Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ieremiah 35 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Am facal a thàinig gu Ieremiah on Tighearna, ann an làithean Iehoiacim mhic Iosiah rìgh Iùdah, ag ràdh,

2 Imich gu taigh nan Rechabach, agus labhair riu, agus thoir iad a‑chum taigh an Tighearna gu aon de na seòmraichean, agus thoir dhaibh fìon ra òl.

3 An sin ghabh mi Iaasaniah mac Ieremiah, mhic Habasiniah, agus a bhràithrean, agus uile mhic, agus uile theaghlach nan Rechabach:

4 Agus thug mi iad gu taigh an Tighearna, gu seòmar mic Hanain mhic Igdaliah, òglach Dhè, a bha ri taobh seòmar nan uachdaran, a bha ri taobh seòmar Mhaaseiah mhic Shaluim, fear-gleidhidh an dorais:

5 Agus chuir mi air beulaibh mic taigh nan Rechabach soireachan làn fìona, agus cupain; agus thubhairt mi riu, Olaibh fìon.

6 Ach thubhairt iadsan, Chan òl sinne fìon: oir thug Ionadab mac Rechaib ar n‑athair àithne dhuinn, ag ràdh, Na òlaibh-se fìon, sibh fhèin no ur mic gu bràth.

7 Cha mhò a thogas sibh taigh, no a chuireas sibh sìol, no a shuidhicheas sibh fìonlios, no a bhios aon agaibh; ach fad ur n‑uile làithean nì sibh còmhnaidh ann am bùthan, a‑chum gum mair sibh mòran làithean anns an fhearann anns a bheil sibh nur coigrich.

8 Agus thug sinn gèill do ghuth Ionadaib mhic Rechaib ar n‑athar, anns gach nì a chuir e mar fhiachaibh oirnn, gun fhìon air bith òl fad ar n‑uile làithean, sinn fhèin, ar mnathan, ar mic, no ar nigheanan;

9 No taighean a thogail dhuinn fhèin gu còmhnaidh a ghabhail annta: cha mhò a tha againn fìonlios, no achadh, no sìol.

10 Ach ghabh sinn còmhnaidh ann am bùthan, agus thug sinn gèill, agus rinn sinn a rèir gach nì a dh’àithn ar n‑athair Ionadab dhuinn.

11 Ach thàrladh, nuair a thàinig Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin a‑nìos don fhearann, gun dubhairt sinn, Thigibh, agus rachamaid gu Ierusalem, air eagal feachd nan Caldèanach, agus air eagal feachd nan Sirianach: air an adhbhar sin tha sinn a chòmhnaidh ann an Ierusalem.

12 An sin thàinig facal an Tighearna gu Ieremiah, ag ràdh,

13 Mar seo tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Imich agus abair ri fir Iùdah, agus ri luchd-àiteachaidh Ierusaleim, Nach gabh sibh ri teagasg, a thoirt èisdeachd dom bhriathran-sa? deir an Tighearna.

14 Tha briathran Ionadaib mhic Rechaib, a dh’àithn e da mhic gun fhìon òl, air an coileanadh; oir gus an là‑an‑diugh chan òl iad fìon sam bith, ach tha iad umhail do àithne an athar: gidheadh labhair mise ribhse, ag èirigh gu moch agus a’ labhairt, ach cha d’èisd sibh rium.

15 Chuir mi dur n‑ionnsaigh mar an ceudna m’uile sheirbhisich na fàidhean, ag èirigh gu moch agus gan cur a mach, ag ràdh, Tillibh a‑nis, gach aon o a dhroch shlighe, agus leasaichibh ur dèanadas, agus na rachaibh air lorg dhiathan eile gu seirbhis a thoirt dhaibh agus gabhaibh còmhnaidh anns an fhearann a thug mise dhuibh, agus dur n‑athraichean: ach cha d’aom sibh ur cluas, cha mhò a thug sibh èisdeachd dhomh.

16 A chionn gun do choilean mic Ionadaib, mac Rechaib, àithne an athar, a dh’àithn e dhaibh, ach nach d’èisd an sluagh seo riumsa;

17 Air an adhbhar sin, mar seo deir Iehòbhah, Dia nan sluagh, Dia Israeil: Feuch, bheir mise air Iùdah, agus air uile luchd-àiteachaidh Ierusaleim, an t‑olc sin uile a labhair mi nan aghaidh: a chionn gun do labhair mi riu, ach nach d’èisd iad; agus gun do ghlaodh mi riu, ach nach do fhreagair iad.

18 Agus ri teaghlach nan Rechabach thubhairt Ieremiah, Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, A chionn gun tug sibhse gèill do àithne Ionadaib ur n‑athair, agus gun do choimhead sibh a uile iarrtasan, agus gun do rinn sibh a rèir gach nì a dh’àithn e dhuibh;

19 Uime sin, mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Cha bhi Ionadab mac Rechaibh gun duine aige gu seasamh ann am làthair-sa gu bràth.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan