Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ieremiah 39 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Ann an naoidheamh bliadhna Shedeciah rìgh Iùdah, anns an deicheamh mìos, thàinig Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, agus a uile fheachd an aghaidh Ierusaleim, agus champaich iad ma timcheall.

2 Ann an aon-bhliadhna-deug Shedeciah, anns a’ cheathramh mìos, air an naoidheamh là den mhìos, bha a’ chathair air a briseadh suas.

3 Agus thàinig uile chinn-fheadhna rìgh Bhàbiloin a‑steach, agus shuidh iad anns a’ gheata anns a’ mheadhon; Nergal-sareser, Samgar-nebo, Sareschim, Rabsaris, Nergal-sareser, Rabmag, leis a’ chuid eile air fad de chinn-fheadhna rìgh Bhàbiloin.

4 Agus thàrladh an tràth a chunnaic Sedeciah rìgh Iùdah iad, agus na fir-chogaidh uile, gun do theich iad, agus gun deachaidh iad a‑mach as a’ chathair anns an oidhche, air slighe gàrradh an rìgh, tron gheata, eadar an dà bhalla; agus chaidh iad a‑mach air slighe a’ chòmhnaird.

5 Ach lean feachd nan Caldèanach air an tòir, agus rug iad air Sedeciah ann an còmhnardan Iericho; agus ghlac iad e, agus thug iad e gu Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, aig Riblah, ann am fearann Hamait, far an tug e breith air.

6 An sin mharbh rìgh Bhàbiloin mic Shedeciah, ann an Riblah, fa chomhair a shùl; uile mhaithean Iùdah mar an ceudna mharbh rìgh Bhàbiloin.

7 Agus chuir e a‑mach sùilean Shedeciah, agus cheangail e le slabhraidhean e, a‑chum a thoirt gu Bàbilon.

8 Agus loisg na Caldèanaich taigh an rìgh, agus taighean an t‑sluaigh le teine, agus bhris iad sìos ballachan Ierusaleim.

9 An sin thug Nebusaradan, ceannard an fhreiceadain, leis nam braighdean gu Bàbilon am fuidheall sluaigh a dh’fhan anns a’ bhaile, agus iadsan a theich thairis da ionnsaigh, leis a’ chuid eile den t‑sluagh a dh’fhan beò.

10 Ach cuid de bhochdan an t‑sluaigh, aig nach robh nì sam bith, dh’fhàg Nebusaradan, ceannard an fhreiceadain, ann am fearann Iùdah, agus thug e dhaibh fìonliosan agus machraichean anns an àm sin.

11 Agus thug Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin àithne mu thimcheall Ieremiah do Nebusaradan, ceannard an fhreiceadain, ag ràdh,

12 Thoir leat e, agus thoir aire mhath dha, agus na dèan cron sam bith air, ach dèan ris mar a their e riut.

13 Mar sin chuir Nebusaradan ceannard an fhreiceadain fios, agus Nebusasban, Rabsaris, agus Nergal-sareser, Rabmag, agus uile chinn-fheadhna rìgh Bhàbiloin:

14 Chuir eadhon iadsan fios, agus thug iad Ieremiah a‑mach à cùirt a’ phrìosain, agus thug iad e do Ghedaliah mac Ahicaim, mhic Shaphain, gu a thoirt dhachaigh: mar sin ghabh e còmhnaidh am measg an t‑sluaigh.

15 Agus thàinig facal an Tighearna a‑chum Ieremiah, nuair a bha e fhathast air a dhruideadh suas ann an cùirt a’ phrìosain, ag ràdh,

16 Imich agus labhair ri Ebed-melech an t‑Etiopach, ag ràdh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Feuch, bheir mise mo bhriathran air a’ chathair seo airson uilc, agus chan ann airson maith; agus thig iad gu crìch ann ad fhianais-sa anns an là sin.

17 Ach tèarnaidh mi thusa anns an là sin, deir an Tighearna, agus cha toirear thairis thu do làimh na muinntir ro a bheil eagal ort.

18 Oir tèarnaidh mi thu, agus cha tuit thu leis a’ chlaidheamh, ach bidh d’anam mar chobhartach agad, a chionn gun do chuir thu do dhòchas annamsa, deir an Tighearna.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan