Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ieremiah 28 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus thàrladh anns a’ bhliadhna sin fhèin, an toiseach linn Shedeciah rìgh Iùdah, anns a’ cheathramh bliadhna anns a’ chòigeamh mìos, gun do labhair Hananiah mac Asuir, am fàidh a bha o Ghibeon, riumsa ann an taigh an Tighearna, an làthair nan sagart agus an t‑sluaigh uile, ag ràdh,

2 Mar seo labhair Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Bhris mise cuing rìgh Bhàbiloin.

3 An ceann dà bhliadhna iomlan bheir mise air an ais a‑chum an àite seo uile shoithichean taigh an Tighearna, a thug Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin air falbh on àite seo, agus a ghiùlain e gu Bàbilon.

4 Agus bheir mi a‑chum an àite seo a‑rìs Ieconiah mac Iehoiacim rìgh Iùdah, maille ri uile bhraighdean Iùdah, a dh’imich gu Bàbilon, deir an Tighearna; oir brisidh mise cuing rìgh Bhàbiloin.

5 Agus thubhairt am fàidh Ieremiah ris an fhàidh Hananiah, an làthair nan sagart, agus an làthair an uile shluaigh a bha nan seasamh ann an taigh an Tighearna,

6 Thubhairt eadhon am fàidh Ieremiah, Amen: gun dèanadh an Tighearna mar sin; gun coileanadh an Tighearna do bhriathran a rinn thu fhàistneachd, le soithichean taigh an Tighearna, agus gach nì eile a thugadh air falbh ann am bruid, a thoirt air an ais o Bhàbilon a‑chum an àite seo.

7 Gidheadh cluinn thusa a‑nis am facal seo a tha mise a’ labhairt ann ad èisdeachd, agus ann an èisdeachd an t‑sluaigh uile;

8 Na fàidhean a bha romhamsa agus romhadsa o shean, rinn iad fàistneachd araon a‑thaobh mòran dhùthchannan, agus a‑thaobh rìoghachdan mòra, air cogadh agus air gort, agus air plàigh.

9 Am fàidh a nì fàistneachd mu shìth, nuair a thig facal an fhàidh gu crìch, aithnichear gur e an Tighearna gu deimhinn a chuir am fàidh sin a‑mach.

10 An sin thug am fàidh Hananiah a’ chuing bhàrr muineal an fhàidh Ieremiah, agus bhris e i.

11 Agus labhair Hananiah an làthair an t‑sluaigh uile, ag ràdh, Mar seo deir an Tighearna, Amhail seo brisidh mise cuing Nebuchadnesair rìgh Bhàbiloin o mhuineal nan uile chinneach an taobh a‑staigh de dhà bhliadhna iomlan. Agus dh’fhalbh am fàidh Ieremiah roimhe.

12 Agus thàinig facal an Tighearna gu Ieremiah (an dèidh don fhàidh Hananiah a’ chuing a bhriseadh bhàrr muineal an fhàidh Ieremiah), ag ràdh,

13 Imich agus labhair ri Hananiah, ag ràdh, Mar seo deir an Tighearna, na cuibhrichean fiodha bhris thu, ach nì thu nan àite cuibhrichean iarainn.

14 Oir mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Cuing iarainn chuir mise air muineal nan cinneach seo uile, a‑chum gun tugadh iad gèill do Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin; agus bheir iad gèill dha; agus beathaichean na machrach thug mi dha mar an ceudna.

15 An sin thubhairt am fàidh Ieremiah ris an fhàidh Hananiah, Eisd a‑nis, a Hananiah; cha do chuir an Tighearna fios leatsa, ach tha thu a’ toirt air an t‑sluagh seo earbsa a dhèanamh à brèig.

16 Uime sin mar seo deir an Tighearna, Feuch, tilgidh mise thu bhàrr aghaidh na talmhainn; air a’ bhliadhna seo gheibh thu bàs, a chionn gun do labhair thu ceannairc an aghaidh an Tighearna.

17 Mar sin fhuair am fàidh Hananiah bàs air a’ bhliadhna sin fhèin, anns an t‑seachdamh mìos.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan