Ieremiah 19 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Mar seo thubhairt Iehòbhah riumsa, Falbh agus faigh criadh-shoitheach creadhadair, agus thoir leat cuid de sheanairean an t‑sluaigh, agus de sheanairean nan sagart; 2 Agus thèid thu a‑mach gu gleann mac Hinoim, a tha fa chomhair a’ gheata Harsit, agus glaodhaidh tu anns an àite sin na briathran a labhras mise riut; 3 Agus their thu, Eisdibh-se facal an Tighearna, O a rìghrean Iùdah, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim: Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, feuch, bheir mise olc air an àite seo, a bheir air neach sam bith a chluinneas e gum bi gaoir na chluasan. 4 A chionn gun do thrèig iad mise, agus gun do rinn iad an t‑àite seo coimheach, agus gun do loisg iad tùis ann do dhiathan eile, nach b’aithne dhaibh; iad fhèin, agus an athraichean, agus rìghrean Iùdah, agus gun do lìon iad an t‑àite seo le fuil neochiontaich: 5 Agus gun do thog iad ionadan àrda Bhàail, a‑chum am mic a losgadh anns an teine, mar thabhartasan-loisgte do Bhàal; nì nach d’àithn mise, cha mhò a labhair mi, cha mhò a thàinig e ann am aire: 6 Uime sin, feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns nach abrar ris an àite seo nas mò Tophet, no gleann mac Hinoim, ach gleann a’ mharbhaidh. 7 Agus cuiridh mise gu neo-bhrìgh comhairle Iùdah agus Ierusaleim anns an àite seo; agus bheir mi orra tuiteam leis a’ chlaidheamh an làthair an naimhdean, agus le làimh na muinntir a tha ag iarraidh an anama: agus bheir mi an colainnean mar bhiadh do eunlaith an adhair, agus do bheathaichean na talmhainn. 8 Agus nì mi a’ chathair seo na fàsach, agus na ball-sgeig: bidh mòr-ioghnadh air gach neach a thèid seachad oirre, agus nì e sgeig airson a h‑uile phlàighean. 9 Agus bheir mise orra gun ith iad feòil am mac, agus feòil an nigheanan; agus ithidh iad, gach aon, feòil a charaid, anns a’ chogadh, agus anns an teinn, leis an teannaichear iad len naimhdean, agus leòsan a tha ag iarraidh an anama. 10 An sin brisidh tu an soitheach ann an sealladh nan daoine a thèid maille riut. 11 Agus their thu riu, Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Amhail seo brisidh mise an sluagh seo, agus a’ chathair seo, mar a bhriseas neach soitheach a’ chreadhadair, nach faodar a shlànachadh a‑rìs; agus adhlaicear daoine ann an Tophet, gus nach bi àite ann gu adhlacadh. 12 Mar seo nì mise ris an àite seo, deir an Tighearna, agus ra luchd-còmhnaidh, air chor is gun dèanar a’ chathair seo eadhon mar Thophet. 13 Agus bidh taighean Ierusaleim, agus taighean rìghrean Iùdah, amhail ionad Thophet, neòghlan; maille ris na taighean sin air fad, air mullach an do loisg iad tùis do uile fheachd nèimh, agus a dhòirt iad ìobairtean-dibhe a‑mach do dhiathan coimheach. 14 Agus thàinig Ieremiah o Thophet, gus an do chuir an Tighearna e gu fàistneachd; agus sheas e ann an cùirt taigh an Tighearna, agus thubhairt e ris an t‑sluagh uile, 15 Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Feuch, bheir mise air a’ chathair seo, agus air a h‑uile bhailtean, an t‑olc sin uile a labhair mi na h‑aghaidh; a chionn gun do rinn iad am muineal rag, air chor is nach èisdeadh iad rim bhriathran. |