lorg na maise! 18 Thig a‑nuas od àilleachd, agus suidh ann an ìota, O nighean a tha ag àiteachadh Dhiboin; a chionn gu bheil creachadair Mhòaib air teachd a‑nìos ann ad aghaidh, fear-millidh do dhaingnichean. 19 Seas aig an t‑slighe, agus gabh sealladh, O bhean-àiteachaidh Aroeir; feòraich dhethsan a theicheas, agus dhithse a chaidh as; abair, Ciod a rinneadh? 20 Mhaslaicheadh Mòab, oir bhriseadh sìos e: dèanaibh ulartaich agus àrd-èigheach; innsibh an sgeul ann an Arnon, gu bheil Mòab air a mhilleadh. 21 Agus thàinig breitheanas air an tìr chòmhnaird; air Holon, agus air Iahasah, agus air Mephaat; 22 Agus air Dibon, agus air Nebo, agus air Bet-diblataim; 23 Agus air Ciriataim, agus air Bet-gamul, agus air Bet-meon; 24 Agus air Ceriot, agus air Bosrah, agus air uile bhailtean fearann Mhòaib, am fad agus am fagas. 25 Ghearradh adharc Mhòaib uaithe, agus tha a ghàirdean air a bhriseadh, deir an Tighearna. 26 Cuir air mhisg e; a chionn gun do thog e suas e fhèin an aghaidh an Tighearna; seadh, nì Mòab e fhèin aonairt na sgeith fhèin, agus bidh e mar an ceudna na bhall-fanaid. 27 Oir nach robh Israel na bhall-fanaid dhutsa? An d’fhuaireadh am measg mhèirleach e, gun tugadh tu ana-cainnt dha leis na h‑uile bhriathran a b’urrainn thu? 28 Fàgaibh na bailtean, agus gabhaibh còmhnaidh anns a’ charraig, O sibhse a tha ag àiteachadh Mhòaib; agus bithibh cosmhail ris a’ chalaman a nì a nead ann am bruaich bile na h‑uaimhe. 29 Chuala sinn uabhar Mhòaib; tha e ro uaibhreach; a mhòrchuis, agus a uabhar, agus a uaill agus àrdan a chridhe. 30 Is aithne dhòmhsa, deir an Tighearna, a chorraich, ach chan eil a neart da rèir; a ràiteachas, ach chan eil a dhèanadas da rèir. 31 Air an adhbhar sin, guilidh mise airson Mhòaib, eadhon airson Mhòaib uile togaidh mi an àird mo ghuth; ri fir Chir-hereis nì Iaser èigheach le gul. 32 Guilidh mi air do shon, O fhìonain Shibmah; sgaoil do mheanglain thar an fhairge, ràinig iad gu ruig fairge Iaseir; air do mheas-samhraidh, agus air d’fhìon-fhogharadh bhuail am fear-millidh. 33 Agus tha aoibhneas agus gàirdeachas air an toirt air falbh on mhachair thorraich, eadhon o thìr Mhòaib; agus air fìon on amar-bhruthaidh chuir mise casgadh; am fear-bruthaidh cha bhrùth, an iolach chan iolach i. 34 O ghaoir Hesboin gu Elealeh, gu Iahas chuir iad a‑mach an guth, o Shòar gu ruig Horonaim, mar thrì-bliadhnach aighe; oir bidh eadhon uisgeachan Nimrim nan lèirsgrios. 35 Agus cuiridh mise casgadh ann am Mòab, tha an Tighearna ag ràdh, air-san a dh’ìobras air ionad àrd, agus airsan a loisgeas tùis da dhiathan. 36 Air an adhbhar sin nì mo chridhe fuaim mar phìoban airson Mhòaib; nì eadhon mo chridhe fuaim mar phìoban airson fir Chir-hereis: a chionn gun deachaidh am beartas a fhuair iad am mugha. 37 Seadh, bidh gach ceann maol, agus gach feusag beàrrte: air na h‑uile làmhan bidh gearraidhean, agus air na h‑uile leasraidh sac-èideadh. 38 Air mullach uile thaighean Mhòaib, agus na shràidean, bidh tuireadh coitcheann: oir bhris mise Mòab mar shoitheach anns nach eil aig aon neach tlachd, deir an Tighearna. 39 Cionnas a bhriseadh sìos e! (bhùir iad); cionnas a thionndaidh Mòab a chùlaibh! Nàraicheadh Mòab, agus bidh e na bhall-fanaid, agus na uamhann dhaibhsan uile mun cuairt dha. 40 Oir mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, itealaichidh aon mar iolair, agus sgaoilidh e a sgiathan mar Mhòab. 41 Ghlacadh na bailtean, agus tha na daingnichean an làimh, agus bidh cridheachan laoich Mhòaib anns an là sin mar chridhe mnà ri saothair. 42 Agus sgriosar Mòab o bhith nas mò na chinneach, a chionn gun d’àrdaich e e fhèin an aghaidh an Tighearna. 43 Bidh uamhas, an sloc, agus an ribe ort, O fhir-àiteachaidh Mhòaib, deir an Tighearna. 44 Esan a theicheas on uamhas, tuitidh e anns an t‑sloc, agus esan a dh’èireas as an t‑sloc, glacar e anns an ribe; oir bheir mise air, eadhon air Mòab, bliadhna a smachdachaidh, deir an Tighearna. 45 Fo sgàil Hesboin sheas iadsan a theich on ainneart: ach thig teine a‑mach o Hesbon, agus lasair à meadhon Shihoin, agus loisgidh e ceàrnan Mhòaib, agus mullach-cinn nan daoine ceannairceach. 46 Is an‑aoibhinn dhutsa, O Mhòaib! Tha thusa caillte, O shluaigh Chemois, oir thugadh do mhic air falbh ann am braighdeanas, do nigheanan ann am bruid mar an ceudna! 47 Gidheadh bheir mise air a h‑ais bruid Mhòaib anns na làithean deireannach, deir an Tighearna. An fhad seo breitheanas Mhòaib. |