Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ieremiah 38 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 An sin chuala Sephatiah mac Mhatain, agus Gedaliah mac Phasuir, agus Iucal mac Shelemiah, agus Pasur mac Mhalchiah, na briathran a labhair Ieremiah ris an t‑sluagh uile, ag ràdh,

2 Mar seo deir an Tighearna, Esan a dh’fhanas anns a’ chathair seo bàsaichidh e leis a’ chlaidheamh, leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh; ach esan a thèid a‑mach a‑chum nan Caldèanach, mairidh e beò; oir gheibh e a anam mar chobhartach, agus mairidh e beò.

3 Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Bheirear gu deimhinn a’ chathair seo suas do làimh feachd rìgh Bhàbiloin, a ghlacas i.

4 Air an adhbhar sin, thubhairt na h‑uachdarain ris an rìgh, Biodh an duine seo, guidheamaid ort, air a chur gu bàs: oir mar seo tha e a’ lagachadh làmhan an luchd-cogaidh a tha fhathast an làthair anns a’ bhaile seo, agus làmhan an t‑sluaigh uile, le bhith a’ labhairt an leithid seo de bhriathran riu: oir chan eil an duine seo ag iarraidh leas an t‑sluaigh seo, ach an aimhleas.

5 An sin thubhairt an rìgh Sedeciah, Feuch, tha e nur làimh: oir chan e an rìgh esan a dh’fhaodas aon nì a chur nur n‑aghaidh.

6 An sin ghlac iad Ieremiah, agus thilg iad e ann an sloc Mhalchiah mhic Hameleich, a bha ann an cùirt a’ phrìosain; agus leig iad sìos Ieremiah le cùird. Agus anns an t‑sloc cha robh uisge sam bith, ach clàbar: agus chaidh Ieremiah fodha anns a’ chlàbar.

7 A‑nis nuair a chuala Ebed-melech an t‑Etiopach, aon de na caillteanaich a bha an taigh an rìgh, gun do chuir iad Ieremiah anns an t‑sloc (agus an rìgh na shuidhe anns an àm sin ann an geata Bheniàmin),

8 Chaidh Ebed-melech a‑mach à taigh an rìgh, agus labhair e ris an rìgh, ag ràdh,

9 Mo thighearna, a rìgh, rinn na daoine seo gu h‑olc anns gach nì a rinn iad ri Ieremiah am fàidh, a thilg iad anns an t‑sloc; oir gheibh e bàs le acras anns an àite sin, a chionn nach eil nas mò aran anns a’ bhaile.

10 An sin dh’àithn an rìgh do Ebed-melech an t‑Etiopach, ag ràdh, Thoir leat à seo deich fir ar fhichead, agus thoir a‑nìos Ieremiah am fàidh as an t‑sloc, mum faigh e bàs.

11 Agus thug Ebed-melech leis na daoine, agus chaidh e a‑steach do thaigh an rìgh fon taigh-thasgaidh, agus thug e as a sin seann bhroineagan, agus seann luideagan, agus leig e sìos iad gu Ieremiah don t‑sloc le cùird.

12 Agus thubhairt Ebed-melech an t‑Etiopach ri Ieremiah, Cuir a‑nis na seann luideagan agus na broineagan seo fod asgailtean mu na cùird. Agus rinn Ieremiah mar sin.

13 Agus tharraing iad a‑nìos Ieremiah le cùird, agus thug iad a‑mach as an t‑sloc e; agus dh’fhan Ieremiah ann an cùirt a’ phrìosain.

14 An sin chuir an rìgh Sedeciah fios, agus thug e Ieremiah am fàidh da ionnsaigh gus an treas dol-a‑steach a tha ann an taigh an Tighearna. Agus thubhairt an rìgh ri Ieremiah, Feòraichidh mi nì àraidh dhìot; na ceil a’ bheag orm.

15 Agus thubhairt Ieremiah ri Sedeciah, Ma dh’innseas mi dhut, nach dèan thu gu cinnteach mo chur gu bàs? Agus ma bheir mi comhairle ort, an èisd thu rium?

16 An sin mhionnaich an rìgh Sedeciah do Ieremiah os ìosal, ag ràdh, Mar as beò an Tighearna a rinn dhuinn an t‑anam seo, cha chuir mi gu bàs thu, cha mhò a bheir mi thairis thu do làimh na muinntir sin a tha ag iarraidh d’anama.

17 Agus thubhairt Ieremiah ri Sedeciah, Mar seo tha Iehòbhah, Dia nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Ma thèid thu gu deimhinn thairis gu cinn-fheadhna rìgh Bhàbiloin, an sin mairidh d’anam beò, agus cha loisgear a’ chathair seo le teine; ach mairidh tu beò, thu fhèin agus do theaghlach.

18 Ach mura tèid thu a‑mach gu cinn-fheadhna rìgh Bhàbiloin, an sin bheirear a’ chathair seo do làimh nan Caldèanach, agus loisgidh iad i le teine, agus cha tèid thusa fhèin as on làmhan.

19 Agus thubhairt an rìgh Sedeciah ri Ieremiah, Tha eagal nan Iùdhach orm, a theich a‑chum nan Caldèanach, gun toir iad thairis mi don làmhan, agus gun dèan iad fanaid orm.

20 Ach thubhairt Ieremiah, Cha toir iad thairis thu; thoir gèill, guidheam ort, do ghuth an Tighearna anns an nì a tha mise a’ labhairt riut: mar sin èiridh gu math dhut, agus mairidh d’anam beò.

21 Ach ma dhiùltas tu dol a‑mach, seo an nì a thaisbein an Tighearna dhòmhsa;

22 Eadhon, feuch, na h‑uile mhnathan a tha air am fàgail ann an taigh rìgh Iùdah, bheirear a‑mach gu cinn-fheadhna rìgh Bhàbiloin, agus their iad, Bhrosnaich do chàirdean thu, agus thug iad buaidh ort: chuir iad do chasan an sàs anns an làthaich, agus thill iad air an ais.

23 Agus bheir iad a‑mach d’uile mhnathan, agus do chlann, a‑chum nan Caldèanach; agus cha tèid thu fhèin as on làmhan, ach glacar thu le làimh rìgh Bhàbiloin, agus bidh tu coireach airson am baile seo a bhith air a losgadh le teine.

24 An sin thubhairt Sedeciah ri Ieremiah, Na biodh fios aig duine sam bith air na briathran seo, agus chan fhaigh thu bàs.

25 Ach ma chluinneas na h‑uachdarain gun do labhair mise riut, agus gun tig iad ad ionnsaigh, agus gun abair iad riut, Innis dhuinn a‑nis ciod a thubhairt thu ris an rìgh, na ceil e oirnne, agus cha chuir sinn gu bàs thu; mar an ceudna ciod a thubhairt an rìgh riutsa:

26 An sin their thu riu, Thaisbein mi m’athchuinge an làthair an rìgh, nach tugadh e orm tilleadh gu taigh Ionatain, a dh’fhaotainn bàis an sin.

27 Agus thàinig na h‑uachdarain uile gu Ieremiah, agus dh’fhiosraich iad dheth; agus dh’innis e dhaibh a rèir nan uile bhriathran seo a dh’àithn an rìgh dha: mar sin sguir iad de labhairt ris, oir cha do mhothaicheadh a’ chùis.

28 Mar sin dh’fhan Ieremiah ann an cùirt a’ phrìosain, gus an là anns an do ghlacadh Ierusalem; agus bha e an sin nuair a ghlacadh Ierusalem.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan