Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ieremiah 47 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Facal an Tighearna a thàinig gu Ieremiah am fàidh a‑thaobh nam Philisteach, mun do bhuail Phàraoh Gàsa.

2 Mar seo deir an Tighearna, Feuch, tha uisgeachan a’ teachd a‑nìos on àird a tuath, agus fàsaidh iad nan tuil a thig thairis, agus a chòmhdaicheas am fearann, agus gach nì a tha ann; a’ chathair, agus iadsan a tha ga h‑àiteachadh: agus èighidh na daoine gu h‑àrd, agus nì uile luchd-àiteachaidh na tìre tuireadh.

3 Ri fuaim tartar iongannan each meamnach, ri faram a charbad, ri stairirich a rothan, cha seall na h‑athraichean air an ais rin cloinn le laigse làmh;

4 Airson an là a tha a’ teachd a chreachadh nam Philisteach uile, agus a ghearradh air falbh o Thìrus agus o Shìdon gach fear-cuideachaidh a mhaireas: oir creachaidh an Tighearna na Philistich, fuidheall tìr Chaphtoir.

5 Thàinig maoile air Gàsa; mhilleadh Ascelon, fuidheall an glinne; cia fhada a nì thu thu fhèin a ghearradh?

6 Ho! chlaidheimh Iehòbhah! Cia fhada gus an gabh thu fois? Taisg thu fhèin ann ad thruaill, gabh fois, agus bi sàmhach.

7 Cionnas a dh’fhaodas e a bhith sàmhach, o thug an Tighearna àithne dha? An aghaidh Asceloin, agus an aghaidh oirthir na fairge, an sin dh’òrdaich e e.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan