Ieremiah 36 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus thàrladh ann an ceathramh bliadhna Iehoiacim mhic Iosiah, rìgh Iùdah, gun tàinig am facal seo gu Ieremiah on Tighearna, ag ràdh, 2 Gabh dhut clàr-sgrìobhaidh, agus sgrìobh ann na h‑uile bhriathran a labhair mise riut an aghaidh Israeil, agus an aghaidh Iùdah, agus an aghaidh nan uile chinneach, on là anns an do labhair mi riut ann an làithean Iosiah, eadhon gus an là‑an‑diugh. 3 Theagamh gun tabhair taigh Iùdah fa‑near an t‑olc sin uile a tha ann am aire-sa a dhèanamh orra; air chor is gun till iad, gach aon o a dhroch shlighe, agus gum maith mise an aingidheachd agus am peacadh. 4 An sin ghairm Ieremiah Baruch mac Neriah; agus sgrìobh Baruch o bheul Ieremiah uile bhriathran an Tighearna, a labhair e ris, air clàr-sgrìobhaidh. 5 Agus dh’àithn Ieremiah do Bharuch, ag ràdh, Tha mise air mo dhruideadh suas, chan urrainn mi dol gu taigh an Tighearna; 6 Uime sin, imich thusa agus leugh anns a’ chlàr a sgrìobh thu om bheul-sa briathran an Tighearna, ann an èisdeachd an t‑sluaigh, ann an taigh an Tighearna, air là an traisg: agus fòs leughaidh tu iad ann an èisdeachd Iùdah uile a thig a‑mach as am bailtean. 7 Theagamh gun taisbein iad an athchuinge an làthair an Tighearna, agus gun till iad, gach aon o a dhroch shlighe; oir is mòr an fhearg agus a’ chorraich a labhair an Tighearna an aghaidh an t‑sluaigh seo. 8 Agus rinn Baruch mac Neriah a rèir gach nì a dh’àithn Ieremiah am fàidh dha, a’ leughadh anns an leabhar briathran an Tighearna ann an taigh an Tighearna. 9 Agus thàrladh ann an còigeamh bliadhna Iehoiacim mhic Iosiah rìgh Iùdah, anns an naoidheamh mìos, gun d’èigh iad trasg an làthair an Tighearna, an sluagh uile a bha ann an Ierusalem, agus an sluagh uile a thàinig o bhailtean Iùdah gu Ierusalem. 10 An sin leugh Baruch anns an leabhar briathran Ieremiah ann an taigh an Tighearna, ann an seòmar Ghemiriah mhic Shaphain an sgrìobhaiche, anns a’ chùirt uachdaraich, aig dol a‑steach geata nuadh taigh an Tighearna, ann an èisdeachd an t‑sluaigh uile. 11 Agus chuala Michaiah mac Ghemariah, mhic Shapain, uile bhriathran an Tighearna as an leabhar. 12 Agus chaidh e sìos gu taigh an rìgh, gu seòmar an sgrìobhaiche; agus, feuch, bha na h‑uachdarain uile nan suidhe an sin, Elisama an sgrìobhaiche, agus Delaiah mac Shemaiah, agus Elnàtan mac Achboir, agus Gemariah mac Shaphain, agus Sedeciah mac Hananiah, agus na h‑uaislean uile. 13 An sin chuir Michaiah an cèill dhaibh na h‑uile bhriathran a chuala e, nuair a leugh Baruch an leabhar ann an èisdeachd an t‑sluaigh. 14 Agus chuir na h‑uachdarain uile Iehudi mac Netaniah, mhic Shelemiah, mhic Chusi, gu Baruch, ag ràdh, Glac ann ad làimh an clàr anns an do leugh thu ann an èisdeachd an t‑sluaigh, agus thig. Agus ghabh Baruch mac Neriah an clàr na làimh, agus thàinig e don ionnsaigh. 15 Agus thubhairt iad ris, Suidh sìos a‑nis, agus leugh e nar n‑èisdeachd. Agus leugh Baruch nan èisdeachd. 16 A‑nis thàrladh, nuair a chuala iad na h‑uile bhriathran, gun d’amhairc iad le eagal, gach aon air a chèile; agus thubhairt iad ri Baruch, Innsidh sinn gu deimhinn don rìgh na briathran seo air fad. 17 Agus dh’fheòraich iad de Bharuch, ag ràdh, Innis dhuinn a‑nis cionnas a sgrìobh thu na briathran seo uile o a bheul? 18 Agus fhreagair Baruch iad, Labhair e rium le a bheul na briathran seo uile, agus sgrìobh mi iad le dubh ann an leabhar. 19 An sin thubhairt na h‑uachdarain ri Baruch, Falbh, agus falaich thu fhèin, thusa agus Ieremiah; agus na biodh fios aig aon neach càit am bi sibh. 20 Agus chaidh iad a‑steach a‑chum an rìgh don chùirt, ach thaisg iad suas an clàr ann an seòmar Elisamah an sgrìobhaiche; agus dh’innis iad na h‑uile bhriathran ann an èisdeachd an rìgh. 21 An sin chuir an rìgh Iehudi a thoirt a’ chlàir da ionnsaigh, agus thug e à seòmar Elisamah an sgrìobhaiche e, agus leugh Iehudi e ann an èisdeachd an rìgh agus ann an èisdeachd nan uile uachdaran a sheas ri taobh an rìgh. 22 Agus bha an rìgh na shuidhe anns an taigh-gheamhraidh, anns an naoidheamh mìos, agus bha teinntean fa chomhair le èibhlean teine. 23 Agus thàrladh nuair a leugh Iehudi trì no ceithir earrannan, gun do gheàrr e leis an sgein-phinn e, agus thilg e anns an teine a bha air an teinntean e, gus an robh an clàr gu h‑iomlan air a chaitheamh anns an teine a bha air an teinntean. 24 Ach cha do ghabh iad eagal, cha mhò a reub iad an trusgain, aon chuid an rìgh, no aon da sheirbhisich a chuala na briathran seo uile. 25 Agus ged rinn Elnàtan, agus Delaiah, agus Gemeriah eadar-ghuidhe ris an rìgh, nach loisgeadh e an clàr, gidheadh chan èisdeadh e riu. 26 Agus dh’àithn an rìgh do Ierahmeel mac Hameleich, agus do Sheraiah mac Asrieil, agus do Shelemiah mac Abdeeil, Baruch an sgrìobhaiche agus Ieremiah am fàidh a ghlacadh: ach dh’fhalaich an Tighearna iad. 27 An sin thàinig facal an Tighearna gu Ieremiah (an dèidh don rìgh an clàr agus na briathran a sgrìobh Baruch o bheul Ieremiah a losgadh), ag ràdh, 28 Gabh thugad a‑rìs clàr eile, agus sgrìobh ann na h‑uile bhriathran ceudna bha anns a’ chiad chlàr, a loisg Iehoiacim rìgh Iùdah. 29 Agus their thu ri Iehoiacim rìgh Iùdah, Mar seo deir an Tighearna, Loisg thu an clàr seo, ag ràdh, Cuime an do sgrìobh thu ann, ag ràdh, Thig rìgh Bhàbiloin gu deimhinn, agus sgriosaidh e am fearann seo, agus gearraidh e gach duine agus gach beathach a‑mach as? 30 Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna a‑thaobh Iehoiacim rìgh Iùdah, Cha bhi aige neach a shuidheas air rìgh-chathair Dhaibhidh, agus tilgear a chairbh a‑mach a‑chum an teas anns an là, agus a‑chum an reodhaidh anns an oidhche. 31 Agus nì mise peanas air fhèin agus air a shliochd, agus air a sheirbhisich, airson an easaontais, agus bheir mi orrasan, agus air luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus air fir Iùdah, an t‑olc sin uile a labhair mi nan aghaidh; ach cha d’èisd iad. 32 An sin ghabh Ieremiah clàr eile, agus thug e do Bharuch mac Neriah, an sgrìobhaiche, e, a sgrìobh ann o bheul Ieremiah uile bhriathran an leabhair a loisg Iehoiacim rìgh Iùdah anns an teine; agus chuireadh os bàrr riu mòran de bhriathran eile cosmhail riu sin. |