Ieremiah 37 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus rìghich Sedeciah mac Iosiah ann an àite Choniah mhic Iehoiacim, a rinn Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin na rìgh ann am fearann Iùdah. 2 Ach cha d’èisd aon chuid e fhèin no a sheirbhisich, no sluagh na tìre, ri briathran an Tighearna, a labhair e leis an fhàidh Ieremiah. 3 Agus chuir an rìgh Sedeciah Iehucal mac Shelemiah, agus Sephaniah mac Mhaaseiah an sagart, a‑chum an fhàidh Ieremiah, ag ràdh, Dèan ùrnaigh, a‑nis guidheam ort, ris an Tighearna ar Dia air ar son-ne. 4 A‑nis bha Ieremiah a’ teachd a‑steach agus a’ dol a‑mach am measg an t‑sluaigh, oir cha do chuir iad fhathast ann am prìosan e. 5 Anns an àm sin bha feachd Phàraoh air teachd a‑mach as an Eiphit; agus nuair a chuala na Caldèanaich, a bha a’ teannachadh Ierusaleim mun cuairt, iomradh orra, dh’imich iad o Ierusalem. 6 An sin thàinig facal an Tighearna a‑chum an fhàidh Ieremiah, ag ràdh, 7 Mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, Mar seo their sibh ri rìgh Iùdah a chuir thugamsa sibh, gam iarraidh: Feuch, tillidh feachd Phàraoh, a thàinig a‑mach gur còmhnadh, don Eiphit, dan tìr fhèin. 8 Agus thig na Caldèanaich a‑rìs, agus cogaidh iad an aghaidh na cathrach seo agus glacaidh iad i, agus loisgidh iad i le teine. 9 Mar seo deir an Tighearna, Na meallaibh sibh fhèin, ag ràdh, Gu deimhinn imichidh na Caldèanaich uainn: oir chan imich iad. 10 Oir ged bhuaileadh sibh uile fheachd nan Caldèanach a tha a’ cogadh nur n‑aghaidh, agus nach maireadh nam measg ach daoine leònte, gach aon na bhùth, dh’èireadh iad sin fhèin suas, agus loisgeadh iad a’ chathair seo le teine. 11 Agus thàrladh nuair a dh’imich sluagh nan Caldèanach air falbh o Ierusalem, air eagal sluagh Phàraoh, 12 Gun d’imich an sin Ieremiah a‑mach à Ierusalem, a‑chum dol gu fearann Bheniàmin, a dh’fhaotainn cuibhrinn dheth am measg an t‑sluaigh. 13 Agus nuair a bha e an geata Bheniàmin, bha ceannard an fhreiceadain an sin, dom b’ainm Iriah, mac Shelemiah, mhic Hananiah; agus ghlac e Ieremiah am fàidh, ag ràdh, Tha thu a’ dol thairis a‑chum nan Caldèanach. 14 An sin thubhairt Ieremiah, Chan fhìor sin; chan eil mi a’ dol thairis a‑chum nan Caldèanach: ach cha d’èisd e ris: mar sin ghlac Iriah Ieremiah, agus thug e a‑chum nan uachdaran e. 15 Agus bha corraich air na h‑uachdarain ri Ieremiah, agus bhuail iad e, agus chuir iad ann am prìosan e, ann an taigh Ionatain an sgrìobhaiche; oir rinn iad prìosan dheth sin. 16 Nuair a chaidh Ieremiah a‑steach don phrìosan ìochdarach, agus do na slocan, agus a bhuanaich Ieremiah an sin mòran làithean; 17 An sin chuir Sedeciah an rìgh fios, agus thug e a‑mach e; agus dh’fheòraich an rìgh dheth gu h‑uaigneach na thaigh, agus thubhairt e, A bheil facal sam bith on Tighearna? Agus thubhairt Ieremiah, Tha: oir thubhairt e, Do làimh rìgh Bhàbiloin bheirear thairis thu. 18 Os bàrr thubhairt Ieremiah ri rìgh Sedeciah, Ciod an cron a rinn mise ann ad aghaidh-sa, no an aghaidh do sheirbhiseach, no an aghaidh an t‑sluaigh seo, gun do chuir sibh mi ann am prìosan? 19 Càit a bheil a‑nis ur fàidhean a rinn fàistneachd dhuibh, ag ràdh, Cha tig rìgh Bhàbiloin nur n‑aghaidh, no an aghaidh an fhearainn seo? 20 Ach èisd a‑nis, guidheam ort, a thighearna, mo rìgh; gabhar m’athchuinge, guidheam ort, ann ad làthair; agus na toir orm tilleadh gu taigh Ionatain an sgrìobhaiche, air eagal gum faigh mi bàs an sin. 21 Agus dh’àithn an rìgh Sedeciah gun cuireadh iad Ieremiah ann an cùirt a’ phrìosain, agus gun tugadh iad dha gach là cuibhreann arain à sràid nam fuineadairean, gus am biodh uile aran na cathrach air teireachdainn. Agus dh’fhan Ieremiah ann an cùirt a’ phrìosain. |