Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ieremiah 33 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Os bàrr, thàinig facal an Tighearna gu Ieremiah an dara uair (an tràth bha e fhathast air a dhruideadh suas ann an cùirt a’ phrìosain), ag ràdh,

2 Mar seo deir an Tighearna a rinn e, an Tighearna a dhealbh e, a tha fòs ga dhaingneachadh; is e a ainm Iehòbhah;

3 Glaodh riumsa, agus freagraidh mi thu, agus feuchaidh mi dhut nithean mòra agus cumhachdach, air nach eil thu eòlach.

4 Oir mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, a‑thaobh taighean na cathrach seo, agus a‑thaobh taighean rìghrean Iùdah, a tha air an tilgeadh sìos leis na h‑innealan-brisidh, agus leis a’ chlaidheamh;

5 A tha air teachd gu cogadh air taobh nan Caldèanach, agus gu an lìonadh le cuirp mharbha nan daoine a bhuail mise ann am fheirg, agus ann am chorraich, agus a thug orm, airson an uile aingidheachd, mo ghnùis fhalach on chathair seo:

6 Feuch, bheir mi dhi slàinte agus leigheas, agus nì mi an slànachadh; agus nochdaidh mi dhaibh pailteas sìthe agus fìrinn.

7 Agus bheir mi air a h‑ais bruid Iùdah, agus bruid Israeil; agus togaidh mi iad, mar air tùs.

8 Agus glanaidh mi iad on uile aingidheachd, leis an do chiontaich iad am aghaidh; agus maithidh mi an uile lochdan, leis an do pheacaich iad, agus leis an do rinn iad ceannairc am aghaidh.

9 Agus bidh a’ chathair seo dhòmhsa na h‑ainm sòlais, na moladh, agus na maise, am measg uile chinnich na talmhainn, a chluinneas gach uile mhath a nì mise dhaibh: agus bidh eagal agus crith orra, airson an uile mhaitheis, agus airson an uile shoirbheachaidh a dheònaicheas mise dhaibh.

10 Mar seo deir an Tighearna, A‑rìs cluinnear anns an àite seo (mum bheil sibhse ag ràdh, Tha e fàs gun duine agus gun ainmhidh, eadhon ann an cathraichean Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim, a tha fàs, gun duine, eadhon gun fhear-àiteachaidh, agus gun ainmhidh),

11 Guth aoibhneis, agus guth subhachais, guth an fhir nuadh-phòsda, agus guth na mnà nuadh-phòsda; guth na muinntir a their, Molaibh-se Tighearna nan sluagh, oir tha an Tighearna math, oir tha a thròcair buan gu sìorraidh; agus na muinntir a bheir an ìobairt-mholaidh gu taigh an Tighearna: oir bheir mise air a h‑ais bruid an fhearainn, mar air tùs, deir an Tighearna.

12 Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Fhathast anns an àite seo a tha fàs, gun duine agus gun ainmhidh, agus na uile bhailtean, bidh àite-còmhnaidh nam buachaillean a’ toirt air an treudan laighe sìos.

13 Ann am bailtean nam beann, agus ann am bailtean a’ chòmhnaird, agus ann am bailtean na h‑àird a deas, agus ann am fearann Bheniàmin, agus anns na h‑ionadan timcheall Ierusaleim, agus ann am bailtean Iùdah, siùbhlaidh na treudan a‑rìs fo làimh an tì a ghabhas an àireamh, deir an Tighearna.

14 Feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an coilean mise an nì math sin a gheall mi do thaigh Israeil, agus do thaigh Iùdah.

15 Anns na làithean sin, agus anns an àm sin, bheir mise air Meanglan fìreantachd fàs suas do Dhaibhidh, agus cuiridh e an gnìomh breitheanas agus ceartas air an talamh.

16 Anns na làithean sin tèarnar Iùdah, agus gabhaidh Ierusalem còmhnaidh ann an tèarainteachd: agus is e seo esan ris an goirear Iehòbhah ar Fìreantachd.

17 Oir mar seo tha Iehòbhah ag ràdh, Cha bhi gu bràth a dh’uireasbhaidh air Daibhidh duine a shuidheas air rìgh-chathair taigh Israeil;

18 Cha mhò a bhios na sagartan, na Lèbhithich, gun duine ann am làthair-sa, a dh’ìobradh thabhartas-loisgte, agus a losgadh thabhartas-bìdh, agus a dhèanamh ìobairt an còmhnaidh.

19 Thàinig facal an Tighearna fòs gu Ieremiah, ag ràdh,

20 Mar seo deir an Tighearna, Ma dh’fhaodar leibh mo choicheangal-sa ris an là a bhriseadh, agus mo choicheangal ris an oidhche, agus nach bi là no oidhche ann nan àm fhèin;

21 An sin fòs faodar mo choicheangal-sa ri Daibhidh m’òglach a bhriseadh, gun mhac a bhith aige gu riaghladh air a rìgh-chathair; agus ris na Lèbhithich, na sagartan, mo luchd-frithealaidh.

22 Mar nach faod feachd nèimh a bhith air àireamh, no gaineamh na fairge a bhith air a tomhas: is amhlaidh a nì mise lìonmhor sliochd Dhaibhidh m’òglach, agus na Lèbhithich a tha a’ frithealadh dhomh.

23 Os bàrr, thàinig facal an Tighearna gu Ieremiah, ag ràdh,

24 A bheil thu a’ toirt fa‑near ciod a tha an sluagh seo a’ labhairt, ag ràdh, An dà theaghlach a roghnaich an Tighearna, rinn e an tilgeadh uaithe? Agus rinn iad dìmeas air mo shluagh-sa, air chor is nach eil iad gam meas nas mò mar chinneach.

25 Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Mura eil mo choicheangal-sa ris an là agus ris an oidhche; reachdan nèimh agus na talmhainn mura do shocraich mi;

26 An sin tilgidh mi uam sliochd Iàcoib, agus Dhaibhidh m’òglach, gun aon de a shliochd a ghabhail, gu bhith nan luchd-riaghlaidh thar sliochd Abrahàim, Isaaic, agus Iàcoib: oir bheir mi air a h‑ais am bruid, agus nì mi tròcair orra.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan