Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ieremiah 18 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Am facal a thàinig a dh’ionnsaigh Ieremiah on Tighearna, ag ràdh,

2 Eirich, agus imich sìos gu taigh a’ chreadhadair, agus an sin bheir mise ort mo bhriathran a chluinntinn.

3 An sin chaidh mi sìos gu taigh a’ chreadhadair, agus, feuch, bha e a’ dèanamh obrach air na leacan.

4 Agus bha an soitheach a bha e a’ dèanamh de chriadh air a mhilleadh ann an làimh a’ chreadhadair; an sin rinn e dheth a‑rìs soitheach eile, mar a chunnacas ceart don chreadhadair a dhèanamh.

5 An sin thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,

6 O thaigh Israeil, nach faod mise a dhèanamh ribhse mar an creadhadair seo? deir an Tighearna. Feuch, mar a’ chriadh an làimh a’ chreadhadair, is amhail sin sibhse ann am làimh-sa, O thaigh Israeil.

7 Cuin air bith a labhras mise mu thimcheall cinnich, agus mu thimcheall rìoghachd, gu spìonadh a‑nìos, gu leagail sìos, agus gu sgrios;

8 Ma thilleas an cinneach sin, an aghaidh an do labhair mi, on olc, gabhaidh mise aithreachas den olc a bha ann am aire a thoirt orra.

9 Agus cuin air bith a labhras mi mu thimcheall cinnich, agus mu thimcheall rìoghachd, gu a thogail, agus gu a shuidheachadh;

10 Agus gun dèan e an nì sin a tha olc ann am shealladh, agus nach bi e umhail dom ghuth; an sin gabhaidh mi aithreachas den mhath a bha romham a dhèanamh dhaibh.

11 A‑nis, uime sin, imich agus labhair ri fir Iùdah, agus ri luchd-àiteachaidh Ierusaleim, ag ràdh, Mar seo deir an Tighearna, Feuch, tha mise a’ cumadh uilc nur n‑aghaidh, agus a’ dealbh innleachd nur n‑aghaidh: tillibh a‑nis gach aon o a dhroch shlighe, agus leasaichibh ur slighean agus ur gnìomharan.

12 Ach thubhairt iadsan, Chan eil dòchas ann; oir gluaisidh sinn a rèir ar smuainte fhèin, agus nì sinn, gach aon a rèir togradh a dhroch chridhe fhèin.

13 Uime sin mar seo deir an Tighearna, Feòraichibh a‑nis am measg nan cinneach, cò a chuala an samhail seo de nithean? Rinn òigh Israeil nì ro‑ghràineil.

14 An trèig duine mo mhagh-sa airson carraig, airson sneachd Lebanoin? An trèigear am fuar uisge-ruith airson uisgeachan eile?

15 Ach dhìochuimhnich mo shluagh mise, loisg iad tùis do dhìomhanas, agus thug iad orra tuisleachadh nan slighean a bha nan seann ròidean, gu gluasad air ceuman eile, air slighe nach eil dèante;

16 A‑chum am fearann a dhèanamh fàs, na bhall-àbhachdais bithbhuan: gabhaidh gach neach a thèid seachad air mòr-iongantas, agus crathaidh e a cheann.

17 Sgapaidh mise iad mar gum b’ann le gaoith an ear ron nàmhaid; tionndaidhidh mi riu mo chùl, agus chan i m’aghaidh, ann an là an lèirsgrios.

18 An sin thubhairt iad, Thigibh, agus dealbhamaid innleachdan an aghaidh Ieremiah: oir cha bhàsaich an reachd on t‑sagart, no comhairle on eagnaidh, no am facal on fhàidh. Thigibh, agus buaileamaid e leis an teangaidh, agus na tugamaid aire do aon de a bhriathran.

19 Thoir thusa, O Iehòbhah, aire dhomh, agus cluinn guth na muinntir a tha ri strì rium.

20 An dìolar olc airson maith? Gu cinnteach chladhaich iad sloc airson m’anama. Cuimhnich cionnas a sheas mi ann ad fhianais, a dhèanamh eadar-ghuidhe a‑chum an leas, a thionndadh do chorraich air falbh uapa.

21 Uime sin thoir thusa thairis an clann don ghorta, agus thoir orra leaghadh as le neart a’ chlaidheimh; biodh am mnathan air am fàgail gun chlann, agus iad nam bantraichean, agus faigheadh am fir bàs leis a’ phlàigh, agus marbhar an òganaich anns an àraich leis a’ chlaidheamh.

22 Cluinnear gaoir as an taighean, an tràth bheir thusa feachd orra gu h‑obann; oir chladhaich iad sloc gu mise a ghlacadh, agus shuidhich iad lìontan airson mo chas.

23 Ach agadsa, O Thighearna, tha fhios air an innleachdan uile an aghaidh m’anama; na maith an cionta, agus na glan an lochd a‑mach à d’fhianais: ach tilgear iad thairis ann ad làthair; tionnsgain nan aghaidh ann an àm do chorraich.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan