Ieremiah 17 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Tha peacadh Iùdah air a sgrìobhadh le peann iarainn; le roinn daoimein tha e air a ghearradh, air clàr an cridhe, agus air adhaircean an altairean: 2 Am feadh tha an clann a’ cuimhneachadh an altairean, agus an doireachan, air na cruinn uaine, air na cnuic àrda. 3 O mo shliabh anns a’ mhachair! Do mhaoin, agus do thaisgeachan gu h‑iomlan, bheir mi thairis don chreich; d’ionadan làidir airson peacaidh, air feadh d’uile chrìochan. 4 Agus fògrar thu, eadhon thusa fhèin, od oighreachd a thug mi dhut; agus bheir mi ort seirbhis a dhèanamh dod naimhdean ann an tìr anns nach eil thu eòlach: a chionn gun d’fhadaidh sibh, ann am fheirg-sa, teine a loisgeas gu sìorraidh. 5 Mar seo deir an Tighearna, Is mallaichte an neach a chuireas a dhòchas ann an duine, agus a nì feòil na gàirdean dha, agus aig a bheil cridhe a tha a’ claonadh air falbh on Tighearna: 6 Oir bidh e mar phreas seargte anns an ionad sgaoilte, nach mothaich am math nuair a thig e; ach a tha ag àiteachadh ionadan loisgte an fhàsaich, fearainn gun toradh agus gun chòmhnaidh. 7 Is beannaichte an neach a dh’earbas as an Tighearna, agus a chuireas a dhòchas ann an Iehòbhah: 8 Oir bidh e mar chraoibh air a suidheachadh ri taobh nan uisgeachan, a sgaoileas a‑mach a freumhan ri taobh an t‑srutha, agus nach mothaich cuin a thig an tart: ach aig am bi a duilleach uaine, agus air nach bi iomagain ann am bliadhna na tiormachd, cha mhò a sguireas i de thoirt seachad toraidh. 9 Tha an cridhe cealgach thar na h‑uile nithean, agus tha e do‑leigheas; cò as urrainn a thuigsinn? 10 Tha mise Iehòbhah a’ rannsachadh a’ chridhe, agus a’ sgrùdadh nan àirnean, a‑chum gun tabhair mi do gach neach a rèir a shlighe, agus a rèir toradh a dhèanadais. 11 Mar a’ chearc a nì gur air uibhean, agus nach toir a‑mach eòin, tha esan a gheibh beartas, ach nach ann le còir; ann am meadhon a làithean dealaichidh e ris; agus na chrìch dheireannaich bidh e na amadan. 12 Is rìgh-chathair ghlòrmhor, àrdaichte o chian, àite ar n‑ionaid naoimh-ne. 13 O Thighearna, cuspair-dòchais Israeil, bidh amhluadh air gach aon a thrèigeas thu; sgrìobhar iad nan luchd-ceannairc as an talamh; a chionn gun do thrèig iad an Tighearna, tobar nan uisgeachan beò. 14 Leighis mi, O Thighearna, agus bidh mi air mo leigheas; slànaich mi, agus bidh mi air mo shlànachadh; oir is tu mo mholadh. 15 Feuch, tha iad seo ag ràdh riu, Càit a bheil facal an Tighearna? Thigeadh e a‑nis. 16 Ach cha do rinn mi deifir o bhith am fhear-coimhead ad dhèidh-sa, agus là na h‑iargain cha d’iarr mi; agad fhèin tha fhios air an nì a thàinig a‑mach as mo bheul, bha e ann ad làthair. 17 Na bi ad uamhas dhomh; is tu mo dhìdean ann an là na h‑airce. 18 Biodh nàire air a’ mhuinntir a tha gam ruagadh, ach na nàraichear mise: biodh iadsan fo gheilt, ach na biodh geilt ormsa; thoir thusa orra là na dòrainn, agus le sgrios ath-bhuailte sgrios iad. 19 Mar seo thubhairt an Tighearna rium, Falbh agus seas ann an geata clann an t‑sluaigh, air an tig rìghrean Iùdah a‑steach, agus air an tèid iad a‑mach, agus ann an uile gheatachan Ierusaleim; 20 Agus abair riu, Cluinnibh-se facal an Tighearna, a rìghrean Iùdah, agus a Iùdah uile, agus uile luchd-àiteachaidh Ierusaleim, a tha a’ teachd a‑steach air na geatachan seo. 21 Mar seo deir an Tighearna, Thugaibh aire dhuibh fhèin, agus na giùlainibh uallach air bith air là na sàbaid, agus na tugaibh a‑steach i air geatachan Ierusaleim; 22 Cha mhò a bheir sibh a‑mach uallach as ur taighean air là na sàbaid, cha mhò a nì sibh obair air bith, ach naomhaichibh là na sàbaid, mar a dh’àithn mise do ur n‑athraichean. 23 Ach cha tug iadsan gèill, cha mhò a dh’aom iad an cluas, ach rinn iad am muineal rag, air chor is nach èisdeadh iad, agus air chor is nach gabhadh iad teagasg. 24 Ach tàrlaidh, ma dh’èisdeas sibh gu cùramach riumsa, deir an Tighearna, gun uallach sam bith a thoirt a‑steach tro gheatachan a’ bhaile seo air là na sàbaid, ach là na sàbaid a naomhachadh, gun obair sam bith a dhèanamh air: 25 An sin thèid a‑steach air geatachan a’ bhaile seo rìghrean agus prionnsachan, nan suidhe air rìgh-chathair Dhaibhidh, a’ marcachd air carbadan agus air eich, iad fhèin agus an ceannardan, fir Iùdah, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim; agus daingnichear gu bràth a’ chathair seo. 26 Agus thig iad o bhailtean Iùdah, agus o na h‑àiteachan timcheall Ierusaleim, agus o fhearann Bheniàmin, agus on chòmhnard, agus o na beanntan, agus on àird a deas, a’ toirt leo thabhartas-loisgte, agus ìobairtean, agus thabhartas-bìdh, agus tùise, a’ toirt ìobairtean-molaidh gu taigh an Tighearna. 27 Ach mura èisd sibh riumsa, a‑chum là na sàbaid a naomhachadh, agus gun uallach a ghiùlan, a’ dol a‑steach air geatachan Ierusaleim air là na sàbaid, an sin fadaidh mise teine na geatachan, agus loisgidh e lùchairtean Ierusaleim, agus chan fhaodar a mhùchadh. |