Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ieremiah 22 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Mar seo thubhairt an Tighearna, Falbh sìos gu taigh rìgh Iùdah, agus an sin labhraidh tu am facal seo,

2 Agus their thu, Cluinn facal an Tighearna, O rìgh Iùdah, a tha ad shuidhe air rìgh-chathair Dhaibhidh, thu fhèin, agus d’òglaich; agus do shluagh a tha a’ dol a‑steach air na dorsan seo;

3 Mar seo deir an Tighearna, Cuiribh an gnìomh breitheanas agus ceartas, agus saoraibh an duine sàraichte o làimh an fhir-shàrachaidh: agus na dèanaibh foill: na dèanaibh ainneart air a’ choigreach, air an dìlleachdan, air a’ bhantraich, cha mhò a dhòirteas sibh fuil neo-chiontach anns an àite seo.

4 Oir ma nì sibh gun amharas a rèir an fhacail seo, an sin thig a‑steach air geatachan an taighe seo rìghrean a shuidheas ann an àite Dhaibhidh, air a rìgh-chathair, a’ marcachd air carbadan agus air eich, gach aon, a òglaich, agus a shluagh.

5 Ach mura toir sibh èisdeachd do na briathran seo, orm fhèin thug mise mionnan, deir an Tighearna, Gu cinnteach nìthear ionad fàs den taigh seo.

6 Oir mar seo thubhairt an Tighearna a‑thaobh taigh rìgh Iùdah, Tha thu mar Ghilead dhòmhsa, O mhullaich Lebanoin; ach nì mi gu cinnteach fàsach dhìot, bailtean nach bi àitichte.

7 Agus òrdaichidh mi ann ad aghaidh luchd-millidh, gach aon le a airm; agus gearraidh iad sìos rogha do sheudar, agus tilgidh iad anns an teine iad.

8 Agus gabhaidh mòran chinneach seachad air a’ chathair seo, agus their iad, gach aon ra choimhearsnach, Carson a rinn an Tighearna mar seo ris a’ chathair mhòir seo?

9 An sin freagraidh iad, A chionn gun do thrèig iad coicheangal an Tighearna an Dia, agus gun tug iad adhradh do dhiathan coimheach, agus gun do rinn iad seirbhis dhaibh.

10 Na guilibh airson a’ mhairbh, cha mhò a nì sibh caoidh air a shon: guilibh gu goirt air a shon-san a dh’imich air falbh: oir cha till e nas mò, agus chan fhaic e tuilleadh tìr a dhùthchais.

11 Oir mar seo deir Iehòbhah mu thimcheall Shaluim mhic Iosiah, rìgh Iùdah, a rìghich an àite Iosiah a athair, a chaidh a‑mach as an àite seo, Cha till e thuige nas mò:

12 Ach anns an àite gus an tug iad air falbh e ann am braighdeanas, gheibh e bàs; agus an tìr seo chan fhaic e nas mò.

13 Is an‑aoibhinn dhàsan a thogas a thaigh le eucoir, agus àrd-sheòmraichean le ana-cothrom; a ghabhas saothair a choimhearsnaich an asgaidh, agus airson obrach nach toir dha dìoladh.

14 A tha ag ràdh, Togaidh mi dhomh fhèin taigh mòr, agus seòmraichean farsaing; a’ gearradh a‑mach dha fhèin mar an ceudna uinneagan, ga chòmhdachadh fòs le seudar, agus ga dhath le corcar.

15 An rìgh thu a chionn gu bheil thu gad dhùnadh fhèin ann an seudar? Nach d’ith agus nach d’òl d’athair, agus nach do rinn e cothrom agus ceartas? An sin shoirbhich leis.

16 Dhìon e cùis a’ bhochd agus an fheumaich; an sin dh’èirich gu math dha. Nach b’e seo eòlas a ghabhail ormsa? deir an Tighearna.

17 Ach chan eil do shùilean-sa agus do chridhe ach air d’ana-miannan fhèin, agus air fuil nan neochiontach, a‑chum a dòrtadh, agus air sàrachadh agus fòirneart, a‑chum a dhèanamh.

18 Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna mu thimcheall Iehoiacim mhic Iosiah rìgh Iùdah, Cha dèan iad caoidh air a shon, ag ràdh, Och mo bhràthair! no, Och mo phiuthar! Cha dèan iad caoidh air a shon, ag ràdh, Och a thighearna! no, Och a ghlòir-san!

19 Le adhlacadh asail adhlaicear e, air a tharraing air falbh, agus air a thilgeadh an taobh a‑muigh de gheatachan Ierusaleim.

20 Imich suas gu Lebanon agus èigh; agus air Basan tog an àird do ghuth, agus glaodh o na crìochan mun cuairt, oir chlaoidheadh iadsan uile a thug gràdh dhut.

21 Labhair mi riut ann an àm do shoirbheachaidh, thubhairt thu, Chan èisd mi; b’e seo do chleachdadh od òige.

22 A chionn nach d’èisd thu rim ghuth-sa, ithidh osann suas an t‑iomlan ded aodhairean, agus imichidh do luchd-gaoil air falbh ann am braighdeanas: gu cinnteach an sin bidh nàire ort, agus còmhdaichear thu le amhluadh airson d’uile dhroch dhèanadais.

23 O thusa a tha ag àiteachadh Lebanoin, a tha a’ dèanamh do nid ann an seudaran, cia gràsmhor a bhios tu nuair a nì piantan greim ort, goimh amhail mnà ri saothair!

24 Mar as beò mise, deir an Tighearna, ged b’e Coniah mac Iehoiacim rìgh Iùdah, am fàinne air mo làimh dheis, gidheadh as a sin dhèanainn do spìonadh;

25 Agus bheir mi thu do làimh na muinntir a tha ag iarraidh d’anama, agus do làimh na muinntir ro a bheil eagal ort, eadhon do làimh Nebuchadresair rìgh Bhàbiloin, agus do làimh nan Caldèanach.

26 Agus tilgidh mi a‑mach thu fhèin, agus do mhàthair a rug thu, gu dùthaich choimhich, far nach robh sibh air ur breith, agus an sin gheibh sibh bàs.

27 Agus gus an talamh dom bu mhiannach leo tilleadh, gu sin cha till iad.

28 An dealbh suarach briste an duine seo Coniah? No an soitheach e anns nach eil aig aon neach tlachd? Cuime a bheil iad air an tilgeadh a‑mach, e fhèin agus a shliochd, agus air an iomain gu tìr anns nach eil iad eòlach?

29 O thalamh, a thalamh, a thalamh! Cluinn facal an Tighearna.

30 Mar seo deir an Tighearna, Sgrìobhaibh-se am fear seo gun chlann, duine nach soirbhich na làithean; oir cha soirbhich duine de a shliochd a shuidheas air cathair Dhaibhidh, agus a riaghlas na dhèidh seo ann an Iùdah.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan