Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ieremiah 41 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 A‑nis thàrladh air an t‑seachdamh mìos gun tàinig Ismael mac Netaniah, mhic Elisama, den t‑sìol rìoghail, agus maithean an rìgh, eadhon deich fir, maille ris, gu Gedaliah mac Ahicaim, do Mhispah, agus an sin dh’ith iad aran le chèile ann am Mispah.

2 An sin dh’èirich Ismael mac Netaniah, agus na deich fir a bha maille ris, agus bhuail iad Gedaliah mac Ahicaim, mhic Shaphain, leis a’ chlaidheamh, agus mharbh iad e, esan a chuir rìgh Bhàbiloin na uachdaran os cionn an fhearainn.

3 Mharbh Ismael mar an ceudna na h‑Iùdhaich uile a bha maille ris, maille ri Gedaliah ann am Mispah, agus na Caldèanaich a fhuaireadh an sin, na fir-chogaidh.

4 Agus thàrladh air an dara là, an dèidh dha Gedaliah a mharbhadh, agus gun fhios aig duine sam bith air,

5 Gun tàinig daoine àraidh, o Shechem, o Shiloh, agus o Shamaria, ceithir-fichead fear, aig an robh am feusagan air am bearradh, an aodaichean air an reubadh, agus iad fhèin geàrrte, le tabhartasan agus tùis nan làimh gu an toirt gu taigh an Tighearna.

6 Agus chaidh Ismael mac Netaniah a‑mach o Mhispah nan còdhail, a’ gul fad na slighe: agus thàrladh nuair a choinnich e iad, gun dubhairt e riu, Thigibh gu Gedaliah mac Ahicaim.

7 Agus thàrladh nuair a thàinig iad gu meadhon a’ bhaile, gun do mharbh Ismael mac Netaniah iad, agus thilg e iad ann am meadhon an t‑sluic, e fhèin agus na daoine a bha leis.

8 Ach fhuaireadh nam measg deichnear fhear a thubhairt ri Ismael, Na marbh sinne: oir tha ionmhasan againn anns a’ mhachair, de chruithneachd, agus de eòrna, agus de ola, agus de mhil. Mar sin sguir e, agus cha do mharbh e iad am measg am bràithrean.

9 A‑nis b’e an sloc anns na do thilg Ismael uile chuirp mharbha nan daoine a mharbh e airson Ghedaliah an sloc sin a rinn Asa an rìgh air eagal Bhaasa rìgh Israeil; lìon Ismaeil mac Netaniah e leòsan a mharbhadh.

10 An sin thug Ismael leis ann am bruid na h‑uile a bha an làthair den t‑sluagh a bha ann am Mispah, eadhon nigheanan an rìgh, agus an sluagh uile a dh’fhan ann am Mispah, a thug Nebusaradan, ceannard an fhreiceadain, do Ghedaliah mac Ahicaim; thug eadhon Ismael mac Netaniah leis ann am bruid iad, agus dh’imich e gu dol thairis a‑chum nan Amonach.

11 Ach nuair a chuala Iohanan mac Chareah, agus uile cheannardan an fheachd, a bha maille ris, an t‑olc ud uile a rinn Ismael mac Netaniah,

12 An sin thug iad leo na daoine air fad, agus chaidh iad a chogadh ri Ismael mac Netaniah, agus fhuair iad e aig na h‑uisgeachan mòra a tha ann an Gibeon.

13 A‑nis thàrladh nuair a chunnaic an sluagh sin uile a bha le Ismael Iohanan mac Chareah, agus uile cheannardan an fheachd a bha maille ris, gu robh iad an sin aoibhneach.

14 Agus thionndaidh an sluagh uile, a thug Ismael air falbh ann am bruid o Mhispah, mun cuairt, agus thill iad, agus chaidh iad gu Iohanan mac Chareah.

15 Ach chaidh Ismael mac Netaniah as o Iohanan le ochdnar fhear, agus chaidh e a‑chum nan Amonach.

16 An sin ghabh Iohanan mac Chareah, agus uile cheannardan an fheachd a bha leis, uile iarmad an t‑sluaigh a bhuin e o Ismael mac Netaniah, o Mhispah (an dèidh dha Gedaliah mac Ahicaim a mharbhadh), gaisgich, fir-chogaidh, agus mnathan, agus clann, agus caillteanaich, a thug e air an ais o Ghibeon:

17 Agus dh’imich iad, agus ghabh iad còmhnaidh ann an aitreabh Chimhaim, a tha làimh ri Betlehem, a‑chum falbh gu dol a‑steach don Eiphit, à fianais nan Caldèanach:

18 Oir bha eagal orra romhpa a chionn gun do mharbh Ismael mac Netaniah Gedaliah mac Ahicaim, a rinn rìgh Bhàbiloin na uachdaran anns an fhearann.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan