Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ieremiah 40 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Am facal a thàinig a‑chum Ieremiah on Tighearna, an dèidh do Nebusaradan, ceannard an fhreiceadain, a leigeadh as o Ramah, nuair a thugadh e da ionnsaigh, agus e ceangailte le slabhraidhean am measg na muinntir sin uile a thugadh air falbh nam braighdean o Ierusalem agus o Iùdah, a thugadh ann am braighdeanas gu Bàbilon.

2 Agus ghabh ceannard an fhreiceadain Ieremiah, agus thubhairt e ris, Labhair an Tighearna, do Dhia-sa, an t‑olc seo an aghaidh an àite seo.

3 A‑nis thug an Tighearna gu crìch e, agus rinn e mar a labhair e: a chionn gun do pheacaich sibh an aghaidh an Tighearna, agus nach tug sibh gèill da ghuth, air an adhbhar sin tha an t‑olc seo air teachd oirbh.

4 Agus a‑nis feuch, tha mise gad fhuasgladh an‑diugh o na slabhraidhean a bha air do làmhan. Ma chì thu ceart teachd leamsa gu Bàbilon, thig; agus bheir mi aire mhath dhut: ach mura faic thu ceart teachd leamsa gu Bàbilon, fan: feuch, tha am fearann gu h‑iomlan fad chomhair: far am faicear ceart agus iomchaidh dhut dol, theirig ann; agus ciod air bith tuilleadh cha chumar air ais e.

5 Falbh uime sin air d’ais gu Gedaliah mac Ahicaim, mhic Shaphain, a rinn rìgh Bhàbiloin na uachdaran os cionn bailtean Iùdah, agus gabh còmhnaidh leis am measg an t‑sluaigh: no falbh càit air bith am faic thu iomchaidh dol. Mar sin thug ceannard an fhreiceadain biadh agus duais dha, agus leig e dha imeachd.

6 An sin chaidh Ieremiah gu Gedaliah mac Ahicaim, gu Mispah, agus ghabh e còmhnaidh leis, am measg an t‑sluaigh a dh’fhàgadh anns an fhearann.

7 A‑nis nuair a chuala uile cheannardan an fheachd a bha anns na machraichean, iad fhèin agus an daoine, gun do rinn rìgh Bhàbiloin Gedaliah mac Ahicaim na uachdaran anns an fhearann, agus gun d’earb e ris fir, agus mnathan, agus clann, eadhon cuid de bhochdan an fhearainn, dhiubhsan nach tugadh air falbh ann am bruid gu Bàbilon;

8 An sin thàinig iad gu Gedaliah gu Mispah, eadhon Ismael mac Netaniah, agus Iohanan, agus Ionatan, mic Chareah, agus Seraiah mac Thanhumeit, agus mic Ephai an Netophataich, agus Iesaniah mac Maachataich, iad fhèin agus an daoine.

9 Agus mhionnaich Gedaliah mac Ahicaim mhic Shaphain dhaibhsan, agus dan daoine, ag ràdh, Na biodh eagal oirbh gèill a thoirt do na Caldèanaich; gabhaibh còmhnaidh anns an tìr, agus thugaibh gèill do rìgh Bhàbiloin, agus èiridh gu math dhuibh.

10 Air mo shon-sa, feuch, nì mi còmhnaidh ann am Mispah, a fhrithealadh do na Caldèanaich a thig dar n‑ionnsaigh; ach sibhse, tionailibh fìon, agus meas samhraidh, agus ola, agus cuiribh iad nur soithichean, agus dèanaibh còmhnaidh nur bailtean air an do rinn sibh greim.

11 Air an dòigh cheudna nuair a chuala na h‑uile Iùdhaich a bha ann am Mòab, agus am measg nan Amonach, agus ann an Edom, agus a bha anns na h‑uile dhùthchannan, gun d’fhàg rìgh Bhàbiloin fuidheall de Iùdah, agus gun do chuir e os an cionn Gedaliah mac Ahicaim, mhic Shaphain;

12 An sin thill na h‑uile Iùdhaich as a h‑uile àite gus an robh iad air am fògradh, agus thàinig iad gu tìr Iùdah, gu Gedaliah, do Mhispah, agus thionail iad fìon, agus meas samhraidh, gu ro‑phailt.

13 Agus thàinig Iohanan mac Chareah, agus uile cheannardan an fheachd a bha anns na machraichean, gu Gedaliah do Mhispah.

14 Agus thubhairt iad ris, A bheil fhios agad gu cinnteach gun do chuir Bàalis, rìgh nan Amonach, Ismael mac Netaniah a‑chum do mharbhadh? Ach cha do chreid Gedaliah mac Ahicaim iad.

15 An sin labhair Iohanan mac Chareah ri Gedaliah ann am Mispah gu h‑uaigneach, ag ràdh, Leig dhòmhsa dol, guidheam ort, agus marbhaidh mi Ismael mac Netaniah, agus cha bhi fhios aig duine sam bith air: cuime am marbhadh e thusa, agus gum biodh na h‑uile Iùdhaich a tha air an cruinneachadh ad ionnsaigh air an sgapadh, agus gum bàsaicheadh na tha maireann de Iùdah?

16 Ach thubhairt Gedaliah mac Ahicaim ri Iohanan mac Chareah, Cha dèan thu an nì seo, oir is breug a tha thu a’ labhairt a‑thaobh Ismaeil.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan