Ieremiah 4 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Ma thilleas tu a‑rìs, O Israeil, deir an Tighearna, am ionnsaigh-sa tillidh tu; agus ma chuireas tu air falbh do ghràinealachdan om làthair-sa, an sin cha gluaisear thu: 2 Ach mionnaichidh tu, Mar as beò an Tighearna, ann am fìrinn, ann am breitheanas, agus ann an ionracas: agus beannaichidh na cinnich iad fhèin annsan, agus annsan nì iad uaill. 3 Uime sin, mar seo deir an Tighearna ri fir Iùdah, agus ri Ierusalem, Brisibh suas ur fearann-treabhaidh, agus na cuiribh am measg droighinn. 4 Bithibh air ur timcheall-ghearradh don Tighearna, agus thugaibh air falbh ro‑chraicinn ur cridheachan, O fheara Iùdah, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim, mun tèid mo chorraich-sa a‑mach mar theine, agus mun las i, air chor is nach faodar a mùchadh, airson aingidheachd ur gnìomharan. 5 Cuiribh-se an cèill ann an Iùdah, agus ann an Ierusalem dèanaibh follais, agus abraibh, Sèidibh an trompaid anns an tìr; èighibh gu h‑àrd agus abraibh, Cruinnichibh ri chèile, agus rachamaid a‑steach do na cathraichean daingnichte. 6 Cuiribh suaicheantas suas ann an Sion, rachaibh air ur n‑ais, na seasaibh; oir tha mise a’ tabhairt uilc on àird a tuath, eadhon lèirsgrios mòr. 7 Thàinig an leòmhann a‑nìos o a dhoire, agus tha milltear nan cinneach air a thuras: dh’imich e a‑mach as àite a‑chum d’fhearann a dhèanamh na fhàsach; bidh do bhailtean air an sgrios, air chor is nach bi aon gan àiteachadh. 8 Air an adhbhar sin crioslaichibh sibh fhèin le sac-èideadh, dèanaibh caoidh agus gul; oir chan eil fraoch-feirge an Tighearna air a tilleadh air falbh uainn. 9 Agus tàrlaidh anns an là sin, deir an Tighearna, gum bàsaich cridhe an rìgh, agus cridhe nan àrd-uaislean; agus bidh amhluadh air na sagartan, agus uamhas air na fàidhean. 10 An sin thubhairt mise, Och! a Thighearna Iehòbhah, gu cinnteach mheall thu gu tur an sluagh seo agus Ierusalem, ag ràdh, Bidh sìth agaibh, nuair a tha an claidheamh a’ ruigheachd gu ruig an t‑anam. 11 Anns an àm sin theirear ris an t‑sluagh seo agus ri Ierusalem, Gaoth loisgeach ann an ionadan sgaoilte an fhàsaich, leth ri nighinn mo shluaigh-sa; chan ann gu fasgnadh no gu glanadh; 12 Thig treun-ghaoth o na h‑àitean sin am ionnsaigh-sa: a‑nis fòs labhraidh mi fhèin breitheanas nan aghaidh. 13 Feuch, mar neòil thig e a‑nìos; mar chuairt-ghaoith bidh a charbadan; is luaithe na iolairean a chuid each; mo thruaighe sinne, oir tha sinn creachte! 14 Glan do chridhe o aingidheachd, O Ierusaleim, a‑chum gun tèarnar thu. Cia fhad a ghabhas do smuaintean aingidh còmhnaidh an taobh a‑staigh dhìot? 15 Oir tha guth ag èigheach o Dhan, agus a’ cur àmhghair an cèill o shliabh Ephraim. 16 Glaodhaibh-se ris na cinnich, Feuch! Cuiribh an cèill an aghaidh Ierusaleim gu bheil luchd-freiceadain a’ teachd o dhùthaich fad as, agus gun tog iad suas an guth an aghaidh bailtean Iùdah. 17 Mar luchd-coimhead faiche tha iad na h‑aghaidh mun cuairt dhi, a chionn gun do rinn i ar‑a‑mach ann am aghaidh-sa, deir an Tighearna. 18 Choisinn do shlighe agus do dhèanadas na nithean seo dhut; is i seo d’aingidheachd; a chionn gu bheil i searbh, oir tha i a’ ruigheachd gud chridhe. 19 Mo chom, mo chom! Tha mi air mo chràdh ann am ballachan mo chridhe; an taobh a‑staigh dhìom tha mo chridhe ri fuaim; chan urrainn mi fantainn am thosd; a chionn gun cuala tu, O m’anam, guth na trompaid, gaoir a’ chatha. 20 Tha lèirsgrios air lorg lèirsgrios air a ghairm: gu cinnteach tha an tìr gu h‑iomlan creachte: gu h‑obann chreachadh mo phàilleanan, mo sgàileachan ann an tiota. 21 Cia fhad a chì mi a’ bhratach, a chluinneas mi fuaim na trompaid? 22 Gu cinnteach tha mo shluagh-sa amaideach, ormsa cha do ghabh iad eòlas; is clann aig nach eil tuigse iad, agus tha iad air dhìobhail cèille: tha iad seòlta a dhèanamh uilc, ach math a dhèanamh chan aithne dhaibh. 23 Chunnaic mi an talamh, agus, feuch, bha e gun dealbh agus falamh; na nèamhan fòs, agus bha iad gun solas. 24 Chunnaic mi na slèibhtean, agus, feuch, chriothnaich iad; agus bha na cnuic uile air an luasgadh gu mòr. 25 Dh’amhairc mi, agus, feuch, cha robh aon duine ann; agus uile eòin na h‑ealtainn, theich iad. 26 Dh’amhairc mi, agus, feuch, bha a’ mhachair thorrach na fàsach, agus a h‑uile bhailtean air an tilgeadh sìos, ro làthair an Tighearna, ro dhian-theas a fheirge. 27 Oir mar seo deir Iehòbhah, Bidh am fearann gu h‑iomlan air a fhàsachadh, ach cha dèan mi làn-chrìoch. 28 Airson seo nì an talamh bròn, agus dorchaichear na nèamhan shuas; a chionn gun do labhair mise, agus cha ghabh mi aithreachas; chuir mi romham, agus cha tèid mi air m’ais uaithe. 29 Ro iolach nam marcach agus nam fear-bogha, tha gach cathair a’ teicheadh; chaidh iad a‑steach do thiugh-choilltean, agus shreap iad suas air na creagan: tha na h‑uile bhailtean air an trèigsinn, agus chan eil aon duine gan àiteachadh. 30 Agus thusa, nuair a chreachar thu, ciod a nì thu? Ged èid thu thu fhèin le corcar, ged sgeadaich thu thu fhèin le seudan òir, ged ung thu do rosgan le dathan, gu dìomhain nì thu thu fhèin sgiamhach; nìthear tàir ort led leannain, air d’anam tha iad an tòir. 31 Gu cinnteach chuala mi glaodh amhail mnà ri saothair, teanntachd amhail mnà ri breith a ciad leinibh, glaodh nighean Shioin; a’ caoidh, a’ sgaoileadh a bas, agus ag ràdh, Mo thruaighe mise a‑nis, oir tha m’anam air a chlaoidh le luchd-mortaidh! |